YouVersion Logo
Search Icon

Mata 25

25
1 Cosamhlachd nan deich òighean, 14 agus nan tàlann: 31 mar an ceudna mion‐innseadh mun bhreitheanas dheireannach.
1An sin samhlaichear rìoghachd nèimh ri deich òighean#Salm 45:14; DànShol 6:8, 9; 2 Cor 11:2 a thug leo an lòchrain, agus a chaidh a‑mach an còdhail an fhir nuadh‐phòsda#Eòin 3:29; Eph 5:25‐32.
2Agus bha còignear dhiubh glic, agus còignear amaideach.
3Thug iadsan a bha amaideach an lòchrain leo, ach cha tug iad ola leo.
4Ach iadsan a bha glic, thug iad ola leo nan soithichean maille rin lòchrain.
5Agus air dèanamh moille don fhear nuadh‐phòsda, thuit clò cadail orra uile, agus suain#1 Tes 5:6.
6Ach anns a’ mheadhon‐oidhche#1 Tes 4:16; Tais 16:15, rinneadh glaodh, Feuch, tha am fear nuadh‐pòsda a’ teachd; rachaibh a‑mach ga choinneachadh.
7An sin dh’èirich na h‑òighean ud uile, agus dheasaich iad an lòchrain.
8Agus thubhairt na h‑òighean amaideach riùsan a bha glic, Thoiribh dhuinne cuid de ur n‑ola: oir tha ar lòchrain a’ dol as#Lùc 12:35.
9Ach fhreagair iadsan a bha glic, ag ràdh, Air eagal nach bi gu leòr ann dhuinn fhèin agus dhuibhse, gum b’fheàrr leibh dol a‑chum an luchd‐reic; agus ceannaichibh dhuibh fhèin.
10Agus am feadh a bha iad a’ dol a cheannach, thàinig am fear nuadh‐pòsda; agus chaidh iadsan a bha ullamh a‑steach leis a‑chum a’ phòsaidh, agus dhruideadh an doras#Lùc 13:25‐27; Tais 22:11.
11Na dhèidh sin, thàinig mar an ceudna na h‑òighean eile, ag ràdh, A thighearna, a thighearna, fosgail dhuinne#Mat 7:21‐23; Eabh 12:17.
12Ach fhreagair esan agus thubhairt e, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach aithne dhomh sibh#Hab 1:13; Lùc 13:20‐30.
13Dèanaibh faire air an adhbhar sin#Mat 24:43, 44; Marc 13:33, 35; Lùc 21:36, do bhrìgh nach aithne dhuibh an là no an uair air an tig Mac an Duine.
14Oir is cosmhail e ri duine a’ dol air choigrich#Lùc 19:12, etc., a ghairm a sheirbhisich, agus a thug dhaibh a mhaoin:
15Agus do aon dhiubh thug e còig tàlannan, agus do neach eile a dhà, agus do neach eile a h‑aon; do gach aon fa leth a rèir a chomais#Ròm 12:6; 1 Cor 12:4, etc.; Eph 4:11; agus air ball ghabh e a thuras.
16Agus dh’imich esan a fhuair na còig tàlannan, agus rinn e ceannachd leo, agus bhuannaich e còig tàlannan eile.
17Agus mar an ceudna esan a fhuair a dhà, bhuannaich e dithis eile.
18Ach an tì a fhuair a h‑aon, dh’imich e agus chladhaich e anns an talamh, agus dh’fhalaich e airgead a mhaighistir.
19An dèidh aimsir fhada thàinig tighearna nan seirbhiseach sin, agus rinn e cunntas riu#Ròm 14:7‐12.
20Agus thàinig esan a fhuair na còig tàlannan, agus thug e leis còig tàlannan eile, ag ràdh, A thighearna, thug thu dhòmhsa còig tàlannan: feuch, bhuannaich mi còig tàlannan eile a thuilleadh orra.
21Agus thubhairt a thighearna ris, Is math, a dheagh sheirbhisich fhìrinnich; bha thusa fìrinneach ann am beagan, cuiridh mise os cionn mhòran thu#Lùc 12:44; 22:29; Tais 3:21: imich a‑steach do aoibhneas do thighearna#Isa 53:11; Eòin 14:3; 17:24; Eabh 12:2; Tais 7:17.
22Agus thàinig esan a fhuair an dà thàlann, agus thubhairt e, A thighearna, thug thu dhòmhsa dà thàlann: feuch, bhuannaich mi dà thàlann eile a thuilleadh orra.
23Thubhairt a thighearna ris, Is math, a dheagh sheirbhisich fhìrinnich; bha thusa fìrinneach ann am beagan de nithean, cuiridh mise os cionn mòran de nithean thu: imich a‑steach do aoibhneas do thighearna.
24Ach nuair a thàinig esan a fhuair an t‑aon tàlann, thubhairt e, A thighearna, bha fhios agam gur duine cruaidh thu, a bhuaineas anns an àite anns nach do chuir thu#Ier 2:31, agus a thionaileas anns an ionad anns nach do sgaoil thu;
25Agus air dhomh a bhith fo eagal, chaidh mi agus dh’fhalaich mi do thàlann anns an talamh: feuch, sin agad do chuid fhèin.
26Fhreagair a thighearna agus thubhairt e ris, A sheirbhisich uilc agus leisg#Mat 18:32; Lùc 19:22, bha fhios agad gum buaininn‐sa anns an àit anns nach do chuir mi, agus gun tionalainn as an ionad anns nach do sgaoil mi;
27Bu chòir dhut, uime sin, m’airgead a thabhairt don luchd‐malairt agus air dhomh teachd, gheibhinn mo chuid fhèin maille ra riadh.
28Buinibh uaithe, uime sin, an tàlann, agus thugaibh dhàsan e aig a bheil na deich tàlannan.
29(Oir do gach neach aig a bheil, bheirear#Mat 13:12; Marc 4:25; Lùc 8:18, agus bidh aige gu pailt: ach uaithesan aig nach eil, bheirear eadhon an nì sin a tha aige#Tais 2:5.)
30Agus tilgibh an seirbhiseach mi‑thairbheach seo do dhorchadas iomallach#Mat 8:12: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal.
31Nuair a thig Mac an Duine na ghlòir#Daniel 7:13; Marc 8:38; Gnìo 1:11; 1 Tes 4:16; Tais 1:7, agus na h‑ainglean naomha uile maille ris, an sin suidhidh e air cathair rìoghail a ghlòire:
32Agus cruinnichear na làthair na h‑uile chinnich#Ròm 14:10; 2 Cor 5:10; Tais 20:12; agus sgaraidh e iad o chèile#Esec 34:17; Mat 13:49, amhail a sgaras buachaille na caoraich o na gobhair:
33Agus cuiridh e na caoraich air a làimh dheis, ach na gobhair air a làimh chlì.
34An sin their an Rìgh riùsan air a dheis, Thigibh, a dhaoine beannaichte m’Athar‐sa, sealbhaichibh mar oighreachd#Ròm 8:17; 1 Pead 1:4, 9 an rìoghachd a tha air a deasachadh dhuibh#Mat 20:23; Eabh 11:16 o leagadh bunaitean an domhain:
35Oir bha mi acrach, agus thug sibh dhomh biadh#Seum 1:27: bha mi tartmhor, agus thug sibh dhomh deoch: bha mi am choigreach, agus thug sibh aoigheachd dhomh#2 Eòin 5:
36Lomnochd, agus dh’èidich sibh mi#Seum 2:14‐16: bha mi easlan, agus thàinig sibh gam amharc: bha mi ann am prìosan, agus thàinig sibh am ionnsaigh#2 Tim 1:16; Eabh 13:2.
37An sin freagraidh na fìreanan e, ag ràdh, A Thighearna, cuin a chunnaic sinn acrach thu, agus a bheathaich sinn thu, no tartmhor, agus a thug sinn deoch dhut?
38No cuin a chunnaic sinn ad choigreach thu, agus a thug sinn aoigheachd dhut, no lomnochd, agus a dh’èidich sinn thu?
39No cuin a chunnaic sinn easlan thu, no ann am prìosan, agus a thàinig sinn ad ionnsaigh?
40Agus freagraidh an Rìgh, agus their e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, a mheud is gun do rinn sibh e do aon de na bràithrean as lugha agamsa#Marc 9:41; Eabh 6:10, rinn sibh dhòmhsa e.
41An sin their e mar an ceudna riùsan air an làimh chlì, Imichibh uam#Lùc 13:27, a shluaigh mhallaichte, a dh’ionnsaigh an teine shìorraidh#Mat 13:40, 42; Tais 14:11, a dh’ullaicheadh don diabhal agus da ainglean#Iùd 6; Tais 20:10:
42Oir bha mi acrach, agus cha tug sibh dhomh biadh; bha mi tartmhor, agus cha tug sibh dhomh deoch:
43Bha mi am choigreach, agus cha tug sibh aoigheachd dhomh: lomnochd, agus cha d’èidich sibh mi: easlan agus ann am prìosan, agus cha tàinig sibh gam amharc.
44An sin freagraidh iadsan mar an ceudna e, ag ràdh, A Thighearna, cuin a chunnaic sinne thu acrach, no tartmhor, no ad choigreach, no lomnochd, no easlan, no am prìosan, agus nach do fhritheil sinn dhut?
45An sin freagraidh esan iad, ag ràdh, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, a mheud is nach do rinn sibh e don neach as lugha dhiubh seo#Sech 2:8; Gnìo 9:5, cha do rinn sibh dhòmhsa e.
46Agus imichidh iadsan a‑chum peanais shìorraidh#Daniel 12:2; Eòin 5:29; ach na fìreanan a‑chum na beatha maireannaich.

Currently Selected:

Mata 25: ABIG

Highlight

Copy

Compare

Share

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in