Ròmanaich 6
6
Marbh dhan Pheacadh, Beò ann an Crìosd
1Dè, mar sin, a chanas sinn? An lean sinn oirnn a' peacachadh airson 's gum meudaich gràs? 2Na tachradh e gu bràth! Ciamar as urrainn dhuinne a bhàsaich dhan pheacadh fhathast fuireach ann? 3Nach aithne dhuibh gun deach sinne uile a bh' air ar baisteadh a‑steach do Chrìosd Ìosa, a bhaisteadh dhan bhàs aige? 4Bha sinn air ar n‑adhlacadh mar sin còmhla ris nar baisteadh a‑steach dhan bhàs, airson 's, dìreach mar a chaidh Crìosd a thogail o na mairbh le glòir an Athar, gun coisicheadh sinne cuideachd ann an ùrachd beatha.
5Oir ma chaidh ar n‑aonadh leis ann am bàs coltach ris‑san, bidh sinn gu cinnteach air ar n‑aonadh leis ann an aiseirigh coltach ris‑san. 6Is aithne dhuinn gun deach ar seann fèin a cheusadh còmhla ris‑san airson 's gum biodh corp a' pheacaidh air a thoirt gu neoni, gus nach biodh sinn tuilleadh nar tràillean dhan pheacadh. 7Oir tha an neach a th' air bàsachadh air a bhith air a shaoradh on pheacadh.
8A‑nis ma tha sinn air bàsachadh còmhla ri Crìosd, tha sinn a' creidsinn gum bi sinn cuideachd beò còmhla ris. 9Is aithne dhuinn, a chionn 's gun deach Crìosd a thogail o na mairbh, nach bàsaich e tuilleadh; chan eil tighearnas aig a' bhàs thairis air tuilleadh. 10Oir am bàs a bhàsaich e, bhàsaich e dhan pheacadh, aon uair a‑mhàin, ach on a tha e beò, tha e beò do Dhia.
11Mar sin feumaidh sibhse cuideachd sib' fhèin a mheas marbh dhan pheacadh ach beò do Dhia ann an Crìosd Ìosa. 12Air an adhbhar sin na leigibh leis a' pheacadh riaghladh nur corp bàsmhor, airson toirt oirbh a bhith umhail dha na h‑ana‑miannan aige. 13Na toiribh ur buill dhan pheacadh mar ionnsramaidean na h‑eucoir; ach thoiribh sib' fhèin do Dhia mar iadsan a th' air a bhith air an toirt o bhàs gu beatha, agus ur buill do Dhia mar ionnsramaidean fìreantachd. 14Oir cha bhi tighearnas sam bith aig a' pheacadh thairis oirbh, a chionn 's nach eil sibh fon lagh ach fo ghràs.
Tràillean do dh'Fhìreantachd
15Dè ma‑thà? Am peacaich sinn a chionn 's nach eil sinn fo lagh ach fo ghràs? Na tachradh e gu bràth! 16Nach aithne dhuibh ma nochdas sibh sib' fhèin do neach sam bith mar thràillean umhail, gu bheil sibh nur tràillean dhan neach ris a bheil sibh umhail, air aon làimh dhan pheacadh, a tha gu bàs, no air an làimh eile do dh'ùmhlachd, a tha gu fìreantachd? 17Ach taing do Dhia gu bheil sibhse a bha aon uair nar tràillean dhan pheacadh a‑nis umhail on chridhe, dhan deach an riochd‑teagaisg seo a thoirt, 18agus air ur saoradh on pheacadh, tha sibh air tighinn gus a bhith nur tràillean do dh'fhìreantachd.
19Tha mi a' bruidhinn ann am faclan daonna, air sgàth ur laigse feòla. Oir dìreach mar a nochd sibh aig aon àm ur buill mar thràillean do neòghlaine agus do chion‑lagha gu barrachd cion‑lagha, mar sin a‑nis nochdaibh ur buill mar thràillean do dh'fhìreantachd, gu naomhachd. 20Nuair a bha sibh nur tràillean dhan pheacadh, bha sibh saor a thaobh fìreantachd. 21Ach dè an toradh a bha sibh a' faighinn aig an àm sin bho na rudan a tha a‑nis gur fàgail air ur nàrachadh? Oir is e crìoch nan rudan sin am bàs. 22Ach a‑nis on a chaidh ur saoradh on pheacadh 's a tha sibh air tighinn gus a bhith nur tràillean do Dhia, tha an toradh a tha agaibh gu naomhachd, agus a cheann‑uidhe – a' bheatha shìorraidh. 23Oir is e tuarastal a' pheacaidh am bàs, ach is e saor‑thiodhlac Dhè a' bheatha shìorraidh, ann an Crìosd Ìosa ar Tighearna.
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024