Ecclesiasticus 20
20
CAIB. XX.
1Tha achmhasan ann nach ʼeil maiseach: a rìs, bithidh duine ʼna thosd, agus tha e glic.
2Is fearr gu mòr achmhasan a thoirt, na a bhi a ʼm feirg gu h‑uaigneach; agus gléidhear esan a dhʼ aidicheas aʼ chiont o dhochunn.
3Cia maith an nì, an uair a dhʼ ath‑leasaichear thu, aithreachas a nochdadh! oir mar so seachnaidh tu am peacadh.
4Amhuil mar ana‑miann càillteanaich chum òigh a mhilleadh; mar sin tha esan a bheir breith le h‑àinneart.
5Tha aon ann a bhios ʼna thosd, agus gheibhear glic e; agus aon eile a dhʼ fhàsas gràineil le mòran faoin‑chòmhraidh.
6Bithidh neach àraidh ʼna thosd, do bhrìgh nach ʼeil freagradh aig rʼ a thoirt; agus fanaidh fear eile sàmhach, aʼ fiosrachadh ama fein.
7Cumaidh duine glic a theanga gus am faic e cothrom: ach cha bhi suim aig glagair agus aig amadan do àm air bith.
8Fuathaichear esan a nì feum do mhòran bhriathraibh; agus gabhar gràin dheth‑san a ghlacas ùghdarras dha fein ʼs na nithibh sin.
9Tha peacach ann aig am bi soirbheachadh maith ann an droch nithibh; agus tha buannachd ann a thig gu call.
10Tha tiodhlac ann nach dean maith dhuit; agus tha tiodhlac ann aig am bheil duais dà‑fhillte.
11Tha irioslachd ann a thaobh glòire; agus tha e ann a thogas a cheann o staid ìosail.
12Tha esan ann a cheannaicheas mòran air bheagan, agus a dhʼ ath‑dhìolas seachd‑fillte e.
13Ni duine glic e fein gràdhach le ʼbhriathraibh fein; ach taomar a mach gràsan nan amadan.
14Cha dean tiodhlac amadain maith sam bith dhuit, an uair a tha e agad; ni mò tiodhlac an duine fharmadaich air son éigin fein: oir seallaidh e air son mhòran nithe fa chomhair an aoin.
15Bheir e beagan seachad, agus nì e mòran maoidhe; fosglaidh e a bheul mar fhear‑glaodhaidh; bheir e a ʼn ìasad an diugh, agus a ʼm màireach iarraidh e air ais e: tha a leithid do dhuine gu bhi air ʼfhuathachadh le Dia agus duine.
16Their an t‑amadan, Cha ʼn ʼeil càirdean agam, cha ʼn ʼeil taing agam air son mo dheagh ghnìomharan air fad, agus tha iadsan a ta ʼg itheadh mʼ arain, aʼ labhairt gu h‑olc umam.
17Cia tric, agus cia lìon neach a nì gàire‑fanoid ris! oir cha ʼn aithne dha gu ceart ciod e nì a bhi aige; agus tha e ceart dìreach mar nach biodh e aig idir.
18Is fearr sleamhnachadh air aʼ chàbhsair na sleamhnachadh leis an teanga; mar so thig tuiteam nan aingidh gu h‑obunn.
19Bithidh an còmhnuidh sgeul neo‑iomchuidh ann am beul an tì a ta neo‑ghlice.
20Cuirear cùl ri briathar glic an uair a thig e mach aʼ beul amadain; oir cha labhair e ʼn àm iomchuidh.
21Tha cuid ann a chumar o ʼn pheacadh le h‑uireasbhuidh: agus an uair a ghabhas e fois cha chuirear trioblaid air.
22Tha e rʼ a fhaotuinn a mhilleas anam fein trìd nàire, agus le gabhail ri sluagh eile a thilgeas e fein bun os ceann.
23Tha e ann a ta trìd nàire aʼ gealltuinn dʼ a charaid fein, agus nì e nàmhaid dheth gun nì sam bith.
24Tha breug ʼna smal salach do dhuine, gidheadh tha i an còmhnuidh ann am beul nan neo‑fhoghluimte.
25Is fearr an gaduiche nʼ an duine a ta cleachdta ri deanamh nam breug; ach gheibh iad nan dithis sgrios mar oighreachd.
26Is eas‑urramach rùn aʼ bheugaire, agus tha a nàire fein maille ris do ghnàth.
27Ardaichidh duine glic e fein gu h‑urram le a bhriathraibh; agus toilichidh esan aig am bheil tuigse daoine mòra.
28Meudaichidh esan a thòrr a dhʼ àiticheas fhearann fein; agus gheibh esan a thoilicheas daoine mòra maitheanas air son aingidheachd.
29Dallaidh duaisean agus tiodhlaca sùilean nan daoine glice, agus druidhidh iad am beul a chum nach comas da cronachadh.
30Gliocas a ta follaichte, agus ionmhas air a tasgadh suas, ciod is feum doibh le chéile?
31Is fearr an tì a dhʼ fholluicheas amaideachd fein, na esan a dhʼ fholluicheas a ghliocas.
32Is fearr foighidinn iomchuidh ann an iarraidh an Tighearna, na esan a ta ʼcaitheadh a bheatha fein as eugais iùil.
Currently Selected:
Ecclesiasticus 20: MacGAP
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017