YouVersion Logo
Search Icon

Mata 15

15
Glan agus Neòghlan
1An uair sin thàinig Pharasaich agus sgrìobhaichean gu Ìosa o Ierusalem agus thuirt iad, 2“Carson a bhios do dheisciobail a' briseadh dualchas nan èildear? Oir cha bhi iad a' nighe an làmhan nuair a dh'itheas iad aran.”
3Fhreagair esan iad, “Agus carson a tha sibhse a' briseadh àithne Dhè air sgàth ur dualchais fhèin? 4Oir dh'àithn Dia, ‘Thoir urram dhad athair is dhad mhàthair,’#Ecs. 20:12; Deut. 5:16 agus, ‘Ge b' e cò a mhallaicheas athair no a mhàthair, thèid a chur gu bàs.’#Ecs. 21:17; Lebh. 20:9 5Ach canaidh sibhse, ‘Ge b' e neach a their ri athair no ri mhàthair, “Biodh rud sam bith leis am faodadh tu buannachd fhaighinn uamsa na thiodhlac do Dhia,” 6chan fheum e urram a thoirt dha athair no dha mhàthair#15:6 Chan eil na faclan “no dha mhàthair” anns na làmh‑sgrìobhainnean as tràithe. .’ Mar sin air sgàth ur dualchais fhèin tha sibh a' cur Facal Dhè an neo‑bhrìgh. 7A bhreug‑chràbhaichean! Is math a rinn Isaiah fàidheadaireachd mur deidhinn, nuair a thuirt e:
8‘Tha an sluagh seo a' toirt urraim dhòmhsa lem bilean,
ach tha an cridheachan fada uam.
9Is ann gu dìomhain a tha iad a' toirt adhraidh dhòmhsa,
a' teagasg mar theagasg àithntean dhaoine.’”#Isa. 29:13
10Agus ghairm e an sluagh thuige is thuirt e riu, “Èistibh agus tuigibh. 11Chan e na thèid a‑steach dhan bheul a nì an duine neòghlan, ach na thig a‑mach às a bheul, is e seo a nì an duine neòghlan.”
12An uair sin thàinig na deisciobail agus thuirt iad ris, “A bheil fios agad gun do ghabh na Pharasaich oilbheum nuair a chuala iad am facal ud?”
13Fhreagair esan, “Gach lus nach do chuir m' Athair nèamhaidh‑sa, thèid a spìonadh on fhreumh. 14Leigibh leotha, is e luchd‑treòrachaidh dhall dhe na doill a th' annta. Agus ma threòraicheas dall dall eile, tuitidh an dithis aca a‑steach do chlais.”
15Ach fhreagair Peadar e, “Mìnich an cosamhlachd dhuinn.”
16Agus thuirt Ìosa, “A bheil sibhse cuideachd fhathast gun tuigse? 17Nach eil sibh a' faicinn gu bheil na thèid a‑steach dhan bheul a' dol dhan stamaig agus gun tèid a chur a‑mach dhan t‑sitig? 18Ach na rudan a thig a‑mach às a' bheul, tha iad a' tighinn on chridhe, agus is iad sin a nì an duine neòghlan. 19Oir às a chridhe thig smuaintean olca, murt, adhaltranas, strìopachas, goid, fianais bhrèige, cùl‑chàineadh. 20Is iad seo na rudan a nì an duine neòghlan. Ach ithe le làmhan gun nighe, cha dèan sin an duine neòghlan.”
Creideamh a' Bhoireannaich à Canàan
21Agus chaidh Ìosa air falbh on àite sin is tharraing e air ais gu ceàrnaidh Thìruis agus Shìdoin. 22Agus seall, thàinig boireannach Canàanach on cheàrnaidh sin agus thòisich i air èigheach air, “Dèan tròcair orm, a Thighearna, a Mhic Dhaibhidh; tha mo nighean a' fulang gu truagh le deamhan a th' innte.”
23Ach cha do fhreagair e facal dhi. Agus thàinig a dheisciobail thuige agus ghuidh iad air, ag ràdh, “Cuir air falbh i, oir tha i ag èigheach às ar dèidh.”
24Fhreagair esan, “Cha deach mo chur ach dìreach gu caoraich chaillte taigh Israeil.”
25Ach thàinig ise agus thilg i i fhèin sìos ma choinneamh, ag ràdh, “A Thighearna, cuidich leam!”
26Agus fhreagair esan, “Chan eil e ceart aran na cloinne a ghabhail agus a thilgeil chun nan con.”
27Thuirt ise, “Seadh, a Thighearna, ach ithidh fiù 's na coin dhen sprùilleach a thuiteas o bhòrd am maighstirean.”
28An uair sin fhreagair Ìosa i, “Ò, a bhoireannaich, is mòr do chreideamh! Biodh e air a dhèanamh dhut mar a tha thu a' miannachadh!” Agus chaidh an nighean a dhèanamh slàn on uair sin fhèin.
Ìosa a' Biadhadh nan Ceithir Mìle
29Chaidh Ìosa air adhart à sin agus choisich e ri taobh Muir Ghalile. Agus chaidh e suas dhan bheinn agus shuidh e an sin. 30Agus thàinig sluagh mòr thuige, a' toirt leotha nam bacach, nan dall, nan daoine ciorramach, nam balbhan, agus mòran eile, agus shìn iad sìos aig casan Ìosa iad, agus shlànaich e iad. 31Mar sin ghabh an sluagh iongnadh nuair a chunnaic iad na balbhain a' bruidhinn, na ciorramaich slàn, na bacaich a' coiseachd, agus na doill a' faicinn. Agus thug iad glòir do Dhia Israeil.
32An uair sin ghairm Ìosa a dheisciobail thuige, agus thuirt e, “Tha truas agam ris an t‑sluagh a chionn 's gu bheil iad air a bhith còmhla rium a‑nis trì latha agus nach eil sìon aca ri ithe. Agus chan eil mi ag iarraidh an cur air falbh acrach, air eagal 's gum faodadh iad fannachadh air an t‑slighe.”
33Agus thuirt na deisciobail ris, “Càit am faigheamaid aran gu leòr anns an àite fàsail seo a bhiathadh sluagh cho mòr?”
34Agus thuirt Ìosa riutha, “Cia mheud lof a th' agaibh?”
Thuirt iadsan, “Seachd, agus beagan èisg bheaga.”
35Agus a' toirt òrduigh dhan t‑sluagh suidhe sìos air an talamh 36ghabh e na seachd lofaichean agus na h‑èisg, agus às dèidh dha taing a thoirt, bhris e iad, agus thug e dha na deisciobail iad, agus thug na deisciobail dhan t‑sluagh iad. 37Agus dh'ith iad uile agus bha iad air an sàsachadh. Agus thog iad suas seachd basgaidean dhe na criomagan, a bh' air chòrr aca. 38Agus b' iad a dh'ith ceithir mìle fear, a bharrachd air boireannaich agus cloinn. 39Agus às dèidh dha an sluagh a chur air falbh, chaidh e a‑steach dhan eathar agus chaidh e gu ceàrnaidh Mhagadan.

Currently Selected:

Mata 15: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy