Bible App logo
Search Icon

Ecclesiasticus 23

23
CAIB. XXIII.
1O Thighearna, Athair agus Uachdaran mo bheatha air fad, na fàg mi dʼ an comhairlibh, agus na leig leam tuiteam leò.
2Cò a chuireas slatan thar mo smuainte, agus teagasg aʼ ghliocais thar mo chridhe? a chum nach caomhain iad mi air son mʼ aineolais, agus nach téid e seachad air mo pheacannaibh:
3Air eagal gu ʼm fàs mʼ aineolas, agus gu ʼn cuirear mo pheacannan a ʼn lìonmhorachd chum mo sgrios, agus gu ʼn tuit mi roimh mo nàimhdean, agus gu ʼn dean mo nàmhaid gàirdeachas tharum, aig am bheil a dhòchas fad odʼ thròcair‑sa.
4O Thighearna, Athair agus a Dhé mo bheatha, na tabhair domh sealladh àrd; ach tionndaidh an còmhnuidh air falbh odʼ sheirbhisich an inntinn uaibhreach.
5Tionndaidh air falbh uam dòchas faoin agus ana‑miann, agus cumaidh tu esan do ghnàth a suas leis am miann seirbhis a dheanamh dhuit.
6Na deanadh cìocras na bronn, no sannt na feòla, gréim orm; agus na toir thairis mise do sheirbhiseach do dhʼ inntinn dhàna.
7O sibhse a chlann, éisdibh ri teagasg aʼ bheòil; cha bhi esan a ghléidheas e gu bràth air a ghlacadh ʼna bhilibh.
8Fàgar am peacach ʼna amaideachd fein; leis‑san tuitidh araon fear‑labhairt an uilc agus an t‑uaibhreach.
9Na cleachd do bheul ri mionnaibh; ni mò a ghnàthaicheas tu ainm an Tì Naoimh.
10Oir mar nach bi seirbhiseach a ta gu tric air a bhualadh gun chomhar‑dubh; mar sin cha bhi esan saor o chiont a ta ri mionnaibh, agus an còmhnuidh ag ainmeachadh Dhé.
11Lìonar le h‑aingidheachd an tì a ta ʼgnàthachadh mòran mionnan; agus cha teich aʼ phlàigh gu bràth o ʼthigh: ma nì e lochd, dlùth‑leanaidh a pheacadh ris; agus mar aidich e a pheacadh, tha e ʼdeanamh cron dà‑fhillte; agus ma mhionnaicheas e gu dìomhain, cha bhi e neo‑chiontach, ach bithidh a thigh làn do thruaighibh.
12Tha focal ann a ta air a sgeudachadh le bàs: nior leigeadh Dia gu ʼm faighear e ann an oighreachd Iacoib: oir bithidh a leithid sin do nithe gu léir fad o na daoinibh diadhaidh, agus cha bhi iad ʼgan aornagan fein ʼnam peacannaibh.
13Na gnàthaich do bheul ri mionnaibh ana‑cuimseach, oir an sin tha focal aʼ pheacaidh.
14Cuimhnich tʼ athair agus do mhàthair an uair a shuidheas tu maille ri daoinibh mòra. Na bi dearmadach ʼnam fianuis, air chor ledʼ chleachd gu ʼm bi thu nadʼ amadan, agus gu ʼm bʼ àill leat nach robh thu air do bhreith, agus gu ʼm mallaich thu an là ʼsan dʼ rugadh tu.
15Cha bhi an duine sin a ta air a chleachdadh ri briathraibh maslachail a chaoidh air ath‑leasachadh rè uile làithean a bheatha.
16Tha dà ghnè sluaigh aʼ meudachadh aʼ pheacaidh, agus bheir an treas gnè corruich: tha inntinn theth mar theine loisgeach, cha smàlar e gus an cnàmhar e: cha sguir fear‑strìopachais ʼna chorp feòlmhor gus an las e teine.
17Tha gach aran milis do ʼn adhaltranach, cha sguir e gus am bàsaich e.
18Am fear a bhriseas an ceangal‑pòsaidh, ag ràdh mar so ʼna chridhe, Cò a ta ʼgam fhaicinn? Tha mi air mo chuairteachadh le dorchadas, tha na ballachan ʼgam chòmhdachadh, agus cha ʼn ʼeil neach ʼgam fhaicinn; cʼ arson a bhiodh eagal orm? cha chuimhnich an Tì a ʼs Airde mo pheacanna;
19Air a leithid do dhuine tha eagal sùilean dhaoine a mhàin, agus cha ʼn ʼeil fios aige gu ʼm bheil sùilean an Tighearna deich mìle uair ni ʼs soilleire nʼ a ghrian, aʼ fiosrachadh uile shlighean dhaoine, agus aʼ beachdachadh nan nithe a ʼs dìomhaire.
20Bʼ aithne dhàsan na h‑uile nithe eadhon fòs mu ʼn do dhealbhadh iad; mar sin mar an ceudna dhʼ amhairc e orra gu léir an déigh dhoibh a bhi air an crìochnachadh.
21Nithear peanas air an duine so air sràidibh aʼ bhaile, agus far nach bi dùil aig gu ʼn glacar e.
22Eiridh mar so mar an ceudna do ʼn mhnaoi a dhʼ fhàgas a companach fein, agus a bheir oighre a steach le neach eile.
23Oir, an toiseach, bha i eas‑ùmhal do lagh an Tì a ʼs Airde; agus, ʼsan dara àite, rinn i cron air a companach fein; agus, ʼsan treas àite, bha i ri siùrsachd ann an adhaltranas; agus rug i clann do dhuine eile.
24Bheirear a mach do ʼn cho‑thionail i, agus nithear geur‑rannsachadh mʼ a sliochd.
25Cha ghabh a clann freumh, agus cha tabhair a geuga toradh a mach.
26Fàgaidh i a cuimhne gu bhi mallaichte, agus cha dubhar a masladh a mach.
27Agus fainichidh iadsan a dhʼ fhanas nach ʼeil nì a ʼs fearr ann na eagal an Tighearna, agus nach ʼeil nì a ʼs mìllse ann na cùram a ghabhail do àitheantaibh an Tighearna.
28Is mòr an glòir an Tighearna a leantuinn; agus is beatha fhada neach a bhi air fhaotuinn leis.

Currently Selected:

Ecclesiasticus 23: MacGAP

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in