YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 31

31
1Asadsa, Dhè, nì mise bun;
nàir’ orm na leig am feasd:
Dèan fuasgladh dhomh ad ionracas,
o thrioblaid is o cheist.
2Do chluas am ionnsaigh crom a-nuas,
is furtaich orm gu dian:
Ad charraig dhaingeann bi-sa dhomh,
taigh-tèarmainn chum mo dhìon.
3Oir ’s tu as carraig dhìleas dhomh
’s mo dhaingneach làidir treun,
Is uime sin, sgàth d’ainme, Dhè,
treòraich, is stiùir mo cheum.
4Saor as an rib’ a dh’fhalaich iad
buin mise mach, a Dhè:
Airson gur tus’ an tì a-mhàin
as neart, ’s as treòir dhomh fhèin.
5Ad làimh-sa mhàin, a Dhia nan dùl,
mo spiorad tiomnam suas:
A Dhia na fìrinn, is mo Thriath,
’s tu dh’fhuasgail air mo chruas.
6Is fuath leam iad a bheir fa-near
na breugan dìomhanach:
Ach dòchas ann an Dia nan gràs
chuir mi gu muinghineach.
7Ad thròcair biom gu h-aoibhneach ait:
oir thug thu, Dhè, fa-near
Mo thrioblaid; ’s m’anam ann an teinn
bha thusa fiosrach air.
8Cha d’rinneadh leat mo dhruideadh suas
an làimh mo nàmhaid thrèin:
An àite farsaing shocraich thu
mo chasan is mo cheum.
9O tha mi, Dhè, an trioblaid mhòir,
dèan tròcair orm gu cas:
Mo shùilean, m’anam, is mo bholg,
le bròn air seargadh as.
10Oir chlaoidheadh m’anam as le bròn,
’s mo bhliadhnachan le caoidh:
Do bhrìgh mo lochd chaidh as dom neart,
mo chnàmhan air an claoidh.
11Mar adhbhar fanaid tha mi fòs
dom eascairdibh gu lèir,
Gu h-àraidh do mo choimhearsnaich,
mar mhasladh tha mi fhèin:
Is do luchd m’eòlais fòs a tàim
am adhbhar geilt is fuath’:
Gach neach a chì mi air an t-sràid,
a’ teicheadh uam gu luath.
12Mar dhuine marbh air dol à cuimhn’;
mar shoitheach briste mi:
13Oir chualas toibheum mòran dhaoin’;
eagal gach taobh do bhi:
Am aghaidh nuair a chruinnich iad,
dhealbh iad mo bheath’ a sgrios:
14Ach dhìotsa, Dhè, rinn mise bun;
is tu mo Dhia, deir mis’.
15Tha m’aimsirean ad làimh-sa, Dhè;
orm furtaich agus fòir
O làimh mo naimhdean, is on dream
tha leantainn orm an tòir.
16Do ghnùis is d’aghaidh dealraicheadh
air d’òglach dìleas fhèin:
Air sgàth do ghràsa carthannach,
mo shaoradh dèan gu treun.
17Na leig fo nàire mhaslaidh mi,
a Dhia, oir ghairm mi ort:
Ach nàire biodh air luchd an uilc;
san uaigh biodh iad nan tosd.
18Cuir bèil nam breug, a Dhè, nan tàmh,
labhras gu h-àrdanach,
’N aghaidh nam fìrean spreigeadh cruaidh,
gu spìdeil tarcaiseach.
19Cia mheud de mhaith a thaisg thu dhaibh,
don eagal thu faraon;
’S a rinn thu do na dh’earbas riut,
am fianais chloinn nan daoin’!
20O àilgheas dhaoine nì thu ’n dìon,
fo dhiamhaireachd do ghnùis’;
’S am pàillean fòs, o strì nan teang’,
nì dìdean dhaibh nan cùis.
21Dia guma beannaichte gu bràth;
oir dh’fhoillsich e dhomh fhèin
A choibhneas càirdeil iongantach,
an cathair làidir thrèin.
22Thuirt mi am dheifir, Sgatht’ tha mi
o bheachd do shùl a-mach:
Ach chual’ thu nuair a ghlaodh mi riut
guth m’aslaich ghearanaich.
23Gràdhaichibh Dia, O naoimh, air fad:
oir Dia don treibhdhireach
Do nì sàr-dhìon, is dìol gu pailt
don uaibhreach àilgheasach.
24Sibhse a chuir an Dia nan gràs
ur dòchas mar as còir,
Bibh misneachail, is cuiridh e
neart ann ur cridh’ is treòir.

Currently Selected:

Sailm 31: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy