YouVersion Logo
Search Icon

Mata 14

14
An Ceann air a Thoirt far Eòin Baistidh
1Aig an àm sin chuala Herod an tetrarc mu chliù Ìosa, 2agus thuirt e ri a sheirbheisich, “Is e seo Eòin Baistidh. Chaidh a thogail o na mairbh, agus is ann air sgàth sin a tha na cumhachdan mìorbhaileach seo ag obrachadh ann.”
3Oir bha Herod air Eòin a chur an greim is air a cheangal agus air a chur ann am prìosan air sgàth Heròdiais, bean Philip a bhràthair fhèin, 4oir bha Eòin air a bhith ag ràdh ris, “Chan eil e laghail dhut i a bhith agad.” 5Agus ged a bha Herod ag iarraidh a chur gu bàs, bha eagal air on t‑sluagh, oir mheas iad gum b' e fàidh a bh' ann.
6Ach nuair a thàinig co‑là‑breith Heroid, rinn nighean Heròdiais dannsa mun coinneamh agus thoilich i Herod, 7chun na h‑ìre 's gun do gheall e le mionnan gun toireadh e dhi ge b' e dè a dh'iarradh i. 8Agus air a piobrachadh le a màthair, thuirt i, “Tha mi airson 's gun toir thu dhomh ceann Eòin Baistidh air truinnsear mòr.”
9Agus bha an rìgh duilich, ach a thaobh nam mionnan 's air sgàth nan aoighean aige, dh'àithn e a thoirt dhi. 10Agus chuir e fear a‑mach a thug an ceann far Eòin anns a phrìosan. 11Agus chaidh a cheann a thoirt air truinnsear mòr is chaidh a thoirt dhan chaileig, agus thug ise gu a màthair e. 12Thàinig a dheisciobail, agus thug iad an corp leotha is dh'adhlaic iad e, agus chaidh iad 's dh'innis iad do dh'Ìosa.
Ìosa a' Biathadh nan Còig Mìle
13A‑nis nuair a chuala Ìosa seo, tharraing e air ais à sin ann an eathar gu àite fàsail leis fhèin. Ach nuair a chuala an sluagh sin, lean iad air chois e o na bailtean. 14Agus nuair a chaidh e air tìr chunnaic e sluagh mòr, agus bha truas aige dhaibh, agus shlànaich e an fheadhainn aca a bha tinn.
15Agus nuair a bha am feasgar ann, thàinig na deisciobail thuige agus thuirt iad, “'S e àite fàsail a tha an seo agus tha an latha a‑nis seachad; cuir an sluagh air falbh airson 's gun tèid iad dha na bailtean agus gun ceannaich iad biadh dhaib' fhèin.”
16Ach thuirt Ìosa, “Cha leig iad a leas falbh; thugaibh‑se dhaibh rudeigin a dh'itheas iad.”
17Thuirt iad ris, “Chan eil an seo againn ach còig lofaichean agus dà iasg.”
18Agus thuirt esan, “Thugaibh an seo iad thugamsa.” 19Agus dh'àithn e dhan t‑sluagh suidhe sìos air an fheur, agus a' gabhail nan còig lofaichean agus an dà iasg, sheall e suas gu nèamh, bheannaich e 's bhris e na lofaichean agus thug e iad dha na deisciobail, agus thug na deisciobail dhan t‑sluagh iad. 20Dh'ith iad uile agus bha iad air an sàsachadh. Agus thog iad dà bhasgaid dheug làn de chriomagan a bha a chòrr. 21Agus bha iadsan a dh'ith mu thimcheall air còig mìle fear, a thuilleadh air mnathan agus air cloinn.
Ìosa a' Coiseachd air an Uisge
22Sa bhad thug e air na deisciobail a dhol dhan eathar agus a dhol roimhe chun an taoibh thall, fhad 's a chuir e fhèin an sluagh air falbh. 23Agus às dèidh an sluagh a chur air falbh, chaidh e suas dhan bheinn leis fhèin a dh'ùrnaigh. Nuair a thàinig am feasgar, bha e an sin na aonar. 24Ach bha an t‑eathar mun àm sin astar fada#14:24 gu lit.: mòran stadia o thìr, air a tilgeil mun cuairt leis na tonnan, oir bha a' ghaoth nan aghaidh.
25Mus do dh'èirich a' ghrian#14:25 gu lit.: anns a' cheathramh faire dhen oidhche , thàinig e thuca, a' coiseachd air a' mhuir. 26Ach nuair a chunnaic na deisciobail e a' coiseachd air a' mhuir, bha iad fo oillt, ag ràdh, “Is e taibhs a th' ann!” agus dh'èigh iad a‑mach le eagal.
27Ach sa bhad bhruidhinn Ìosa riutha ag ràdh, “Biodh deagh mhisneach agaibh, is mise a th' ann – na biodh eagal oirbh.”
28Agus fhreagair Peadar e, “A Thighearna, mas tusa a th' ann, iarr orm tighinn thugad air na h‑uisgeachan.”
29Agus thuirt esan, “Thig.”
Is thàinig Peadar a‑mach às an eathar agus choisich e air na h‑uisgeachan is thàinig e gu Ìosa. 30Ach nuair a chunnaic e a' ghaoth cho làidir, ghabh e eagal, agus a' tòiseachadh air a dhol fodha, ghlaodh e, “A Thighearna, sàbhail mi!”
31Anns a' bhad shìn Ìosa a‑mach a làmh agus rug e air, is thuirt e ris, “O thusa air bheag creideimh, carson a bha thu fo amharas?”
32Agus nuair a chaidh iad a‑steach dhan eathar, sguir a' ghaoth. 33Agus rinn iadsan a bh' anns an eathar adhradh dha, ag ràdh, “Gu fìrinneach is tusa Mac Dhè!”
34Nuair a bha iad air a dhol thairis, thàinig iad air tìr aig Genesaret. 35Agus nuair a dh'aithnich muinntir an àite sin e, chuir iad fios air feadh a' cheàrnaidh sin gu lèir agus thug iad thuige iadsan uile a bha tinn 36agus ghuidh iad air airson 's gum faodadh iad beantainn fiù 's ri iomall aodaich. Agus na h‑uimhir 's a bhean dha, chaidh an leigheas.

Currently Selected:

Mata 14: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy