Mata 28
ABIG
28
1 Tha aiseirigh Chrìosd air a’ cur an cèill do na mnathan: 9 nochd Crìosd e fhèin dhaibh. 11 Thug na h‑àrd‐shagairt airgead do na saighdearan a‑chum gun abradh iad gun do ghoideadh as an uaigh e.
1An dèidh na sàbaid#Marc 16:1, etc.; Lùc 24:1, etc.; Eòin 20:1, etc., aig briseadh na fàire air a’ chiad là den t‑seachdain, thàinig Muire Magdalen, agus a’ Mhuire eile, a dh’fhaicinn na h‑uaighe.
2Agus, feuch, bha crith‐thalmhainn mhòr ann; oir thàinig aingeal an Tighearna a‑nuas o nèamh, agus air teachd dha, charaich e a’ chlach on doras, agus shuidh e oirre.
3Agus bha a ghnùis mar dhealanach#Salm 104:4; Esec 1:4, 14; Daniel 10:6, agus a aodach geal mar shneachd.
4Agus air eagal roimhe chriothnaich an luchd‐coimhead, agus chaidh iad an riochd mairbh.
5Ach fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e ris na mnathan, Na biodh eagal oirbhse: oir tha fhios agam gu bheil sibh ag iarraidh Iosa, a chaidh a cheusadh.
6Chan eil e an seo; oir dh’èirich e, mar a thubhairt e#Mat 16:21; 20:19: thigibh, faicibh an t‑àite anns an robh an Tighearna na laighe.
7Agus imichibh gu luath, agus innsibh da dheisciobail gun d’èirich e o na mairbh#Lùc 24:34; 1 Cor 15:4: agus, feuch, tha e a’ dol romhaibh do Ghalile#Mat 26:32; an sin chì sibh e; feuch, thubhairt mise ribh e.
8Agus dh’imich iad gu luath on uaigh, le eagal agus mòr‐ghàirdeachas, agus ruith iad a dh’innse da dheisciobail.
9Agus ag imeachd dhaibhsan a dh’innse da dheisciobail, feuch, thachair Iosa fhèin orra, ag ràdh, Fàilte dhuibh#Eòin 20:19. Agus thàinig iad am fagas dha, agus rug iad air a chasan, agus rinn iad adhradh dha.
10An sin thubhairt Iosa riu, Na biodh eagal oirbh: imichibh, abraibh rim bhràithrean#Salm 22:22; Eabh 2:11 iadsan a dhol do Ghalile, agus an sin chì iad mi.
11Agus nuair a bha iadsan ag imeachd, feuch, thàinig cuid den luchd‐faire don bhaile, agus nochd iad do na h‑àrd‐shagartan gach nì a thachair.
12Agus air cruinneachadh dhaibhsan an ceann a chèile maille ris na seanairean, agus air gabhail comhairle dhaibh, thug iad mòran airgid do na saighdearan,
13Ag ràdh, Abraibh‐se gun tàinig a dheisciobail anns an oidhche, agus gun do ghoid iad e, nuair a bha sinne nar cadal.
14Agus ma chluinneas an t‑uachdaran seo, cuiridh sinne impidh air, agus nì sinn sibhse tèarainte#Gnìo 12:19.
15Agus ghabh iad an t‑airgead, agus rinn iad mar a theagaisgeadh dhaibh: agus tha a’ chainnt seo air a h‑aithris am measg nan Iùdhach gus an là‑an‑diugh.
16An sin chaidh an t‑aon‐deisciobal‐deug do Ghalile, don bheinn far an d’òrdaich Iosa dhaibh#Mat 26:32.
17Agus nuair a chunnaic iad e, rinn iad adhradh dha: ach bha cuid aca fo amharas.
18Agus thàinig Iosa, agus labhair e riu, ag ràdh, Thugadh dhòmhsa gach uile chumhachd air nèamh agus air talamh#Salm 2:6; 89:19; 110:1‐3; Isa 9:6, 7; Daniel 7:14; Eabh 2:8; 1 Pead 3:22; Tais 11:15.
19Uime sin imichibh‐se#Marc 16:15, agus dèanaibh deisciobail de gach uile chinneach, gam baisteadh#Gnìo 2:38‐41; 8:12‐16 ann an ainm an Athar, agus a’ Mhic, agus an Spioraid Naoimh;
20A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.

© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

Learn More About Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 2017