Gnìomharan 18
18
1 Rinn Pòl obair le a làmhan fhèin, agus shearmonaich e do na Cinnich ann an Corintus: 9 Thug an Tighearna misneach dha ann an taisbeanadh: 12 chaidh a chasaid an làthair an uachdarain Ghalio, ach leigeadh as e: 18 as dèidh sin, chaidh e o bhaile gu baile, agus neartaich e na deisciobail, etc.
1An dèidh nan nithean seo, dh’fhàg Pòl baile na h‑Aithne, agus thàinig e gu Corintus;
2Agus fhuair e Iùdhach àraidh dom b’ainm Acuila#Ròm 16:3, a rugadh ann am Pontas, air ùr‑theachd as an Eadailt, maille ra mhnaoi Priscila (a chionn gun d’òrdaich Claudius do na h‑Iùdhaich uile an Ròimh fhàgail), agus thàinig e dan ionnsaigh.
3Agus a chionn gu robh e a dh’aon cheàird riu, dh’fhan e maille riu, agus bha e ag obair#Gnìo 20:34 (oir bu cheàird dhaibh a bhith a’ dèanamh phàilleanan).
4Agus thagair e anns an t‑sionagog gach aon là sàbaid#Gnìo 17:2, agus chuir e impidh air Iùdhaich agus Greugaich.
5Agus nuair a thàinig Silas agus Timòteus#Gnìo 17:14, 15 o Mhacedònia, bha Pòl air a theannadh na spiorad, agus rinn e fianais do na h‑Iùdhaich gum b’e Iosa an Crìosd.
6Agus nuair a chuir iad na aghaidh, agus a labhair iad toibheum, chrath e a aodach#Neh 5:13, agus thubhairt e riu, Biodh ur fuil air ur ceann fhèin#Esec 33:4; tha mise glan: à seo suas thèid mi a‑chum nan Cinneach.
7Agus chaidh e as a sin, agus thàinig e gu taigh duine àraidh dom b’ainm Iustus#Col 4:11, a bha a’ dèanamh adhraidh do Dhia agus aig an robh a thaigh làimh ris an t‑sionagog.
8Agus chreid Crispus#1 Cor 1:14, prìomh‐uachdaran an t‑sionagoig, anns an Tighearna, maille ra theaghlach uile: agus chreid mòran de na Corintianaich, air dhaibh èisdeachd ris, agus bhaisteadh iad.
9An sin thubhairt an Tighearna ri Pòl ann an sealladh anns an oidhche#Gnìo 23:11, Na biodh eagal ort, ach labhair, agus na bi ad thosd:
10Oir tha mise maille riut#Mat 28:20; 2 Tim 4:17, 18, agus cha toir duine sam bith ionnsaigh ort, a‑chum do chron a dhèanamh: oir tha mòr‐shluagh agamsa anns a’ bhaile seo.
11Agus dh’fhan e bliadhna agus sia mìosan an sin, a’ teagasg facal Dhè nam measg.
12Agus nuair a bha Galio na uachdaran air Achaia, dh’èirich na h‑Iùdhaich a dh’aon inntinn an aghaidh Phòil, agus thug iad e gu cathair a’ bhreitheanais;
13Ag ràdh, Tha an duine seo a’ comhairleachadh dhaoine adhradh a dhèanamh do Dhia an aghaidh an lagha.
14Agus nuair a bha Pòl a’ dol a dh’fhosgladh a bheòil, thubhairt Galio ris na h‑Iùdhaich#Gnìo 23:29; 25:11, Nam b’eucoir no droch ghnìomh a bhiodh ann, O Iùdhacha, bu reusonta gun giùlaininn leibh:
15Ach mas ceist a tha ann mu thimcheall fhacal agus ainmean#Gnìo 25:19, agus ur lagha fhèin, amhaircibh fhèin air a sin; oir chan àill leamsa a bhith am bhritheamh air an leithid sin de nithean.
16Agus dh’fhuadaich e iad o chathair a’ bhreitheanais.
17An sin rug na Greugaich uile air Sostenes#1 Cor 1:1, uachdaran an t‑sionagoig, agus ghabh iad air an làthair cathair a’ bhreitheanais: agus cha do ghabh Galio suim de nì sam bith dhiubh sin.
18Agus dh’fhan Pòl fhathast ùine mhath anns a’ bhaile sin, agus an sin an dèidh a chead a ghabhail de na bràithrean, chaidh e air luing o sin gu Siria, agus maille ris‐san Priscila agus Acuila; an dèidh a cheann a bhearradh ann an Cenchrèa#Gnìo 21:24; Àir 6:18, oir bha bòid air.
19Agus thàinig e gu Ephesus, agus dh’fhàg e iadsan an sin: ach chaidh e fhèin a‑steach don t‑sionagog, agus reusonaich e ris na h‑Iùdhaich.
20Agus nuair a dh’iarr iad air fuireach maille riu na b’fhaide, cha d’aontaich e:
21Ach ghabh e a chead dhiubh, ag ràdh, Is èiginn dhomh, air gach aon chor, an fhèill seo a tha a’ teachd a choimhead ann an Ierusalem: ach tillidh mi a‑rìs dur n‑ionnsaigh‐se, mas toil le Dia#1 Cor 4:19; Seum 4:15. Agus sheòl e o Ephesus.
22Agus thàinig e gu tìr aig Cesarèa, agus air dha dol suas agus fàilte a chur air an eaglais, chaidh e sìos gu Antioch.
23Agus nuair a dh’fhan e rè tamaill an sin, dh’imich e, agus chaidh e ann an òrdagh tro thìr Ghalàtia uile agus Phrigia, a’ neartachadh nan deisciobal uile#Gnìo 14:22; 15:32, 41.
24Agus thàinig gu Ephesus Iùdhach àraidh dom b’ainm Apollos#1 Cor 1:12; 3:5, 6; Tìt 3:13, a rugadh ann an Alecsandria, duine deas‐bhriathrach, agus cumhachdach anns na sgriobtairean.
25Bha an duine seo air a theagasg ann an slighe an Tighearna; agus air dha a bhith dian na spiorad#Ròm 12:11; Seum 5:16, labhair agus theagaisg e gu dìcheallach na nithean a bhuineadh don Tighearna, agus gun eòlas aige ach air baisteadh Eòin#Gnìo 19:3.
26Agus thòisich e air labhairt gu dàn anns an t‑sionagog. Agus air do Acuila agus do Phriscila a chluinntinn, ghabh iad dan ionnsaigh e, agus mhìnich iad dha slighe Dhè na bu choileanta#Eabh 6:1; 2 Pead 3:18.
27Agus nuair bu mhiann leis dol gu Achaia, an dèidh a chomhairleachadh, sgrìobh na bràithrean a‑chum nan deisciobal iad a ghabhail ris: neach, air dha teachd, a rinn còmhnadh mòr riùsan a chreid tre ghràs:
28Oir le mòr‐dhìcheall rinn e deasbaireachd ris na h‑Iùdhaich gu follaiseach, a’ dearbhadh leis na sgriobtairean gur e Iosa an Crìosd#Eòin 5:36.
Currently Selected:
Gnìomharan 18: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017