YouVersion Logo
Search Icon

Gnìomharan 14

14
1 Dhian‐ruaigeadh Pòl agus Barnabas o Iconium. 8 Aig Listra leighis Pòl duine bacach: 11 uime sin mheasadh iad nan diathan. 19 Chlachadh Pòl: 21 chaidh iad tro iomadh eaglais, a’ daingneachadh nan deisciobal ann an creidimh agus ann am foighidinn.
1Agus thàrladh ann an Iconium gun deachaidh iad araon a‑steach do shionagog nan Iùdhach, agus gun do labhair iad air chor is gun do chreid cuideachd mhòr de na h‑Iùdhaich, agus mar an ceudna de na Greugaich.
2Ach bhrosnaich na h‑Iùdhaich mhì‐chreidmheach, agus lìon iad de dhroch rùn, inntinn nan Cinneach an aghaidh nam bràithrean.
3Uime sin dh’fhan iad aimsir fhada a’ labhairt gu dàn mu thimcheall an Tighearna, a rinn fianais do fhacal a ghràis#Marc 16:20; Eabh 2:4, agus a thug fa‑near comharraidhean agus mìorbhailean a bhith air an dèanamh len làmhan‐san.
4Ach bha sluagh a’ bhaile air an roinn: agus bha cuid dhiubh leis na h‑Iùdhaich, agus cuid eile leis na h‑abstoil.
5Agus nuair a thugadh ionnsaigh araon leis na Cinnich, agus mar an ceudna leis na h‑Iùdhaich, maille rin uachdarain, a‑chum iadsan a mhaslachadh agus a chlachadh;
6Nuair a thuig iadsan seo, theich iad gu Listra agus Derbe#Mat 10:23, bailtean de Licaonia, agus a‑chum na dùthcha mun cuairt:
7Agus bha iad a’ searmonachadh an t‑soisgeil an sin.
8Agus bha ann an Listra duine àraidh gun lùths na chasan na shuidhe, a bha bacach o bhroinn a mhàthar#Gnìo 3:2, neach nach d’imich riamh:
9Chuala esan Pòl a’ labhairt: neach air dha amharc gu geur air, agus a thuigsinn gu robh creideamh aige a‑chum a bhith air a leigheas#Mat 9:28, 29.
10Thubhairt e le guth àrd, Seas suas gu dìreach air do chasan. Agus leum esan agus dh’imich e#Isa 35:6.
11Agus nuair a chunnaic an sluagh an nì a rinn Pòl, thog iad an guth, ag ràdh ann an cànain Licaonia, Tha na diathan air teachd a‑nuas ann an coslas dhaoine dar n‑ionnsaigh‐ne#Gnìo 28:6.
12Agus ghoir iad de Bharnabas, Iupiter; agus de Phòl, Mercurius, do bhrìgh gum b’e am prìomh fhear‐labhairt e.
13An sin thug sagart Iupiteir, a bha fa chomhair an cathrach‐san, tairbh agus blàth‐fhleasgan a‑chum nan geatachan, agus b’àill leis ìobairt a dhèanamh maille ris an t‑sluagh#Daniel 2:46.
14Ach nuair a chuala na h‑abstoil Barnabas agus Pòl seo, reub iad an aodach#Mat 26:65, agus ruith iad a‑steach am measg an t‑sluaigh, ag èigheach,
15Agus ag ràdh, A dhaoine, carson a tha sibh a’ dèanamh nan nithean seo? Oir is daoine sinne aig a bheil co‑aigne ribh fhèin#Gnìo 10:26; Seum 5:17; Tais 19:10, a’ searmonachadh dhuibhse tilleadh o na nithean dìomhain sin#Ier 14:22; 1 Cor 8:4 a‑chum an Dè bheò#1 Tes 1:9, a rinn nèamh agus an talamh, agus an cuan, agus na h‑uile nithean a tha annta:
16Neach anns na linntean a chaidh seachad, a dh’fhuiling do na h‑uile Chinnich imeachd nan slighean fhèin#Gnìo 17:30.
17Gidheadh, cha d’fhàg e e fhèin gun fhianais#Ròm 1:20, a’ dèanamh maith, agus a’ toirt dhuinn uisge o nèamh#Salm 147:8; Mat 5:45, agus aimsirean tairbheach, a’ lìonadh ar cridheachan le biadh agus le subhachas.
18Agus ag ràdh nan nithean seo dhaibh, is gann a chùm iad an sluagh gun ìobairt a dhèanamh dhaibh.
19Agus thàinig Iùdhaich o Antioch agus o Iconium, agus chomhairlich iad an sluagh, agus air dhaibh Pòl a chlachadh#2 Cor 11:25, tharraing iad a‑mach as a’ bhaile e, a’ saoilsinn gu robh e marbh.
20Ach air seasamh do na deisciobail ma thimcheall, dh’èirich e, agus chaidh e a‑steach don bhaile; agus air an là màireach dh’imich e maille ri Barnabas gu Derbe.
21Agus nuair a shearmonaich iad an soisgeul don bhaile sin, agus a rinn iad mòran dheisciobal, thill iad gu Listra, agus Iconium, agus Antioch,
22A’ neartachadh anaman nan deisciobal, agus ag earalachadh orra buanachadh anns a’ chreideamh#Gnìo 13:43, agus a’ teagasg gur ann tre iomadh àmhghar as èiginn dhuinn dol a‑steach do rìoghachd Dhè#Eòin 16:33; Ròm 8:17; 1 Pead 4:12‐16.
23Agus nuair a dh’òrdaich iad seanairean dhaibh anns gach eaglais, agus a rinn iad ùrnaigh maille ri trasgadh, dh’earb iad iad ris an Tighearna, anns an do chreid iad.
24Agus an dèidh dhaibh dol tro Phisidia, thàinig iad gu Pamphilia.
25Agus air dhaibh am facal a labhairt ann am Perga, chaidh iad sìos gu Atàlia:
26Agus sheòl iad as a sin gu Antioch, an t‑àit on d’earbadh iad ri gràs Dhè#Gnìo 13:1, 3, a‑chum na h‑obrach a choilean iad#Gnìo 15:40.
27Agus nuair a thàinig iad, agus a chruinnich iad an eaglais an ceann a chèile, dh’aithris iad meud nan nithean a rinn Dia leo#Gnìo 15:4, agus gun d’fhosgail e doras creidimh do na Cinnich#1 Cor 16:9; 2 Cor 2:12; Tais 3:8.
28Agus dh’fhan iad an sin aimsir nach bu bheag maille ris na deisciobail.

Currently Selected:

Gnìomharan 14: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in