Gliocas Sholaimh 19
19
CAIB. XIX.
1A thaobh nan daoine an‑diadhaidh, thàinig fearg orra gun tròcair chum na crìche: oir bha fios aige roimh làimh ciod a dheanadh iad;
2Ciamar, air da cead teichidh a thoirt doibh, agus an cur gu cabhagach air falbh, a dheanadh iad aithreachas, agus a leanadh siad iad.
3Oir ʼn àm doibh a bhi fathasd ri caoidh, agus aʼ tuireadh aig uaighibh nam marbh, dhealbh iad innleachd amaideach eile, agus chuir iad an ruag orra‑san mar dhìobairich, air an do ghuidh iad teicheadh.
4Oir tharruing an sònrachadh, air an robh iad airidh, iad chum na crìche so, agus thug e orra na nithe sin a dhì‑chuimhneachadh a thachair a cheana, chum gu ʼn coimhlionadh iad an peanas a bha a dhìth air an àmhghairibh:
5Agus gu ʼn gluaiseadh do phobull‑sa air slighe iongantaich; ach dhʼ fheudadh iad bàs neònach fhaotuinn.
6Oir bha ʼn creutair gu h‑iomlan, ʼna nàdair freagarrach fein air ath‑dhealbhadh as ùr, aʼ toirt ùmhlachd do na h‑àitheantaibh sònraichte a thugadh dhoibh, chum gu ʼm biodh do chlann air an gléidheadh gun dochunn:
7Mar eadhon, neul aʼ cur sgàile air aʼ champ; agus far an do sheas uisge roimh sin, nochdadh talamh tioram; agus a mach as aʼ Mhuir Ruadh bha slighe gun bhacadh; agus a mach as aʼ bhras‑shruth achadh uaine;
8Trìd an deachaidh an sluagh uile a bha air an teasairginn ledʼ làimh fein, aʼ faicinn do mhìorbhuilean ro iongantach.
9Oir chaidh iad gu saor a mach mar na h‑eich, agus leum iad mar na h‑uain, aʼ toirt molaidh dhuit‑sa, O Thighearna, a shaor iad.
10Oir bha iad fathast cuimhneachail air na nithibh a rinneadh an uair a bha iad air chuairt ann an tìr choimhich, ciamar a thug am fearann a mach cuileagan an àit spréidh, agus ciamar a thilg an abhainn a mach mòr‑àireamh do na losgannaibh an àit iasg.
11Ach an déigh sin chunnaic iad ginealach nuadh eunlaith, an uair, air doibh a bhi air an toirt leis an ocras, dhʼ iarr iad lòn taitneach.
12Oir thàinig gearra‑goirt a nìos o ʼn chuan dʼ an ionnsuidh chum an toileachadh.
13Agus thàinig peanais air na peacaich, cha ʼn ann a ʼs eugais nan comhar a bhʼann roimh sin le neart nan tàirneanach: oir dhʼ fhuiling iad gu dligheach, a réir an aingidheachd fein, do bhrìgh gu ʼn do ghnàthaich iad giùlan ni ʼs cruaidhe agus nis fuasaiche a thaobh nan coigreach.
14Oir cha do ghabh na Sodomaich riù‑san nach bʼ aithne dhoibh an uair a thàinig iad: ach thug iad sin càirdean chum daorsa, air an robh iad airidh,
15Agus cha ʼn e so a mhàin, ach gheibhear feudaidh e bhith ùmhlachd eigin uathasan, do bhrìgh nach do bhuin iad gu càirdeil ris na coigrich:
16Ach shàruich iad sin iad gu ro shearbh, ris an do ghabh iad le cuirmibh, agus bha iad a cheana air an deanamh ʼnan luchd co‑pàirt do na laghannaibh ceudna maille riù.
17Uime sin, bha iad air am bualadh eadhon le doille, mar iadsan a bha aig dorsaibh an duine ionraic; an uair, air doibh a bhi air an cuairteachadh le dorchadas gu h‑eagallach mòr, dhʼ iarr gach neach slighe a dhorsa fein.
18Oir bha na dùilean air an atharrachadh annta fein le gnè chomh‑chòrdadh, amhuil mar a thionndaidheas na comhara‑ciùil ainm an fhuinn air an t‑saltair, agus an déigh sin nach ʼeil annta ach fuaimean; a dhʼ fheudas a bhi air am mothuchadh le sealladh do na nithibh a rinneadh.
19Oir bha nithe talmhaidh air an tionndadh chum nithe uisgeach, agus na nithe a shnàmhadh a roimh sin ʼsan uisge, chaidh iad a nis air an talamh.
20Bha cumhachd aig an teine ʼsan uisge, aʼ dì‑chuimhneachadh éifeachd fein; agus chaill an t‑uisge cuimhne air a nàdar fein chum bàthaidh.
21Air an taobh eile, cha do chaith na lasraichean feòil nan nithe truaillidh beò, ged a ghluais iad annta: ni mò a leagh iad an lòn nèamhaidh a ta fuar mar eigh#19.21 eigh ‑ deigh ‑ ice, a bha do ʼn ghné sin a bha buailteach air leaghadh.
22Oir anns na h‑uile nithibh, O Thighearna, dhʼ àrdaich thu do phobull fein, agus ghlòraich thu iad; ni mò an do mheas thu gu faoin iad: ach chuidich thu leò aig gach àm agus anns gach àite.
Currently Selected:
Gliocas Sholaimh 19: MacGAP
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017