Ròmanaich 15
15
1Bu chòir dhuinne a tha làidir laigsean na feadhna nach eil làidir a ghiùlain, agus chan e a bhith gar toileachadh fhèin. 2Toilicheadh gach aon againn a choimhearsnach airson a mhaith, gus a thogail suas. 3Oir cha do thoilich fiù 's Crìosd e fhèin, ach mar a tha e sgrìobhte, “Na dìmeasan acasan a thug dìmeas dhutsa, thuit iad ormsa.”#Salm 69:9 4Oir, ge b' e dè a bha sgrìobhte roimhe, bha e air a sgrìobhadh airson ar teagasg‑ne, airson 's tro fhoighidinn is tro mhisneachd nan Sgriobtar gum biodh dòchas againn.
5Gun toireadh Dia na foighidinn 's a' mhisneachaidh dhuibh a bhith a' smaoineachadh san aon dòigh nur measg fhèin, a rèir Ìosa Crìosd, 6airson 's, a dh'aon inntinn, le aon ghuth, gun toireadh sibh glòir do Dhia is Athair ar Tighearna Ìosa Crìosd.
7Mar sin gabhaibh ri chèile mar a ghabh Crìosd ribhse, gu glòir Dhè. 8Oir tha mi ag innse dhuibh gun tàinig Crìosd gus a bhith na sheirbheiseach dhan timcheall‑ghearradh air sgàth fìrinn Dhè airson 's gun dearbhadh e na geallaidhean a chaidh a thoirt dha na h‑athraichean, 9agus airson 's gun glòraicheadh na Cinnich Dia airson a thròcair. Mar a tha e sgrìobhte:
“Mar sin molaidh mi thu am measg nan Cinneach,
agus seinnidh mi dhad ainm.”#2 Sam. 22:50; Salm 18:49
10Agus a‑rithist tha e ag ràdh:
“Dèanaibh aoibhneas, a Chinneacha, le a shluagh‑san.”#Deut. 32:43
11Agus a‑rithist:
“Molaibh an Tighearna, a Chinneacha uile,
agus thoireadh na slòigh gu lèir moladh dha.”#Salm 117:1
12Agus a‑rithist tha Isaiah ag ràdh:
“Bidh freumh Iese ann,
agus an neach a dh'èireas airson nan Cinneach a riaghladh;
annsan cuiridh na Cinnich an dòchas.”#Isa. 11:10
13Gum biodh Dia an dòchais gur lìonadh leis a h‑uile h‑aoibhneas is sìth ann a bhith a' creidsinn, airson 's gum biodh sibh a' cur thairis le dòchas, tro chumhachd an Spioraid Naoimh.
Pòl, Ministear gu na Cinnich
14Tha mise mi fhèin dearbhte mur deidhinn, mo bhràithrean, gu bheil sibhse sib' fhèin làn maith, air ur lìonadh leis a h‑uile h‑eòlas agus an comas càch‑a‑chèile earalachadh. 15Ach ann am pàirt tha mi air sgrìobhadh thugaibh nas dàine gus an chuimhneachadh dhuibh, air sgàth a' ghràis a chaidh a thoirt dhòmhsa le Dia, 16gus a bhith nam mhinisteir de Chrìosd Ìosa dha na Cinnich ann an seirbheis shagartail soisgeul Dhè, airson 's gum bi tabhartas nan Cinneach fìor‑iomchaidh, air a naomhachadh leis an Spiorad Naomh.
17Mar sin, tha bòst agam ann an Crìosd Ìosa mu ghnothaichean Dhè. 18Oir cha dùraiginn bruidhinn air rud sam bith ach na tha Crìosd air a thoirt gu buil tromham airson nan Cinneach a thoirt gu ùmhlachd – tro fhacal is gnìomh, 19le cumhachd chomharraidhean is mhìorbhailean, le cumhachd Spiorad Dhè – airson 's, o Ierusalem is fad na slighe timcheall gu Iliricum, gu bheil mi air ministrealachd soisgeul Chrìosd a choileanadh; 20agus mar sin le àrd‑amas an soisgeul a shearmonachadh, chan ann far a bheil Crìosd air ainmeachadh, airson 's nach togainn air bunait chuideigin eile, 21ach mar a tha e sgrìobhte:
“Dhaibhsan dha nach deach innse ma dheidhinn, chì iad,
agus iadsan nach cuala, tuigidh iad.”#Isa. 52:15
22Agus mar sin chaidh bacadh a chur orm gu tric on a bhith a' tighinn thugaibh.
Plana Phòil a Bhith a' Tadhal san Ròimh
23Ach a‑nis, 's gun tuilleadh àite agam sna ceàrnaidhean seo, agus gu bheil miann air a bhith agam tighinn thugaibh airson mòran bhliadhnaichean, 24tha mi an dòchas ur faicinn ge b' e cuin a shiùbhlas mi dhan Spàinn, agus a bhith air mo chuideachadh air mo shlighe an sin leibh, ma mhealas mi ur cuideachd airson greis an toiseach. 25A‑nis, ge‑tà, tha mi a' dol a dh'Ierusalem a' frithealadh dha na naoimh. 26Oir tha Macedònia is Achaia air a bhith toilichte tabhartas àraidh a thoirt airson nam bochd am measg nan naomh ann an Ierusalem. 27Oir bha iad toilichte, agus tha iad fo fhiachan dhaibh. Oir ma thàinig na Cinnich gus a bhith a' faighinn roinn sna gnothaichean spioradail acasan, bu chòir dhaibh cuideachd a bhith a' frithealadh dhaibhsan ann an gnothaichean an t‑saoghail seo. 28Mar sin, a' crìochnachadh seo agus a' seulachadh dhaibh an toradh seo, thèid mi dhan Spàinn, an taobh agaibhse. 29Tha fios agam, nuair a thig mi thugaibh, gun tig mi ann an lànachd bheannachd Chrìosd.
30Tha mi a' guidhe oirbh, a bhràithrean, tro ar Tighearna Ìosa Crìosd is tro ghràdh an Spioraid, strì a dhèanamh còmhla riumsa nur n‑ùrnaighean ri Dia air mo shon‑sa, 31airson 's gum bithinn air mo shaoradh o na h‑ana‑creidmhich ann an Iudèa, is gum biodh mo fhrithealadh do dh'Ierusalem fìor‑iomchaidh dha na naoimh, 32airson 's nuair a tha mi air tighinn thugaibh le aoibhneas tro thoil Dhè, gum bi mi air m' ùrachadh còmhla ribh. 33Gum biodh Dia na sìthe còmhla ribh uile. Amen.
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024