YouVersion Logo
Search Icon

Mata 19

19
Dealachadh‑Pòsaidh
1A‑nis nuair a bha Ìosa air na faclan sin a chrìochnachadh, chaidh e air falbh o Ghalile, agus thàinig e gu ceàrnaidhean Iudèa, thar Iòrdan. 2Agus lean sluagh mòr e, agus shlànaich e iad an sin.
3Agus thàinig Pharasaich thuige ga dhearbhadh, agus ag ràdh ris, “A bheil e laghail do dhuine a bhean a chur uaithe air adhbhar sam bith?”
4Fhreagair e, “Nach do leugh sibh, an t‑Aon a chruthaich iad anns an toiseach, ‘rinn e fireann agus boireann iad’#Gen. 1:27 5agus thuirt e, ‘Air an adhbhar seo fàgaidh duine athair agus a mhàthair, agus aonaidh e ri bhean, agus bidh an dithis nan aon fheòil’#Gen. 2:24? 6Mar sin chan eil iad tuilleadh nan dithis, ach nan aon fheòil. Mar sin, na chuir Dia còmhla, na sgaradh duine.”
7Thuirt iad ris, “Carson, mar sin, a dh'àithn Maois teisteanas‑dealachaidh a thoirt dhi, agus a cur air falbh?”
8Thuirt esan riutha, “Air sgàth cruas ur cridhe cheadaich Maois dhuibh ur mnathan a chur air falbh uaibh, ach cha robh e mar sin on toiseach. 9Agus tha mise ag ràdh ribh, ge b' e a chuireas uaithe a bhean, ach airson strìopachais, agus a phòsas bean eile, tha e a' dèanamh adhaltranais.” 10Thuirt a dheisciobail ris, “Ma tha a' chùis mar sin eadar fear is a bhean, tha e nas fheàrr gun phòsadh.”
11Ach thuirt esan riutha, “Chan e a h‑uile neach as urrainn gabhail ris an fhacal seo, ach iadsan dhan tugadh e. 12Oir tha caillteanaich ann a rugadh mar sin o bhroinn am màthar, agus tha caillteanaich ann a chaidh a dhèanamh nan caillteanaich le daoine, agus tha caillteanaich ann a rinn iad fhèin nan caillteanaich air sgàth rìoghachd nèimh. An neach as urrainn seo a ghabhail, gabhadh e e.”
Clann Bheaga agus Ìosa
13An uair sin chaidh leanabanan a thoirt thuige airson 's gun cuireadh e a làmhan orra, agus gun dèanadh e ùrnaigh; ach chronaich na deisciobail iad.
14Ach thuirt Ìosa, “Leigibh le na leanabanan, agus na cuiribh bacadh orra on a bhith a' tighinn thugam, oir is ann dhen leithidean sin a tha rìoghachd nèimh.”
15Agus às dèidh dha a làmhan a chur orra, chaidh e às a sin.
Am Fear Òg Beairteach
16Agus, seall, thàinig duine suas thuige ag ràdh, “Fhir‑Teagaisg, dè an rud math a nì mi airson 's gum faigh mi a' bheatha shìorraidh?” 17Agus thuirt esan ris, “Carson a tha thu a' faighneachd dhòmhsa mu na tha math? Chan eil ann ach an t‑Aon a tha math. Mas e do thoil a dhol a‑steach dhan bheatha, cùm na h‑àitheantan.”
18Thuirt esan, “Dè an fheadhainn?”
Agus thuirt Ìosa, “Na dèan murt, na dèan adhaltranas, na dèan goid, na toir fianais‑bhrèige, 19thoir urram dhad athair agus dhad mhàthair#Ecs. 20:12‑16; Deut. 5:16‑20, agus gràdhaich do choimhearsnach mar thu fhèin.”#Lebh. 19:18
20Thuirt an duine òg ris, “Iad sin uile chùm mi. Dè a tha fhathast a dhìth orm?”
21Thuirt Ìosa ris, “Mas e do thoil a bhith coileanta, thalla, reic na th' agad agus thoir dha na bochdan, agus bidh ionmhas agad air nèamh; agus trobhad 's lean mise.”
22Ach nuair a chuala an duine òg am facal sin, dh'fhalbh e gu brònach, oir bha mòran saidhbhreis aige.
23Agus thuirt Ìosa ri a dheisciobail, “Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, tha e doirbh do dhuine saidhbhir a dhol a‑steach do rìoghachd nèimh. 24A‑rithist tha mi ag ràdh ribh, tha e nas fhasa do chàmhal a dhol tro chrò snàthaid na do dhuine beairteach a dhol a‑steach do rìoghachd Dhè.”
25Nuair a chuala a dheisciobail seo, ghabh iad iongnadh mòr, ag ràdh, “Cò mar sin as urrainn a bhith air a shàbhaladh?”
26Ach sheall Ìosa orra agus thuirt e, “Do dhaoine tha seo eu‑comasach, ach do Dhia tha a h‑uile sìon comasach.”
27An uair sin fhreagair Peadar, “Seall, dh'fhàg sinne a h‑uile rud agus lean sinn thusa! Dè mar sin a bhios ann dhuinne?”
28Thuirt Ìosa riutha, “Gu deimhinn, tha mi ag ràdh ribh, sibhse a lean mise, anns an linn nuadh, nuair a shuidheas Mac an Duine air a chathair ghlòrmhor fhèin, suidhidh sibhse cuideachd air dà chathair dheug, a' toirt breith air dà threubh dheug Israeil. 29Agus a h‑uile neach a dh'fhàg taighean no bràithrean no peathraichean no athair no màthair no clann no achaidhean air sgàth m' ainme‑sa, gheibh e a cheud uiread agus sealbhaichidh e a' bheatha shìorraidh. 30Ach bidh mòran a th' air thoiseach air dheireadh, agus air dheireadh a bhios air thoiseach.”

Currently Selected:

Mata 19: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy