Ecclesiasticus 3
3
CAIB. III.
1O chlann, éisdibh rium‑sa bhur n‑athair, agus deanaibh uime sin, chum gu ʼm bi sibh tèaruinte.
2Oir thug an Tighearna do ʼn athair urram os ceann na cloinne, agus dhaingnich e ùghdarras na màthar thairis air na macaibh.
3Ge bʼ e a bheir urram dʼ a athair fein, nì e réite air son a pheacanna fein:
4Agus tha esan a bheir urram dʼ a mhàthair mar neach a ta ʼtasgadh suas ionmhas.
5Ge bʼ e a bheir urram dʼ a athair fein, bithidh toilinntinn aige ʼna chloinn fein; agus an uair a nì e ùrnuigh, éisdear ris.
6An tì a bheir urram dʼ a athair fein, gheibh e saoghal fada; agus bithidh an tì a ta ùmhal do ʼn Tighearna ʼna chomhfhurtachd dʼ a mhàthair.
7Bheir an tì air am bheil eagal an Tighearna urram dʼ a athair fein, agus nì e seirbhis dʼ a phàrantaibh, mar dʼ a mhaighstiribh fein.
8Tabhair urram do tʼ athair agus do dʼ mhàthair araon a ʼm focal agus an gnìomh, chum gu ʼn tig beannachd ort uathasan.
9Oir stéidhichidh beannachd an athar tighean na cloinne; ach tilgidh mallachd na màthar a mach na bunaitean.
10Na dean uaill ann an eas‑urram tʼ athar fein, oir cha ghlòir sam bith dhuitse eas‑urram tʼ athar fein.
11Oir tha glòir duine aʼ teachd o urram athar fein; agus tha màthair ann an eas‑urram ʼna masladh do ʼn chloinn.
12A mhic, cuidich le tʼ athair ʼna aois, agus na cuir fo bhròin e a ʼm fad is beò e.
13Agus mu dhʼ fhàilnicheas a thuigse, dean foighdinn ris; agus na dean tàir airsan an uair a ta thusa ʼnad làn neart.
14Oir cha dì‑chuimhnichear an cuideachadh a nithear le tʼ athair; agus an àite pheacanna co‑chuirear e chum do thogail suas.
15Ann an là do thrioblaid cuimhnichear e; leaghaidh mar an ceudna do pheacanna air falbh, mar an eigh#3.15 eigh ‑ deigh ‑ ice anns an aimsir thaitnich bhlàth.
16Tha esan a thréigeas athair fein mar fhear‑toibheim; agus tha esan a chuireas corruich air a mhàthair air a mhallachadh le Dia.
17A mhic, dean do ghnothuch ann am macantas; mar so gràdhaichear thu leis‑san de ʼm bheil meas.
18Mar is mò thu, ʼsann a ʼs mò bu chòir duit a bhi iriosal, agus gheibh thu deagh‑ghean an làthair an Tighearna,
19Tha mòran ann an ionad àrd, agus fo chliù: ach tha nithe dìomhra air an leigeadh ris do ʼn mhacanta.
20Oir tha cumhachd an Tighearna mòr, agus tha e ʼfaotuinn urraim o ʼn iriosal.
21Na h‑iarr a mach na nithe a ta tuilleadh ʼs cruaidh ort, ni mò a rannsaicheas tu na nithe a ta os ceann do neirt.
22Ach an nì sin a dhʼ àithneadh dhuit, smuainich air le h‑urram; oir cha ʼn ʼeil e feumail duit na nithe sin fhaicinn ledʼ shùilibh a ta ann an dìomhaireachd.
23Na bi neònach a thaobh cùiseanneo‑fheumail: oir tha tuilleadh nithe air an nochdadh dhuit na tha daoine aʼ tuigsinn.
24Oir tha mòran air am mealladh le ʼm barail fhaoin fein; agus thilg droch amharus bun os ceann an tuigse.
25As eugais nan sùl bithidh solus a dhìth ort: na aidich eòlas air an nì sin nach ʼeil agad;
26Bithidh e gu h‑olc ma dheireadh le cridhe rag‑mhuinealach; agus an tì aig am bheil spéis do chunnart théid e a dhìth ann.
27Luchdaichear cridhe dalma le h‑àmhghairibh; agus togaidh an duine aingidh suas peacadh air muin peacaidh.
28Cha ʼn ʼeil ath‑leasachadh ann air son peanais an uaibhrich; oir ghabh luibh na h‑aingidheachd freumh ann.
29Tuigidh cridhe an duine ghlice cosamhlachd; agus is taitneach le duine glic cluas chùramach.
30Mùchaidh uisge an teine lasara; agus nì déirce réite air son pheacanna.
31Agus an tì a ta cuimhneachail air ath‑dhìol a dheanamh air son deagh‑ghnìomhara, tha e cuimhneachail air an nì sin a dhʼ fheudas teachd an déigh làimh; agus an uair a thuiteas e gheibh e taice.
Currently Selected:
Ecclesiasticus 3: MacGAP
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017