Bible App logo
Search Icon

Gliocas Sholaimh 18

18
CAIB. XVIII.
1Gidheadh bha solus ro mhòr aig do naoimh, bha iad aʼ cluinntinn an guth, gun a bhi ʼfaicinn an cumachd, do bhrìgh nach dʼ fhuiling iadsan uime sin na nithe ceudna, mheas iad sona iad.
2Ach do bhrìgh nach dʼ rinn iad dochann orra a nis, leis an dʼ rinneadh eucoir orra roimhe, thug iad buidheachas dhoibh, agus dhʼ iarr iad maitheanas orra, a chionn gu ʼn robh iad ʼnan nàimhdibh.
3An àite sin thug thu dhoibh meall loisgeach teine, gu bhi an dà chuid ʼna iùl air an t‑slighe neo‑aithnichte, agus ʼna ghrian neo‑chiontach chum an toileachadh le h‑urram.
4Oir bha iad toilltinneach air solus a bhi a dhìth orra, agus a bhi air an druideadh suas ann an dorchadas, a chùm do chuid mhac air an dùnadh suas, trìd an robh solus neo‑thruaillidh an lagha gu bhi air a thabhairt do ʼn t‑saoghal.
5Agus an uair a rùnaich iad leanabana nan naomh a chur gu dìth, air do aon leanabh a bhi air a thilgeadh a mach, agus air a theàrnadh, chum an earaileachadh, thug thusa air falbh lìonmhorachd an cloinne, agus sgrios thu gu buileach iad ann an uisge mòr.
6Air an oidhche sin thugadh fios dʼ ar n‑aithrichibh roimh làimh, a chum air doibh fios a bhi aca air na mionnaibh dʼ an tug iad géill, gu ʼm biodh iad an déigh làimh fo dheagh mhisneach.
7Mar so air sgàth do shluaigh fhuaradh slàinte nam fìrean, agus sgrios nan nàimhdean.
8Oir an nì sin leis an dʼ rinn thu peanas air ar nàimhdibh, leis an nì cheudna thug thu glòir dhuinne, a ghairm thu.
9Oir thug clann fhìrinneach nan deagh dhaoine ìobairtean suas gu h‑uaigneach, agus rinn iad a dhʼ aoin inntinn lagh naomh, chum gu ʼm biodh co‑roinn aig na naoimh maraon dhe ʼn mhaith agus an olc cheudna, air do na h‑aithrichibh a bhi a nis aʼ seinn òran molaidh.
10Ach air an taobh eile rinn glaodh nan nàimhdean fuaim neo‑bhinn, agus thugadh a ʼm follais caoidh chianail air son na cloinne air son an dʼ rinneadh tuireadh.
11Rinneadh peanas air aʼ mhaighstir agus air an t‑seirbhiseach maraon; agus mar an rìgh, dhʼ fhuiling an duine cumanta.
12Mar so bha daoine gun àireamh marbh aig na h‑uile le aon ghnè bàis; ni mò bha na daoine beò comusach air an adhlacadh: oir ri aoin mhionaid bha ʼn sliochd a ʼs urramaich ʼnam measg air an sgrios.
13Oir do bhrìgh nach creideadh iad nì sam bith a thaobh nan druidheachd; ri lìnn sgrios aʼ cheud‑ghin, dhʼ aidich iad an sluagh so a bhi ʼnam macaibh do Dhia.
14Oir an uair a bha na h‑uile nithe gu socair ciùin, agus a bha an oidhche sin ann am meadhon a slighe bhrais,
15Leum tʼ Fhocal Uile‑chumhachdach a nuas o nèamh a mach odʼ chaithir rìoghail, mar gharg fhear catha ann am meadhon thìre na sgrios,
16Agus thug e tʼ àithne neo‑chealgach mar chlaidheamh geur, agus aʼ seasamh suas lìon e na h‑uile nithe le bàs; agus bhean e ri nèamh, ach sheas e air an talamh.
17An sin chuireadh mòr thrioblaid orra le grad sheallannaibh air bruadairibh eagallach, agus thàinig uamhasan orra ris nach robh dùil.
18Agus nochd aon air a thilgeadh an so, agus an sud, leth mharbh, aobhar aʼ bhàis.
19Oir nochd na bruadairean a chuir trioblaid orra so roimh làimh, air eagal gu ʼn rachadh iad a dhìth, gun fhios aca cʼ arson a chuireadh fo àmhghair iad.
20Seadh, bhean blas aʼ bhàis ris na fìreanaibh mar an ceudna, agus rinneadh sgrios air aʼ mhòr‑chuideachd anns an fhàsach: ach cha do mhair aʼ chorruich fad.
21Oir an sin rinn an duine neo‑chiontach cabhag, agus sheas e mach chum an dìonadh; agus, aʼ toirt leis sgéith na ministreileachd shònraichte aige, eadhon ùrnuigh, agus réite na tùise, shuidhich se e fein an aghaidh na corruich, agus mar so thug e an truaigh gu crìch, aʼ cur an céill gu ʼm bu sheirbhiseach dhuitse e.
22Mar so thug e buaidh air an fhear‑millidh, cha ʼn ann le neart cuirp, no le treise arm, ach le focal cheannsaich e an tì a rinn peanas, aʼ leigeadh ris nam mionnan agus nan cùmhnant a rinneadh ris na h‑aithrichibh.
23Oir an uair a bha na mairbh air an leagadh sìos ʼnan tòrraibh air a chéile, aʼ seasamh ʼsan eadarginn, chùm e air ais aʼ chorruich, agus gheàrr e an t‑slighe do na beòthaibh.
24Oir bha ʼn saoghal gu léir anns an trusgan fhada, agus ann an ceithir sreathaibh nan clach bha glòir nan aithriche air a gearradh, agus do Mhòrachd air coron a chinn.
25Dhoibh sin ghéill am fear‑millidh, agus bha eagal air rompa: oir bu leòir e gu ʼn do bhlais iadsan a mhàin de ʼn chorruich.

Currently Selected:

Gliocas Sholaimh 18: MacGAP

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in