YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 71

71
1’S ann riut a tha mi ’g earbsa, Dhè;
nàir’ orm am feasd na biodh;
2Ad cheartas fòir, thoir orm dol as:
aom rium do chluas, saor mi.
3Ad charraig còmhnaidh bi-sa dhomh,
don tathaicheam do shìor:
Mo chaisteal, is mo dhaingneach thu,
thug àithne chum mo dhìon.
4A làimh nan aingidh, O mo Dhia,
dèan fuasgladh dhomh am chruas,
A làimh na muinntir eucoraich
a tha gun iochd, gun truas.
5Oir ’s tusa, Thighearna mo Dhia,
mo dhòchas ann am fheum;
O aois is aimsir m’òige nuas,
mo mhuinghinn thu ro-threun.
6’S ann leatsa chumadh mise suas,
o thàingeas as a’ bhroinn;
A bolg mo mhàthar bhuin thu mi;
sìor mholam thu gu binn.
7Mar adhbhar iongantais, a Dhè,
aig mòran a ta mi;
Ach ’s tusa ’s tèarmann dìleas dhomh,
’s mo spionnadh mòr gun dìth.
8Lìonar mo bheul led mholadh-sa,
’s led urram fhèin gach lò.
9Na tilg mi dhìot am aois; ’s na trèig
’n tràth dh’fhàilnicheas mo threòir.
10Oir ’m aghaidh mheud ’s is naimhdean dhomh
labhair gu sgaiteach geur:
’S an dream tha brath air m’anam bochd,
ghabh comhairle le chèil’,
11Ag ràdh, Do thrèigeadh e le Dia,
leanaibh e nis gu teann,
Is glacaibh, oir ga theasairginn
chan eil neach idir ann.
12A Dhè, na bi-sa fada uam;
fòir orm, mo Dhia, gu luath.
13Biodh nàir’ is claoidh air m’eascairdibh,
ga bheil dom anam fuath:
Masladh is nàire falaicheadh iad,
tha ’g iarraidh m’uilc gach lò.
14Sìor earbam riut, is seinnidh mi
do chliù nas mò ’s nas mò.
15Labhraidh mo bheul air d’fhìreantachd,
’s do shlàint’ gach là gun sgìos:
An àireamh siud aig lìonmhorachd
chan fhaodar leam chur sìos.
16Tre neart an Tighearna mo Dhia,
fòs gluaisidh mi a-ghnàth:
Is nì mi sgeul air d’fhìreantachd,
d’fhìreantachd fhèin a-mhàin.
17Om òige rinn thu teagasg dhomh,
a Thighearn is a Dhè:
Is chuir mi d’oibrean iongantach
gu ruige seo an cèill.
18A-nis air bhith dhomh aosmhor liath,
na trèig mi, Dhia nam feart:
Gun taisbeanainn do neart ’s do threis,
don àl a th’ann, ’s ri teachd.
19’S ro-àrd do cheartas fhèin, a Dhè,
is rinn thu beairtean mòr’:
O Dhia, cò e as cosmhail riut,
no choimeas riut as còir?
20Trioblaid ro-mhòr is an-shocair,
’s tu thaisbein dhomh, a Dhè;
Ath-bheothaichidh, is bheir thu rìs
o dhoimhneachd talmhainn mi.
21Mo mhòrachd cuiridh tus’ am meud,
’s bheir sòlas air gach taobh.
22Air saltair molam thu, mo Dhia,
seadh d’fhìrinn tha ro-chaomh.
Is seinneam dhut air clàrsaich bhinn,
O Aoin naoimh Israèil.
23Mo bhilean nì mòr-ghàirdeachas,
tràth sheinneam dhut lem bheul:
Bidh subhachas is aoibhneas mòr
air m’anam fhèin, a Dhè,
A shaoradh leat gu tròcaireach
o thrioblaidibh gu lèir.
24Is bidh mo theang’ air d’fhìreantachd
ag iomradh feadh an là:
Oir nàir’ is amhluadh fhuair an dream
’g iarraidh mo lochd a tha.

Currently Selected:

Sailm 71: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy