Isaiah 16
16
1 Chomhairlicheadh do Mhoab a bhith ùmhal dhàsan a shuidheas air rìgh‐chathair Dhaibhidh. 6 Chaidh Moab a bhagradh le sgrios airson ardain‐san, uaill‐san, agus fheirge‐san.
1Cuiribhse uan#2 Rìgh 3:4 a dh’ionnsaigh na tìre, o Shela#16:1 is e sin, Petra; no, a’ charraig, 2 Rìgh 14:7; Obad 1:3. an fhàsaich, gu sliabh nighean Shioin.
2Oir mar eunlaith sheachranach, air am fògradh on nead, mar sin bidh nigheanan Mhòaib aig àthan Arnoin#Àir 21:13.
3Tabhair comhairle, cuir an gnìomh breitheanas; dèan do sgàil mar an oidhche ann an àird a’ mheadhon‐là; falaich na dìobaraich; na brath am fògarrach.
4Gabhadh mo dhìobaraich tàmh maille riut, O Mhòaib; bi ad ionad‐falaich dhaibh on mhilltear; oir thàinig crìoch air an fhear‐shàrachaidh, sguir am fear‐millidh; tha an luchd‐saltairt air an caitheamh as an tìr.
5Agus daingnichear an rìgh‐chathair ann an tròcair#Daniel 7:14, 27; Mic 4:7; Lùc 1:32, 33, agus suidhidh e oirre ann am fìrinn, ann am pàillean Dhaibhidh#Salm 72:2, a’ tabhairt breith, agus a’ rannsachadh na còrach, agus a’ luathachadh ceartais.
6Chuala sinn uabhar Mhòaib#Seph 2:10; tha e ro‑uaibhreach; a àrdan, agus a uaill, agus a fhearg; ach chan eil a spionnadh da rèir.
7Air an adhbhar sin caoinidh Mòab; airson Mhòaib caoinidh gach aon; airson bunait Chir‐hareseit nì sibh tuireadh#2 Rìgh 3:25: gu cinnteach tha iad air am bualadh.
8Oir tha machraichean Hesboin air fàilneachadh, agus fìonain Shibmah; bhris maithean nan cinneach sìos a fìon‐chroinn ghasda; ràinig iad gu Iaser; sgaoil iad air feadh an fhàsaich; shìn a geugan iad fhèin a‑mach, chaidh iad thar fairge.
9Air an adhbhar sin guilidh mi#Ier 48:32, etc. le gul Iaseir airson fìonain Shibmah; uisgichidh mi thu lem dheòir, O Hesboin agus Elealeh; oir dh’fhalbh a’ cho‐ghàir airson do mheas‐samhraidh, agus airson d’fhogharaidh.
10Agus tha aoibhneas agus gàirdeachas air an toirt air falbh#Isa 24:8 on mhachair thorraich; agus anns na fìonliosan cha dèan iad ceòl, cha tog iad iolach; anns na h‑amaran cha bhrùth am fear‐bruthaidh fìon; thug mise air an iolach sgur.
11Uime sin nì mo chom fuaim#Isa 63:15 mar chlàrsaich airson Mhòaib; agus mo thaobh a‑staigh airson Chir‐hareis.
12Agus tàrlaidh, nuair a chìthear gun do sgìthich Mòab e fhèin air an ionad àrd#Isa 26:16, gun tèid e a‑steach da ionad naomh a dhèanamh ùrnaigh; ach cha soirbhich leis#Gnà 1:28.
13Seo am facal a labhair an Tighearna mu thimcheall Mhòaib on àm sin.
14Ach a‑nis labhair an Tighearna ag ràdh, An ceann trì bliadhna, mar bhliadhnachan fir‐thuarasdail#Isa 21:16, nìthear glòir Mhòaib tàireil, le a mhòr‐shluagh uile; agus bidh am fuidheall ro‑bheag agus anfhann.
Currently Selected:
Isaiah 16: ABIG
Highlight
Copy
Compare
Share
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017