Bible App logo
Search Icon

Ecclesiasticus 1

1
CAIB. I.
1Thig gach gliocas o ʼn Tighearna, agus tha e maille ris gu bràth.
2Cò a ʼs urrainn gaineamh na fairge àireamh, agus braoin an uisge, agus làithean na sìorruidheachd?
3Cò a ʼs urrainn àirde nan nèamh fhaotuinn a mach, agus leud na talmhainn, agus an cuan, agus gliocas?
4Chaidh gliocas a chruthachadh roimh nan uile nithe, agus tuigse aʼ ghliocais o shìorruidheachd.
5Tha focal an Dé a ʼs àirde ʼna thobar gliocais; agus tha a sligheanna ʼnan àitheantaibh bithbhuan.
6Cò dʼ an deachaidh freumh aʼ ghliocais fhoillseachadh? no dʼ an aithne a comhairlean glice?
7(Cò dʼ an dʼ rinneadh eòlas aʼ ghliocais follaiseach? agus cò a thuig a mòr‑chleachd?)
8Tha aon ann a ta glic, agus a ta ʼna aobhar eagail gu mòr; an Tighearna ʼna shuidh air a rìgh‑chaithir.
9Chruthaich se i, agus chunnaic se i, agus dhʼ àireamh se i, agus thaom se mach i air oibribh fein gu léir.
10Tha i maille ris gach feòil a réir a thiodhlaic, agus thug e dhoibh‑san i aig am bheil gràdh dha.
11Tha eagal an Tighearna ʼna urram, agus ʼna ghlòir, agus ʼna aoibhneas, agus ʼna choron gàirdeachais.
12Ni eagal an Tighearna cridhe subhach, agus bheir e aoibhneas, agus toilinntinn, agus beatha fhada.
13Ge bʼ e air am bi eagal an Tighearna, éiridh leis mu dheireadh, agus gheibh e deagh‑ghean ann an là a bhàis.
14Tha eagal an Tighearna ʼna thoiseach gliocais: agus dhealbhadh e maille ris na fìreanaibh ʼsa bhroinn.
15Thog i stéidh bhithbhuan maille ri daoinibh, agus mairidh i maille ri ʼn sìol.
16Tha eagal an Tighearna ʼna lànachd gliocais, agus lìonaidh i daoine le a toraibh.
17Lìonaidh i an tigh aca gu léir le nithibh taitneach, agus na tighean‑tasgaidh le a cinneas.
18Tha eagal an Tighearna ʼna chrùn gliocais, aʼ toirt air sìth agus air fìor shlàinte soirbheachadh: a ta le chéile ʼnan tiodhlacaibh Dhé; agus meudaichidh e an gàirdeachas aca‑san aig am bheil gràdh dha.
19Frasaidh gliocas a nuas innleachd agus eòlas na tuigse, agus àrdaichidh i gu h‑urram iadsan a nì gréim daingean oirre.
20ʼSi freumh a ghliocais eagal an Tighearna, agus is iad a geuga beatha fhada.
21Greasaidh eagal an Tighearna peacanna air falbh; agus far am bheil e a làthair, tionndaidhidh e corruich air falbh.
22Cha ʼn ʼeil e comusach duine garg fhìreanachadh; oir bithidh neart a ghairge ʼna sgrios da.
23Fuilingidh duine foighdinneach rè tamuill, agus an déigh sin éiridh aoibhneas suas air.
24Foluichidh e a bhriathra rè tamuill, agus cuiridh bilean mhòran an céill a ghliocas.
25Tha cosamhlachdan an eòlais ann an ionmhasaibh aʼ ghliocais: ach tha diadhachd ʼna gràineileachd do ʼn pheacach.
26Ma tha thu ag iarraidh gliocais, gléidh na h‑àitheanta, agus bheir an Tighearna dhuit i.
27Oir is gliocas agus oilean eagal an Tighearna; agus tha creideamh agus macantas nan aoibhneas da.
28Na bi an‑earbsach á eagal an Tighearna an uair a ta thu bochd; agus na tig dʼ a ionnsuidh le cridhe dà‑fhillte.
29Na bi ʼnadʼ chealgair ann an sealladh dhaoine, agus thoir deagh aire ciod a their thu.
30Na àrdaich thu fein, air eagal gu ʼn tuit thu, agus gu ʼn toir thu eas‑urram air tʼ anam, agus gu ʼm faigh Dia a mach do nithe uaigneach, agus gu ʼn tilg e sìos thu ann am meadhon aʼ cho‑thionail, a chionn nach tàinig thu ann am fìrinn chum eagail an Tighearna, ach tha do chridhe làn ceilg.

Currently Selected:

Ecclesiasticus 1: MacGAP

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in