YouVersion Logo
Search Icon

Habacuc 3

3
1 Ùrnaigh Habacuc. 3 Mòrachd an Tighearna. 17 Nochd am fàidh gu robh a chreidimh làidir ann an Dia a shlàinte.
1Ùrnaigh Habacuc am fàidh air Sigionot.
2O Thighearna, chuala mi do chainnt; bha eagal orm: O Thighearna, ath‐bheothaich d’obair ann am meadhon nam bliadhnachan#Salm 85:6, ann am meadhon nam bliadhnachan dèan aithnichte; ann an corraich cuimhnich tròcair#Ecs 32:11‐14.
3Thàinig Dia o Theman, agus an Tì naomh o shliabh Phàrain#Deut 33:2; Bri 5:4, 5; Salm 68:7, 8. Selah. Chòmhdaich a ghlòir na nèamhan, agus bha an talamh làn de a chliù.
4Agus bha a shoilleireachd mar a’ ghrian; o a làimh shruth deàrsannan solais; agus an sin bha àite‐falaich a mhòrachd.
5Ro a ghnùis chaidh a’ phlàigh; agus chaidh èibhlean teine a‑mach o a chasan.
6Sheas e, agus thomhais e an talamh: dh’amhairc e, agus sgap e na cinnich as a chèile; agus bha na slèibhtean sìorraidh air am briseadh; chrom na cnuic bhith‐bhuan; tha a shlighe maireannach#Mic 5:2.
7Chunnaic mi pàilleanan Chusain#3:7 Etiopia. ann an àmhghar: chriothnaich brat‐sgàile fearann Mhidiain.
8An robh corraich air an Tighearna ris na tuiltean? An robh d’fhearg an aghaidh nan aibhnichean? An robh do chorraich an aghaidh na fairge, gun do mharcaich thu air d’eich, agus air do charbadan slàinte?
9Rinneadh do bhogha glan‐rùisgte, a rèir nam mionn do na treubhan, eadhon d’fhacail. Selah. Sgoilt thu an talamh le sruthan.
10Chunnaic na slèibhtean thu agus chriothnaich iad#Ecs 19:16; Salm 68:7, 8: ghabh tuil nan uisgeachan seachad: chuir an t‑aigeann a‑mach a ghuth, thog an doimhne suas a làmhan.
11Sheas a’ ghrian#Ios 10:12, 13 agus a’ ghealach nan àite: nan solas shiubhail do shaighdean; nan dealradh do shleaghan lìomhte.
12Dh’imich thu tron fhearann ann am feirg, bhuail thu na cinnich ann an corraich.
13Chaidh thu a‑mach airson tèarnadh do shluaigh, airson tèarnadh do mhuinntir ungte: bhuail thu an ceann o thaigh an aingidh; leig thu ris na bunaitean gu ruig a’ mhuineil. Selah.
14Bhuail thu led shlait ceann a bhailtean. Ruith iad a‑mach mar chuairt‐ghaoith gu ar sgapadh; bha an gàirdeachas mar gun sluigeadh iad am bochd gu h‑uaigneach.
15Choisich thusa tron fhairge led eich: tro chruinneachadh nan uisgeachan mòra.
16Nuair a chuala mi, chriothnaich mo chom#Ier 23:9: bha mo bhilean air chrith rod ghuth: chaidh lobhadh a‑steach ann am chnàmhan, agus chriothnaich mi ann am àite; a‑chum gum biodh fois agam ann an là an àmhghair: nuair a thèid e suas an aghaidh an t‑sluaigh, agus a chlaoidheas e iad le a bhuidhnean.
17Ged nach toir an crann‐fìge uaithe blàth#Deut 28:33‐42, agus ged nach fàs air an fhìonain cinneas; ged fhàilnich meas a’ chroinn‐ola, agus ged nach toir na machraichean uapa lòn; ged ghearrar an treud as on mhainnir, agus ged nach bi buar air bith anns na buailtean:
18Gidheadh nì mise gàirdeachas anns an Tighearna#Iob 13:15, nì mi aoibhneas ann an Dia mo shlàinte#Isa 61:10.
19Is e an Tighearna Iehòbhah mo neart#Salm 18:1; 27:1, agus nì e mo chasan mar chasan èilde#2 Sam 22:33, 34, agus bheir e orm coiseachd air m’ionadan àrda. Don àrd‐fhear‐chiùil air m’innealan teudach.

Currently Selected:

Habacuc 3: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy