Tobit 10
10
CAIB. X.
1A nis bha Tobit athair fein ag àireamh gach latha: agus an uair a chaidh làithean an turais aca seachad, agus nach tàinig iad,
2An sin thubhairt Tobit, An do chuireadh moille orra? no am bheil Gabael marbh, agus am bheil neach idir ann a bheir an t‑airgiod dhoibh?
3Air an aobhar sin bha e glé bhrònach.
4An sin thubhairt a bhean fein ris, Tha mo mhac marbh, do bhrìgh gu ʼm bheil e ʼfantuinn co fada: agus thòisich i air caoidh a dheanamh air a shon, agus thubhairt i,
5A nis tha mi comadh do gach uile nì, a mhic, do bhrìgh gu ʼn do leig mi air falbh thu, soillse mo shùl.
6Ris an dubhairt Tobit, Bi ʼnadʼ thosd, na biodh cùram ort, oir tha e tèaruinte.
7Ach thubhairt ise, Bi ʼnadʼ thosd, agus na meall mi; tha mo mhac marbh. Agus chaidh i a mach gach là chum na slighe air an dʼ fhalbh iad, agus cha dʼ ith i biadh sam bith air an là, agus cha do sguir i rè oidhchean air fad, a dheanamh caoidh air son a mic Tobiais, gus an do chrìochnaicheadh ceithir làithean deug na bainnse, a mhionnaich Raguel a chuireadh e seachad an sin. An sin thubhairt Tobias ri Raguel, Leig air falbh mi, oir cha ʼn ʼeil dùil tuilleadh aig mʼ athair agus mo mhàthair rium.
8Ach thubhairt athair‑céile fein ris, Fan thusa maille rium, agus cuiridh mi fios gu tʼ athair, agus cuiridh iad an céill da an seòl air am bheil cùisean maille riut.
9Ach thubhairt Tobias, Ni h‑eadh; ach leig dhʼ ionnsuidh mʼ athair mi.
10An sin dhʼ éirich Raguel, agus thug e dha Sara a bhean fein, agus dara‑leth a chodach, seirbhisich, agus spréidh, agus airgiod:
11Agus bheannaich se iad, agus chuir e air falbh iad, ag ràdh, Gun tugadh Dia nèimhe turas thaitneach dhuibh‑se, a chlann.
12Agus thubhairt e rʼ a nighinn fein, Thoir urram do tʼ athair‑céile agus do dʼ mhàthair‑chéile, a ta a nis ʼnam pàrantaibh dhuit, a chum gu ʼn cluinn mi deagh iomradh ort. Agus phòg se i. Thubhairt Edna mar an ceudna ri Tobias, Gun tugadh Tighearna nèimhe ath‑dhìol duit, a bhràthair ghràdhaich; agus gu ʼn deònaicheadh e mise a dhʼ fhaicinn cloinn Shara mo nighinn mu ʼm faigh mi bàs, a chum gun dean mi gàirdeachas an làthair an Tighearna: feuch, tha mi aʼ toirt mo nighinn thairis duit‑sa mar earbsa àraidh; uime sin na dean thusa gu h‑olc dʼ a taobh.
Currently Selected:
Tobit 10: MacGAP
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017