Salm 138
138
1 Mhol Daibhidh an Tighearna airson fhìrinn agus a choibhneis‐gràidh. 4 Ro‑innis e gun tugadh rìghrean na talmhainn moladh do Dhia.
Salm le Daibhidh.
1Molaidh mi thu, a Thighearna, lem uile chridhe; an làthair nan diathan#Salm 82:6; Ecs 22:28; Eòin 10:34 seinnidh mi cliù dhut.
2Sleuchdaidh mi aig do theampall naomh, agus molaidh mi d’ainm airson do choibhneas gràidh agus airson d’fhìrinn, oir dh’àrdaich thu d’fhacal os cionn d’ainme uile#Isa 42:21.
3Anns an là air an do ghlaodh mi riut, fhreagair thu mi; neartaich thu mi le treòir am anam.
4Molaidh uile rìghrean na talmhainn thu#Salm 72:11, a Thighearna, nuair a chluinneas iad briathran do bheòil;
5Agus seinnidh iad ann an slighean an Tighearna, oir is mòr glòir an Tighearna.
6Ge h‑àrd an Tighearna, gidheadh seallaidh e air an iriosal#Isa 57:15; 66:1, 2; 1 Pead 5:5, ach aithnichidh e an t‑uaibhreach fad as.
7Ged ghluais mi ann am meadhon àmhghair#Mic 7:8, 9, ath‐bheothaichidh tu mi; an aghaidh corraich mo naimhdean sìnidh tu do làmh, agus saoraidh do dheaslàmh mi.
8Coileanaidh an Tighearna air mo shon#Philip 1:6; 1 Tes 5:24; mairidh do thròcair, a Thighearna, gu bràth; na trèig obraichean do làmh.
Currently Selected:
Salm 138: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017