YouVersion Logo
Search Icon

Gnàth‐fhacal 3

3
1 Chomhairlich Solamh, don t‑sluagh gun coimheadadh iad lagh an Tighearna, 5 gun earbadh iad à mhaitheis, 7 gum bitheadh iad iriosal, 9 diadhaidh, 10 agus foighidneach. 20 Cumhachd, 21 agus sochairean a’ ghliocais. 33 Mallachadh nan aingidh.
1A mhic, na dìochuimhnich mo lagh; ach gleidheadh do chridhe m’àitheantan#Isa 51:7; Ier 31:33:
2Oir làithean buan#Deut 30:16, 20; 1 Tim 4:8, agus saoghal fada, agus sìth bheir iad dhut.
3Na trèigeadh tròcair agus fìrinn thu: ceangail iad mud mhuineal; sgrìobh iad air clàr do chridhe#2 Cor 3:3.
4Agus gheibh thu deagh‐ghean, agus tuigse#3:4 no, meas maith. mhath, ann an sealladh Dhè agus dhaoine.
5Earb as an Tighearna led uile chridhe; agus rid thuigse fhèin na biodh do thaic#Ier 10:23; Ròm 12:16.
6Ann ad uile shlighean aidich e#Gnà 16:3, agus seòlaidh esan do cheuman#Gnà 16:9.
7Na bi glic ad shùilean fhèin#Ròm 12:16; biodh eagal an Tighearna ort, agus trèig olc.
8Na shlàinte bidh e dod imleig, agus na smior dod chnàmhan.
9Thoir urram don Tighearna led mhaoin#Ecs 22:29; Mal 3:10‐12; 1 Cor 16:2, agus le ciad‐thoradh d’uile chinneis:
10Agus lìonar do shaibhlean le pailteas#Deut 28:8; Ecl 11:1, 2; Mat 10:42, agus le fìon nuadh ruithidh d’fhìon‐amair thairis.
11Air cronachadh an Tighearna#Eabh 12:5, 6; Tais 3:19, a mhic, na dèan‐sa tàir, agus na sgìthich de a smachdachadh.
12Oir esan as toigh leis an Tighearna smachdaichidh e, mar a smachdaicheas athair am mac anns a bheil a thlachd.
13Is sona an duine a dh’amaiseas air gliocas#Gnà 8:35, 36, agus am fear a gheibh tuigse:
14Oir is fheàrr a ceannachd na ceannachd airgid#Philip 3:8, 9, agus a buannachd na an t‑òr.
15Is luachmhoire i na na seudan#Iob 28:13, etc., agus chan eil gach nì as urrainn thu a mhiannachadh rin coimeas rithe.
16Tha saoghal fada na làimh dheis; na làimh chlì saoibhreas agus urram#Gnà 8:18.
17Is slighean subhachais a slighean#Salm 119:165; Mat 11:29, agus is sìth a ceuman uile.
18Is craobh beatha i dhaibhsan a nì greim oirre#Gen 3:22, 24; Tais 22:2, agus is sona iadsan a ghleidheas i.
19Le gliocas shuidhich an Tighearna an talamh#Ier 51:15; le tuigse shònraich e na nèamhan.
20Le a eòlas‐san brisear suas na doimhneachdan#Gen 7:11, agus silidh na neòil a‑nuas an drùchd#Iob 36:27.
21A mhic, na dealaicheadh iad rid shùilean: coimhead gliocas fallain agus tuigse.
22Agus bidh iad nam beatha dod anam, agus nam maise dod mhuineal.
23An sin imichidh tu ad shlighe gu tèarainte, agus cha tuislich do chas.
24Nuair a laigheas tu sìos#Lebh 26:6, cha bhi eagal ort: seadh, laighidh tu sìos, agus bidh do chadal milis#Salm 127:2.
25Na biodh sgàth ort ro eagal obann#Salm 112:7, no ro fhàsachadh nan aingidh nuair a thig e.
26Oir bidh an Tighearna na thèarmann dhut, agus gleidhidh e do chas o bhith air a glacadh#1 Sam 2:9.
27Na cùm math on dream don dlighear e#Ròm 13:7, nuair a tha e an comas do làimh a dhèanamh#Gal 6:10.
28Na abair rid choimhearsnach#Lebh 19:13, Imich, agus thig a‑rìs, agus a‑màireach bheir mi dhut, nuair a tha e agad làimh riut.
29Na dealbh olc an aghaidh do choimhearsnaich, agus e a’ gabhail còmhnaidh gu muinghinneach làimh riut.
30Na dèan strì ri duine gun adhbhar, mura do rinn e cron ort#Gnà 25:8.
31Na biodh farmad agad ri fear an fhòirneirt, agus na roghnaich a’ bheag de a shlighean.
32Oir is gràinealachd don Tighearna an duine ceannairceach; ach tha a rùn aig an ionracan#Salm 25:14.
33Tha mallachd an Tighearna ann an taigh an aingidh#Sech 5:4; ach beannaichidh e àite‐còmhnaidh nam fìrean#Iob 8:6, 7.
34Gu cinnteach air luchd‐fochaid nì e fochaid; ach don iriosal bheir e gràs.
35Sealbhaichidh na daoine glice urram#Daniel 12:3; ach is e nàire àrdachadh nan amadan.

Currently Selected:

Gnàth‐fhacal 3: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in