Ròmanach 12
12
1 Is còir do thròcair Dhè sinne aomadh gu Dia a thoileachadh; 3 cha chòir do dhuine sam bith meas tuilleadh as maith a bhith aige air fhèin: 6 ach is còir do gach aon feitheamh air an dreuchd sin, a dh’earbadh ris. 9 Tha gràdh, agus mòran de dhleasdanais eile air an iarraidh uainn.
1Air an adhbhar sin guidheam oirbh, a bhràithrean, tre thròcairean Dhè, ur cuirp a thoirt nam beò‐ìobairt#1 Cor 6:15‐20, naoimh, thaitnich do Dhia, nì as e ur seirbhis reusanta.
2Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo#1 Eòin 2:15: ach bithibh air ur cruth‐atharrachadh tre ath‐nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè#Eph 5:10.
3Oir tha mi ag ràdh, tron ghràs a thugadh dhomh, ris gach neach nur measg, gun smaoineachadh uime fhèin nas àirde na as còir dha smaoineachadh#Ròm 11:20; ach smaoineachadh ann am measarrachd, a rèir mar a roinn Dia ris gach neach tomhas a’ chreidimh#Eph 4:7, etc..
4Oir mar a tha mòran bhall againn ann an aon chorp#1 Cor 12:4, 12, agus nach e an t‑aon ghnìomh a tha aig gach ball;
5Amhail sin ged tha sinne nar mòran, is aon chorp ann an Crìosd sinn#Eph 1:23, agus is buill sinn gach aon fa leth da chèile.
6Uime sin air a bhith de thìodhlacan againn, eadar‐dhealaichte a rèir a’ ghràis a thugadh dhuinn#1 Pead 4:10, 11; mas fàidheadaireachd, dèanamaid fàidheadaireachd a rèir tomhas a’ chreidimh;
7No mas frithealadh, thugamaid aire dar frithealadh; no an tì a theagaisgeas, thugadh e aire da theagasg;
8No an tì a bheir earail, thugadh e aire da earail: an tì a roinneas an dèirc, roinneadh e i an treibhdhireas; an tì a riaghlas#Gnìo 20:28, dèanadh e e le dùrachd; an tì a nì tròcair, dèanadh e e gu suilbhir#2 Cor 9:7.
9Biodh ur gràdh gun cheilg#1 Pead 1:22. Biodh gràin agaibh den olc#Salm 34:14; dlùth‐leanaibh ris an nì a tha math.
10Bithibh teò‐chridheach ri chèile le gràdh bràthaireil#1 Pead 2:17, ann an urram a’ toirt toisich gach aon da chèile#1 Pead 5:5:
11Gun a bhith leisg ann an gnothaichean#Gnìo 20:34, 35; dùrachdach nur spiorad#Col 4:12; a’ dèanamh seirbhis don Tighearna#1 Cor 10:31;
12A’ dèanamh gàirdeachais ann an dòchas#Ròm 5:2, 3; foighidinneach ann an trioblaid#Seum 1:4; maireannach ann an ùrnaigh#Lùc 18:1; 1 Tes 5:17:
13A’ co‑roinn ri uireasbhaidh nan naomh#Eabh 13:16; a’ gnàthachadh aoigheachd#Eabh 13:2.
14Beannaichibh an dream a tha a’ dèanamh geur‐leanmhainn oirbh#Mat 5:44: beannaichibh, agus na mallaichibh.
15Dèanaibh gàirdeachas maille riùsan a tha ri gàirdeachas#1 Cor 12:26, agus caoidh maille riùsan a tha ri caoidh.
16Bithibh a dh’aon rùn da chèile#1 Pead 3:8. Na biodh ur cion air nithean àrda#Ier 45:5, ach cuiribh sibh fhèin ann an co‑inbhe riùsan a tha ìosal. Na bithibh glic nur barail fhèin.
17Na ìocaibh olc airson uilc do dhuine sam bith#Mat 5:39; 1 Pead 3:9. Ullaichibh nithean ciatach am fianais nan uile dhaoine#2 Cor 8:21.
18Ma dh’fhaodas e a bhith, a mheud is a tha e an comas dhuibh, bithibh an sìth ris na h‑uile dhaoine#Salm 34:14; Eabh 12:14.
19A chàirdean gràdhach, na dèanaibh dìoghaltas air ur son fhèin#Lebh 19:18, ach thugaibh àite don fheirg: oir tha e sgrìobhte, Is leamsa dìoghaltas#Deut 32:35; ìocaidh mi, tha an Tighearna ag ràdh.
20Uime sin, ma bhios do nàmhaid acrach, thoir biadh dha; ma bhios e tartmhor, thoir deoch dha: oir le seo a dhèanamh càrnaidh tu èibhlean teine air a cheann.
21Na toirear buaidh ort leis an olc#Gnà 16:32, ach thoir‐sa buaidh air an olc leis a’ mhath.
Currently Selected:
Ròmanach 12: ABIG
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017