YouVersion Logo
Search Icon

Ròmanaich 1

1
1Pòl, seirbheiseach Chrìosd Ìosa, air a ghairm gus a bhith na abstol, air a chur air leth airson soisgeul Dhè, 2a gheall e ro‑làimh tro na fàidhean aige fhèin anns na Sgriobtaran naomha; 3mu dheidhinn a Mhic, a bha de shìol Dhaibhidh a rèir na feòla 4agus a bh' air a dhearbhadh gu follaiseach a bhith na Mhac Dhè le cumhachd a rèir Spiorad na naomhachd, tron aiseirigh o na mairbh: Ìosa Crìosd ar Tighearna. 5Troimhesan fhuair sinne gràs is abstolachd gus ùmhlachd a' chreideimh a thoirt gu bith am measg nan nàiseanan gu lèir air sgàth ainm‑san. 6Nam measg‑san tha sibhse cuideachd a th' air ur gairm gus a bhith le Ìosa Crìosd.
7Gu na h‑uile a th' anns an Ròimh a th' air an gràdhachadh le Dia agus a th' air an gairm gus a bhith nan naoimh:
Gràs dhuibhse agus sìth o Dhia ar n‑Athair agus on Tighearna Ìosa Crìosd.
Fadachd Phòil airson Tadhal san Ròimh
8An toiseach, tha mi a' toirt taing dham Dhia tro Ìosa Crìosd air ur son‑se uile, a chionn 's gu bheil ur creideamh air aithris gu follaiseach air feadh an t‑saoghail. 9Oir is e Dia m' fhianais, dham bheil mi a' dèanamh seirbheis lem spiorad ann an soisgeul a Mhic, gu bheil mi gun sgur a' toirt iomraidh oirbh 10an‑còmhnaidh nam ùrnaighean, a' faighneachd ann an dòigh air choireigin, le toil Dhè, gum faodainn a‑nis, mu dheireadh thall, soirbheachadh ann a bhith a' tighinn thugaibhse.
11Oir tha fadachd orm ur faicinn, airson 's gum faod mi tiodhlac spioradail air choireigin a chompàirteachadh leibh airson ur neartachadh – 12's e sin, airson 's gum faod sinn a bhith air ur misneachadh còmhla le creideamh a chèile, an dà chuid agaibhse agus agamsa. 13Chan eil mi ag iarraidh nach bi aithne agaibh, a bhràithrean, gu bheil mi tric air cur romham tighinn thugaibh (ach gu ruige seo chaidh bacadh a chur orm), airson 's gum biodh toradh agam nur measg‑se, cuide ri am measg a' chòrr dhe na Cinnich.
14Tha mi fo dhleastanas an dà chuid do Chinnich is do Bhorbairich, an dà chuid dhaibhsan a tha glic is dhaibhsan a tha amaideach. 15Mar sin tha mi deiseil gus a bhith a' searmonachadh an soisgeul dhuibhse cuideachd a th' anns an Ròimh.
16Oir chan eil nàire ormsa mun t‑soisgeul, oir is e cumhachd Dhè a th' ann airson slàinte dhan a h‑uile neach a chreideas, an toiseach dhan Iùdhach agus cuideachd dhan Ghreugach. 17Oir ann, tha fìreantachd Dhè air fhoillseachadh o chreideamh gu creideamh, mar a tha e sgrìobhte, “Bidh am fìrean beò tro chreideamh.”#Hab. 2:4
Corraich Dhè an aghaidh a' Chinne‑Daonna
18Oir tha corraich Dhè air a foillseachadh o nèamh an aghaidh gach uile mì‑dhiadhaidheachd is eucoir dhaoine, a tha a' mùchadh na fìrinn ann an neo‑fhìreantachd, 19a chionn 's gu bheil na tha an comas a bhith air fhiosrachadh mu Dhia follaiseach dhaibh, on a tha Dia air fhoillseachadh dhaibh. 20Oir riamh o chruthachadh an t‑saoghail tha na feartan neo‑fhaicsinneach aige – 's e sin, a chumhachd sìorraidh 's a nàdar diadhaidh – air a bhith air an toirt fa‑near gu soilleir, anns na rudan a chaidh a dhèanamh. Tha sin a' fàgail gu bheil iad gun leisgeil.
21Oir ged a b' aithne dhaibh Dia, cha tug iad urram dha mar Dhia, cha mhotha a thug iad taing dha, ach dh'fhàs iad dìomhain nan smaoineachadh, agus bha an cridheachan gòrach air an dorchnachadh. 22A' cumail a‑mach a bhith glic, dh'fhàs iad amaideach, 23agus dh'atharraich iad glòir an Dè neo‑bhàsmhoir airson ìomhaighean coltach ris an duine bhàsmhor agus eòin is beathaichean is snàgairean.
24Mar sin thug Dia thairis iad ann an ana‑miannan an cridheachan do neòghlaine, do dh'eas‑urramachadh am bodhaigean nam measg fhèin. 25Oir dh'atharraich iad an fhìrinn mu Dhia airson breug agus rinn iad adhradh is rinn iad seirbheis dhan chreutair an àite dhan Chruthaidhear, a tha beannaichte gu sìorraidh. Amen.
26Air an adhbhar seo thug Dia thairis iad do thograidhean eas‑urramach. Oir dh'atharraich na mnathan gnìomhan‑feise nàdarra airson feadhainn a tha mì‑nàdarra, 27agus anns an aon dòigh thug na fir suas gnìomhan‑feise nàdarra le boireannaich agus bha iad air an losgadh le miann airson a chèile, fireannaich a' cur an gnìomh rudan mhì‑bheusach le fireannaich agus a' faighinn annta fhèin am peanas dligheach airson an t‑seachrain aca.
28Agus dìreach o nach fhaca iad freagarrach Dia aideachadh tuilleadh, thug Dia thairis do inntinn choirbte iad, gus rudan nach bu chòir a bhith air an dèanamh a dhèanamh. 29Chaidh an lìonadh leis a h‑uile seòrsa eucoir, olc, sannt, mì‑rùn. Tha iad làn de dh'fharmad, de mhurt, de chòmhstri, de chealgaireachd, de dhroch‑rùn. Tha iad nan cabadairean, 30nan luchd cùl‑chàinidh, nan luchd fuathachaidh Dhè, stràiceil, àrdanach, bòstail, innleadairean an uilc, eas‑umhail rim pàrantan, 31gun tuigse, gun chreideamh, gun ghràdh, gun tròcair. 32Ged as aithne dhaibh òrdugh Dhè – gu bheil iadsan a chuireas a' leithid an gnìomh airidh air bàs – chan e a‑mhàin gu bheil iad gan dèanamh ach gu bheil iad cuideachd ag aontachadh leothasan a tha gan cur an gnìomh.

Currently Selected:

Ròmanaich 1: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy