Isaiah 57:15-16
Isaiah 57:15-16 ABIG
Oir mar seo deir an Tì àrd agus uasal, don àite‐còmhnaidh sìorraidheachd, don ainm an Tì naomh: Anns an ionad àrd agus naomh gabham‐sa còmhnaidh; maille ris‐san fòs a tha leònte agus iriosal na spiorad; a bheothachadh spiorad nan iriosal, agus a bheothachadh cridhe nan daoine leònte. Oir cha bhi mi a’ cronachadh gu sìor, agus cha bhi fearg orm an còmhnaidh; oir dh’fhàilnicheadh an spiorad romham, agus na h‑anaman a rinn mi fhèin.





