YouVersion Logo
Search Icon

Mata 17

17
1 Atharrachadh agus deàlrachadh cruth Iosa. 14 Shlànaich e leanabh air an robh an tuiteamach. 22 Dh’innis e fhulangas ro‑làimh, 24 agus dh’ìoc e a’ chìs.
1Agus an dèidh sia làithean#Marc 9:2, etc.; Lùc 9:28, etc., ghabh Iosa Peadar, agus Seumas, agus Eòin a bhràthair, agus thug e iad air leth gu beinn àird,
2Agus dh’atharraicheadh a chruth nan làthair; agus dhealraich a aghaidh mar a’ ghrian#Tais 1:16, agus rinneadh a aodach geal mar an solas.
3Agus, feuch, chunnacas leo Maois agus Elias a’ còmhradh ris.
4An sin fhreagair Peadar, agus thubhairt e ri Iosa, A Thighearna, is math dhuinne a bhith an seo: mas àill leatsa, dèanamaid trì pàilleanan an seo: aon dhutsa, aon do Mhaois, agus aon do Elias.
5Air dha a bhith fhathast a’ labhairt, feuch, thilg neul soillseach#Ecs 33:9; Salm 99:7; Isa 4:5 sgàil orra: agus, feuch, guth as an neul, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr‐thlachd#Mat 3:17; 2 Pead 1:17; Isa 42:1, 21: èisdibh ris#Deut 18:15, 19; Gnìo 3:22, 23; Eabh 1:1, 2; 2:1‐3.
6Agus nuair a chuala na deisciobail seo, thuit iad air an aghaidh, agus ghabh iad eagal ro‑mhòr.
7Agus thàinig Iosa agus bhean e riu#Daniel 10:10, 18; Tais 1:17, agus thubhairt e, Eiribh, agus na biodh eagal oirbh.
8Agus nuair a thog iad suas an sùilean, chan fhaca iad neach air bith ach Iosa na aonar.
9Agus an àm dhaibh teachd a‑nuas on bheinn, thug Iosa àithne dhaibh, ag ràdh, Na innsibh do neach air bith an nì a chunnaic sibh gus an èirich Mac an Duine o na mairbh.
10Agus dh’fheòraich a dheisciobail dheth, ag ràdh, Carson mas eadh a their na sgrìobhaichean#Mat 11:14; Mal 4:5, 6 gur èiginn do Elias teachd air tùs?
11Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Thig Elias gu fìrinneach air tùs, agus aisigidh e na h‑uile nithean:
12Ach tha mise ag ràdh ribh gun tàinig Elias cheana, agus cha d’aithnich iad e, ach rinn iad gach nì a bu toil leo ris: is ann mar sin, mar an ceudna, a dh’fhulaingeas Mac an Duine uapa#Mat 16:21.
13An sin thuig na deisciobail gum b’ann mu Eòin Baistidh a labhair e riu.
14Agus nuair a thàinig iad a‑chum an t‑sluaigh#Marc 9:14, etc.; Lùc 9:37, etc., thàinig duine àraidh da ionnsaigh, a’ tuiteam air a ghlùinean dha, agus ag ràdh,
15A Thighearna, dèan tròcair air mo mhac, oir tha e gu tinn leis an tuiteamaich, agus is mòr an cràdh a tha e a’ fulang: oir tha e gu minig a’ tuiteam anns an teine, agus gu minig anns an uisge.
16Agus thug mi e a dh’ionnsaigh do dheisciobal, agus cha b’urrainn iad a leigheas.
17Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, A ghinealaich neo‐chreidmhich agus choirbte, cia fhad a dh’fhulaingeas mi sibh#Àir 14:11, 27? Thugaibh am ionnsaigh‐sa an seo e.
18Agus chronaich Iosa an deamhan#Lùc 4:35, 41, agus dh’imich e as: agus shlànaicheadh an leanabh on uair sin a‑mach.
19An sin, nuair a thàinig na deisciobail a‑chum Iosa fa leth, thubhairt iad, Carson nach b’urrainn sinne a thilgeadh a‑mach?
20Agus thubhairt Iosa riu, Airson ur mì‑chreidimh#Eabh 3:19: oir gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne mustaird#Mat 21:21; Marc 11:23; Lùc 17:6; 1 Cor 13:2, theireadh sibh ris a’ bheinn seo, Atharraich as a seo an siud, agus dh’atharraicheadh i; agus cha bhiodh nì air bith eu‑comasach dhuibh#Marc 9:23.
21Gidheadh, cha tèid a’ ghnè seo a‑mach ach le ùrnaigh agus le trasgadh.
22Agus am feadh a bha iad a’ fantainn ann an Galile#Marc 9:30‐32; Lùc 9:43‐45, thubhairt Iosa riu, Bidh Mac an Duine air a bhrath thairis do làmhan dhaoine:
23Agus marbhaidh iad e, ach air an treas là èiridh e. Agus bha iadsan ro‑bhrònach.
24Agus air teachd dhaibh do Chapernàum, thàinig luchd‐togail na cìse gu Peadar, agus thubhairt iad ris, Nach eil ur Maighistir‐se ag ìocadh na cìse#17:24 Gr. didrachma; dà bhonn de luach leth‐sheceil, Ecs 30:14, 15.?
25Thubhairt esan, Tha. Agus nuair a chaidh e a‑steach don taigh, labhair Iosa ris air tùs, ag ràdh, Ciod i do bharail‐sa, a Shìmoin? Cò uaithe a tha rìghrean na talmhainn a’ togail càine no cìse? An ann on cloinn fhèin, no o choigrich?
26Thubhairt Peadar ris, O choigrich. Thubhairt Iosa ris, Air an adhbhar sin tha a’ chlann saor.
27Gidheadh, a‑chum nach tugamaid oilbheum dhaibh#2 Cor 6:3, imich thusa a‑chum na fairge, agus tilg dubhan innte, agus tog an ciad iasg a thig a‑nìos: agus air fosgladh a bheòil dhut, gheibh thu bonn airgid; sin gabh, agus thoir dhaibh air mo shon‐sa, agus air do shon fhèin.

Currently Selected:

Mata 17: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy