Bible App logo
Search Icon

Ecclesiasticus 22

22
CAIB. XXII.
1Tha duine leasg air a shamhlachadh ri cloich shalaich, agus nì gach neach fanoid air chum a mhaslaidh.
2Tha duine leasg air a shamlachadh ri aolach an òtraich: crathaidh gach duine a thogas e a làmh.
3Tha mac air a dhroch àrachadh ʼna eas‑urram do ʼn athair a ghin e; agus tha nighean (amaideach) air a breith chum a challdach.
4Bheir nighean ghlice oighreachd dʼ a companach fein: ach tha ise a ta teachd beò gu mì‑ionraic ʼna truime dʼ a h‑athair fein.
5Bheir ise a ta dàna eas‑urram dʼ a h‑athair agus dʼ a companach fein, ach nì iad le chéile tàir oirre.
6Tha sgeul ann an‑àm (mar) cheòl ann an caoidh; ach cha ʼn ʼeil buillean agus smachdachadh aʼ ghliocais idir as an àm.
7Ge bʼ e neach a theagaisgeas amadan, tha e cosmhuil ris‑san a ghlaodhas#22.7 a ghlaodhas who glues ri chéile slige‑chrèadha, agus ris‑san a dhùisgeas neach aʼ trom‑chodal.
8Tha esan a dhʼ innseas sgeul do dhʼ amadan aʼ labhairt ri neach a ta ʼna chodal; an uair a dhʼ innseas e an sgeul aige, a deir e, Ciod a ta ʼcur ort?
9Ma thig clann beò gu h‑ionraic, agus gu ʼm bi nithe aca, còmhdaichidh iad nàire am pàranta.
10Ach air do chloinn a bhi aingidh, tha iad trìd tàire agus dhʼ easbhuidh oilein, aʼ toirt smal air urramaichead an cinnich fein.
11Guil air son aʼ mhairbh, oir chaill e an solus; agus guil air son an amadain, oir tha tuigse a dhìth air: na dean ach beagan caoidh air son aʼ mhairbh, oir tha e aig fois: oir tha beatha an amadain ni ʼs miosa nʼ am bàs.
12Tha daoine aʼ caoidh rè sheachd làithean air a shon‑san a ta marbh; ach uile làithean a bheatha, air son amadain agus duine aingidh.
13Na labhair mòran ri amadan, agus na rach dʼ a ionnsuidh‑san aig nach ʼeil tuigse: bi faiceallach roimhe, air eagal gu ʼn tig trioblaid ort, agus gu ʼn truaillear thu le ʼamaideachd: teich uaith, agus gheibh thu fois, agus cha bhi thu gu bràth air do chlaoidh le ʼamaideachd‑san.
14Ciod a ʼs truime na luaidh? agus ciod is ainm da, ach amadan?
15Tha gaineamh, agus salann, agus meall iaruinn, ni ʼs usa ri ʼn giùlan, na duine gun tuigse.
16Mar nach comasach do dhʼ fhiodh air a chrioslachadh, agus air a cheangladh rʼ a chéile ann an togail, a bhi air fhuasgladh le crathadh; mar sin cha bhi eagal aig àm sam bith air aʼ chridhe sin a ta air a dhaingneachadh le deagh chomhairle.
17Tha cridhe air a shuidheachadh air smuain na tuigse cosmhuil ri h‑aol air a chur gu maiseach air balladh seòmair.
18Cha seas callaidean gu bràth air an suidheachadh air ionad àrd an aghaidh na gaoithe; mar so cha seas cridhe gealtach, ann an breitheanachadh amadain, an aghaidh eagail idir.
19Bheir esan a bhioras an t‑sùil air na deuraibh sileadh; agus bheir esan a bhioras an cridhe air gu ʼn nochd e ʼeòlas fein.
20Cuiridh esan a thilgeas clach air eunaibh eagal orra air falbh; agus brisidh esan càirdeas a chronaicheas a charaid.
21Ged a tharruing thu claidheamh ridʼ charaid, gidheadh na bi fo eu‑dòchas: oir feudaidh pilleadh a bhi ann (gu deagh‑ghean).
22Ma dhʼ fhosgail thu do bheul an aghaidh do charaid, na biodh eagal ort; oir feudar réite a dheanamh: ach a mhàin air son cronachaidh, no uabhair, no leigeadh ris nithe dìomhra, no leòin mhealltaich; oir, air son nan nithe sin, teichidh gach uile charaid.
23Bi dìleas dodʼ choimhearsnach ʼna chuid, chum gu ʼn dean thu gàirdeachas ʼna shoirbheas: bi seasmhach dha ʼn àm a thrioblaid, chum gu ʼm bi thu ʼnad oighre maille ris ʼna oighreachd: oir cha ʼn ʼeil tàir gu bhi air a dheanamh an còmhnuidh air oighreachd shuaraich; ni mò am bheil na daoine saibhre a ta amaideach gu bhi fo mhòr‑mheas.
24Mar a théid ceò agus deatach àmhainn roimh an teine; mar sin théid càineadh roimh fhuil.
25Cha bhi nàir orm caraid a dhìonadh; ni mò a dhʼ fholluicheas mi mi fein uaith.
26Agus ma dhʼ éireas olc domh trìd‑san, bithidh gach neach a chluinneas e faiceallach roimhe.
27Cò a nì faire air mo bheul, agus a chuireas seul aʼ ghliocais air mo bhilibh, nach tuit mi gu h‑obunn leò, agus nach sgrios mo theanga mi?

Currently Selected:

Ecclesiasticus 22: MacGAP

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in