YouVersion Logo
Search Icon

Malachi 4

4
1 Breitheanas Dhè air na h‑aingidh, agus a mhaitheas dhaibh‐san air am bheil eagal roimhe. 4 Chomhairlicheadh don t‑sluagh lagh an Tighearna a chuimhneachadh. 5 Dreuchd an fhàidh Eliah.
1Oir feuch, tha an là a’ teachd#2 Pead 3:10, a loisgeas mar àmhainn; agus bidh na h‑uaibhrich uile, seadh, gach neach a tha ri aingidheachd, mar asbhuain: agus loisgidh an là a tha a’ teachd suas iad#Mat 3:12, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh; oir chan fhàg e bun no bàrr dhiubh.
2Ach dhuibhse air a bheil eagal m’ainme‐sa#Daniel 3:16 èiridh Grian na Fìreantachd#2 Sam 23:4; Lùc 1:78; Eòin 8:12 le slàinte na sgiathan; agus thèid sibh a‑mach, agus fàsaidh sibh suas mar laoigh bhiadhte#Hos 14:5‐7.
3Agus saltraidh sibh sìos na h‑aingidh: oir bidh iad mar luaithre fo bhuinn ur cas, anns an là anns an dèan mise seo, deir Tighearna nan sluagh.
4Cuimhnichibh‐se lagh Mhaois m’òglach, a dh’àithn mise dha ann an Hòreb, airson Israeil uile, eadhon na reachdan agus na breitheanais.
5Feuch, cuiridh mise dur n‑ionnsaigh Eliah#Mat 11:14; 17:10‐13 am fàidh ro theachd là mòr agus uamhasach an Tighearna.
6Agus tionndaidhidh esan cridhe nan athraichean a‑chum na cloinne#Lùc 1:16, 17, 18, agus cridhe na cloinne a‑chum an athraichean, air eagal gun tig mise, agus gum buail mi am fearann le lèirsgrios.
A’ CHRIOCH

Currently Selected:

Malachi 4: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy