Bible App logo
Search Icon

Ecclesiasticus 5

5
CAIB. V.
1Na suidhich do chridhe air do chuid; agus na abair, Tha gu leòir agam air son ma bheatha.
2Na lean tʼ inntinn agus do neart fein, chum gluasad ann an slighibh do chridhe fein.
3Agus na abair, Cò a riaghlas mi a thaobh mʼ obair, oir nì an Tighearna gun teagamh dìoghaltas air son tʼ uaill fein.
4Na abair, Pheacaich mi, agus ciod an cron a dhʼ éirich dhomh? oir tha ʼn Tighearna fad‑fhulangach, agus cha leig e air chor sam bith as thu.
5A thaobh réite, na bi gun eagal ann an co‑chur peacaidh ri peacadh:
6Agus na abair, Tha ʼthròcair mòr; ciùinichear e air son lìonmhorachd mo pheacanna; oir uaith‑san thig tròcair agus corruich, agus luidhidh a dhiomb air peacachaibh.
7Na dean moille gu pilltinn ris an Tighearna, agus na cuir dàil o là gu là: oir thig corruich an Tighearna a mach gu grad, agus ʼnadʼ thèaruinteachd sgriosar thu, agus théid thu a dhìth ann an là an dìoghaltais.
8Na suidhich do chridhe air maoin air am faotuinn gu h‑eucorach: oir cha bhi iad ʼnam buannachd dhuit ann an là na trioblaid.
9Na dean fasgain leis gach gaoith, agus na rach air gach slighe: oir mar sin nì am peacach aig am bheil an teanga dà‑fhillte.
10Bi seasmhach ʼnadʼ thuigse; agus biodh tʼ fhocal an t‑aon nì.
11Bi luath a dhʼ éisdeachd: agus biodh do bheatha treibhdhireach; agus tabhair freagradh le foighdinn.
12Ma tha tuigse agad, freagair do choimhearsnach; mar ʼeil, cuir do làmh air do bheul.
13Tha urram agus nàir ann an còmhradh; agus is i teanga an duine a thuiteam.
14Na goirear fear‑cogarsaich dhìot, agus na bi furachair ledʼ theanga; oir tha nàire shalach air aʼ ghaduiche, agus droch dhìteadh air an teanga dhùbailte.
15Na bi aineolach air nì sam bith ann an cùis mhòir no bheaga.

Currently Selected:

Ecclesiasticus 5: MacGAP

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in