Bible App logo
Search Icon

Ecclesiasticus 2

2
CAIB. II.
1A mhic, ma thig thu gu seirbhis a dheanamh do ʼn Tighearna, ullaich tʼ anam air son buairidh.
2Suidhich do chridhe gu ceart, agus fan seasmhach, agus na dean cabhag ʼn àm trioblaid.
3Dlùth‑lean ris, agus na teich air falbh, a chum gu ʼm meudaichear thu aig do chrìch dheireannaich.
4Gabh le toilinntinn ge bʼ e nì a bheirear ort, agus bi foighdinneach an uair a chaochlaidhear thu gu staid ìosail.
5Oir tha ʼn t‑òr air a dhearbhadh ʼsan teine, agus daoine taitneach ann an àmhuinn aʼ chruaidh‑chàis.
6Creid ann, agus cuidichidh e leat; òrduich do shlighe gu ceart, agus earb as.
7Sibhse air am bheil eagal an Tighearna, fanaibh rʼ a thròcair; agus na rachaibh gu taobh, air eagal gu ʼn tuit sibh.
8Sibhse air am bheil eagal an Tighearna, creidibh e; agus cha tréig bhur duais.
9Sibhse air am bheil eagal an Tighearna, biodh dòchas agaibh ris aʼ mhaith, agus ri aoibhneas sìorruidh agus tròcair.
10Seallaibh ris na lìnntibh o shean, agus faicibh: an dʼ earb neach riamh as an Tighearna, agus an do chuireadh as da? no an dʼ fhan neach riamh ʼna eagal, agus an do thréigeadh e? no cò riamh air an dʼ rinn e dìmeas, a ghairm air?
11Oir tha ʼn Tighearna làn truais agus tròcaire, fad‑fhulangach, agus ro thruacanta, agus aʼ maitheadh pheacanna, agus aʼ teàrnadh ʼn àm àmhghair.
12Is an‑aoibhinn do na cridheachaibh eagallach, agus do na làmhaibh a ta dìblidh, agus do ʼn pheacach a ghluaiseas air dà shlighe!
13Is an‑aoibhinn dàsan a ta fann‑chridheach! oir cha ʼn ʼeil e aʼ creidsinn; air an aobhar sin cha dìonar e.
14Is an‑aoibhinn duibhse a chaill foighdinn! agus ciod a nì sibh an uair a dhʼ fhiosraicheas an Tighearna sibh?
15Iadsan air am bheil eagal an Tighearna, cha bhi iad eas‑ùmhal dʼ a fhocal: agus gléidhidh iadsan aig am bheil gràdh dha a shligheanna.
16Iarraidh iadsan air am bheil eagal an Tighearna an nì sin a ta taitneach dha; agus lìonar le a lagh iadsan aig am bheil gràdh dha.
17Ullaichidh iadsan an cridheachan air am bheil eagal an Tighearna, agus irioslaichidh iad an anama ʼna shealladh,
18Ag ràdh, Tuitidh sinn ann an làmhaibh an Tighearna, agus cha ʼn ann an làmhaibh dhaoine; oir mar a ta a mhòrachd, tha a thròcair.

Currently Selected:

Ecclesiasticus 2: MacGAP

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in