YouVersion Logo
Search Icon

Malachi 3

3
1 Thig Mesiah a ghlanadh na h‑eaglais, agus a thoirt breith air na h‑aingidh. 7 Thugadh rabhadh don t‑sluagh aithreachas a ghabhail. 8 An cionta uamhasach.
1Feuch, cuiridh mise a‑mach mo theachdaire#Lùc 1:76; 7:27, agus ullaichidh e an t‑slighe romham; agus thig an Tighearna a tha sibh ag iarraidh gu a theampall gu grad#Lùc 2:27; eadhon teachdaire a’ choicheangail, anns a bheil ur tlachd; feuch thig esan, deir Tighearna nan sluagh.
2Ach cò a dh’fhaodas là a theachd a ghiùlan? Agus cò a sheasas#Mat 25:10; Tais 6:17 nuair a dh’fhoillsichear e? Oir is cosmhail e ri teine an fhir‐leaghaidh#1 Cor 3:13‐15, agus ri acfhainn‐ghlanaidh an fhir a nigheas aodach:
3Agus suidhidh e mar fhear‐leaghaidh agus glanaidh airgid: agus glanaidh e mic Lèbhi, agus saoraidh e o shal iad, mar òr agus mar airgead, a‑chum gum bi iad nan òglaich don Tighearna, a’ tairgse dha tabhartais ann am fìreantachd#1 Pead 2:5.
4An sin bidh tabhartas Iùdah agus Ierusaleim taitneach don Tighearna, mar anns na làithean o shean, agus anns na bliadhnachan roimhe seo.
5Agus thig mise dlùth dhuibh gu breitheanas, agus bidh mi am fhianais luath an aghaidh fhiosaichean, agus an aghaidh adhaltranach#Mat 11:14; 17:10‐13, agus an aghaidh na muinntir a bheir mionnan‐eithich#Lebh 19:12; Sech 5:4, agus an aghaidh na muinntir a tha a’ cumail air ais a thuarasdail on t‑seirbhiseach#Seum 5:4, a’ sàrachadh na bantraich agus an dìlleachdain, agus a’ cur a’ choigrich a thaobh, agus air nach eil eagal romhamsa, deir Tighearna nan sluagh.
6Oir is mise Iehòbhah, cha chaochail mi#Àir 23:19; Seum 1:17: air an adhbhar sin chan eil sibhse, O chlann Iàcoib, air ur sgrios#Tuir 3:22, 23.
7Eadhon o làithean ur n‑athraichean chlaon sibh om reachdan‐sa, agus cha do choimhead sibh iad: tillibh riumsa, agus tillidh mise ribhse#Lebh 26:40‐42; Sech 1:3, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Ach thubhairt sibhse, Ciod anns an till sinn?
8An spùinn duine Dia? Gidheadh spùinn sibhse mise: ach tha sibh ag ràdh, Ciod anns an do spùinn sinn thu? Ann an deicheamh agus ann an tabhartasan#Daniel 1:8, 13; Neh 13:10‐12.
9Tha sibh mallaichte le mallachd, oir spùinn sibh mise; eadhon an cinneach seo uile.
10Thugaibh an deicheamh uile a‑chum an taigh‐thasgaidh, air chor is gum bi biadh ann am thaigh‐sa; agus dearbhaibh mi a‑nis leis an nì seo, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, mura fosgail mi dhuibh uinneagan nan nèamh a dhòrtadh a‑mach beannachd oirbh, gus nach bi àit ann ga chumail#2 Each 31:10.
11Agus cronaichidh mi am milltear#Amos 4:9 air ur sgàth‐se, agus cha mhill e toradh ur fearainn, cha mhò a thilgeas ur fìonain a meas an‑abaich anns an fhaiche, deir Tighearna nan sluagh.
12Agus goiridh na h‑uile chinnich beannaichte sibh: oir bidh sibh nur dùthaich thaitnich, deir Tighearna nan sluagh.
13Bha ur briathran dalma ann am aghaidh‐sa#Daniel 2:17, tha an Tighearna ag ràdh; gidheadh tha sibh ag ràdh, Ciod a labhair sinn ad aghaidh?
14Thubhairt sibh, Is dìomhain seirbhis a thoirt don Tighearna#Iob 22:17; Isa 58:3; agus ciod a’ bhuannachd dhuinn gun do choimhead sinn a òrdagh, agus gun do ghluais sinn gu brònach an làthair Tighearna nan sluagh?
15Agus a‑nis tha sinn a’ meas nan uaibhreach sona#Salm 73:12: seadh, tha iadsan a tha a’ cur an gnìomh aingidheachd air an àrdachadh: seadh, tha iadsan a tha a’ buaireadh Dhè eadhon air an saoradh.
16An sin labhair iadsan air an robh eagal an Tighearna, gach aon gu tric ri chèile#Salm 66:16; 1 Cor 7:14; 1 Tes 5:11; agus dh’èisd an Tighearna, agus chuala e, agus bha leabhar‐cuimhne#Daniel 7:19; Tais 20:12 air a sgrìobhadh na làthair airson na muinntir air an robh eagal an Tighearna, agus a smaoinich air ainm.
17Bidh iad leamsa#Tìt 2:14; 1 Pead 2:9, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, anns an là sin anns an dèan mi suas mo sheudan#Isa 62:3; agus coiglidh mi iad, mar a choigleas duine a mhac fhèin a tha a’ dèanamh seirbhis dha.
18An sin tillidh sibhse, agus chì sibh an dealachadh eadar am fìrean agus an t‑aingidh#Salm 58:11; eadar an tì a tha a’ dèanamh seirbhis do Dhia, agus an tì nach eil ri seirbhis dha idir.

Currently Selected:

Malachi 3: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy