YouVersion Logo
Search Icon

Eòin 5

5
An Leigheas aig an Linne
1Às dèidh seo bha Fèill dhe na h‑Iùdhaich ann agus chaidh Ìosa suas gu Ierusalem. 2A‑nis tha ann an Ierusalem, aig Geata nan Caorach, linne ris an canar, anns a' chainnt Eabhraich, Betesda, aig a bheil còig sgàil‑thaighean. 3Annta sin bha nan laighe mòran a bha tinn, dall, bacach agus seargte. 4[Oir o àm gu àm chaidh aingeal bhon Tighearna sìos dhan linne agus chuir e an t‑uisge troimh‑a‑chèile. Mar sin, a' chiad neach a rachadh sìos às dèidh dhan uisge a bhith air a chur troimh‑a‑chèile, bha e air a dhèanamh slàn o ge b' e dè an tinneas a bh' air.#5:4 Chan eil na faclan seo anns na làmh‑sgrìobhainnean as tràithe.] 5A‑nis bha duine àraidh air a bhith an sin trithead bliadhna 's a h‑ochd#5:5 Ochd bliadhna deug air fhichead (38). le a thinneas. 6Nuair a chunnaic Ìosa an duine seo na laighe, agus fios aige gun robh e air a bhith ùine mhòr mar sin mu thràth, thuirt e ris, “A bheil thu ag iarraidh a bhith slàn?”
7Fhreagair am fear a bha tinn e, “A Thighearna, chan eil duine agam, nuair a tha an t‑uisge air a ghluasad, a chuireas dhan linne mi, ach nuair a tha mi a' dol innte thèid neach eile sìos romham.”
8Thuirt Ìosa ris, “Èirich! tog do leabaidh agus coisich.” 9Anns a' bhad dh'fhàs an duine slàn agus thog e a leabaidh agus bha e a' coiseachd mun cuairt.
B' e an t‑Sàbaid a bh' ann air an latha sin. 10Mar sin thuirt na h‑Iùdhaich ris an fhear a chaidh a shlànachadh, “'S e an t‑Sàbaid a th' ann is chan eil e laghail dhut do leabaidh a ghiùlain.”
11Ach fhreagair e iad, “Am fear a rinn slàn mi, thuirt esan rium, ‘Tog do leabaidh agus coisich.’”
12Dh'fhaighnich iad dha, “Cò e an duine a thuirt riut, ‘Tog i agus coisich.’”
13Ach cha robh fios aig an duine a chaidh a shlànachadh cò e, oir bha Ìosa air a dhol à sealladh a chionn 's gun robh sluagh san àite.
14Às dèidh sin lorg Ìosa e san teampall agus thuirt e ris, “Seall, chaidh do shlànachadh; na peacaich tuilleadh, mus tachair nas miosa dhut.” 15Dh'fhalbh an duine agus dh'innis e dha na h‑Iùdhaich gum b' e Ìosa a rinn slàn e.
Beatha tron Mhac
16Air an adhbhar seo rinn na h‑Iùdhaich geur‑leanmhainn air Ìosa, oir bha e a' dèanamh nan rudan seo air an t‑Sàbaid. 17Ach fhreagair Ìosa iad, “Tha m' Athair ag obair chun a seo, agus tha mise ag obair.” 18Air an adhbhar seo 's ann a bu mhotha a bha na h‑Iùdhaich ag iarraidh a mharbhadh, oir chan e a‑mhàin gun robh e a' briseadh na Sàbaid, ach bha e cuideachd ag ràdh gum b' e Dia Athair‑san, ga dhèanamh fhèin co‑ionnan ri Dia.
19Mar sin fhreagair Ìosa iad, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach eil e comasach dhan Mhac rud sam bith a dhèanamh uaithe fhèin, ach na chì e an t‑Athair a' dèanamh, oir gach rud a bhios esan a' dèanamh tha am Mac a' dèanamh cuideachd. 20Oir tha an t‑Athair a' gràdhachadh a' Mhic agus dhàsan sheall e a h‑uile rud a tha e a' dèanamh, agus obraichean nas motha na seo seallaidh e dha, airson 's gun gabh sibh iongnadh. 21Oir mar a thogas an t‑Athair na mairbh agus a bheothaicheas e iad, mar sin beothaichidh am Mac cuideachd na thogras e. 22Oir chan eil an t‑Athair a' toirt breith air aon sam bith, ach thug e a h‑uile ùghdarras‑breitheanais dhan Mhac, 23airson 's gun toireadh na h‑uile urram dhan Mhac mar a bheir iad urram dhan Athair. An neach nach toir urram dhan Mhac, chan eil e a' toirt urraim dhan Athair a chuir a‑mach e.
24“Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e a chluinneas m' fhaclan agus a chreideas esan a chuir a‑mach mi, tha a' bheatha shìorraidh aige agus cha tig e a‑steach do bhreitheanas, ach chaidh a thoirt a‑mach à bàs gu beatha. 25Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh gu bheil uair a' tighinn agus tha i a‑nis ann, nuair a chluinneas na mairbh guth Mac Dhè, agus iadsan a chluinneas, bidh iad beò. 26Oir mar a tha beatha aig an Athair ann fhèin, mar sin cuideachd thug e dhan Mhac beatha a bhith aige ann fhèin. 27Agus thug e ùghdarras dha airson breith a thoirt, oir is esan Mac an Duine.
28“Na gabhaibh iongnadh às a seo, oir tha uair a' tighinn anns an cluinn na h‑uile a th' anns na tuaman a ghuth‑san. 29Iadsan a tha a' dèanamh rudan matha, èiridh iad gu aiseirigh na beatha, ach iadsan a tha a' dèanamh droch rudan, gu aiseirigh an dìtidh. 30Chan urrainn dhomh rud sam bith a dhèanamh uam fhèin; mar a chluinneas mi, mar sin bheir mi breith, agus tha mo bhreitheanas ceart; oir chan eil mi ag iarraidh mo thoil fhèin ach toil an aoin a chuir a‑mach mi.”
Fianaisean mu Ìosa
31“Ma bheir mise fianais mum dheidhinn fhèin, chan eil m' fhianais fìor. 32'S e neach eile a tha a' toirt fianais mum dheidhinn, agus tha fios agam gu bheil an fhianais a tha esan a' dèanamh mum dheidhinn fìor.
33“Chuir sibh fios gu Eòin agus thug esan fianais mun fhìrinn. 34Chan eil mise a' gabhail fianais o dhuine, ach tha mi ag ràdh seo airson 's gum bi sibh air ur teàrnadh. 35B' e lampa lasrach agus dheàlrach a bh' ann, agus roghnaich sibh toileachas a dhèanamh na sholas airson greis, 36ach tha fianais nas motha na bh' aig Eòin agamsa, oir na h‑obraichean a thug an t‑Athair dhòmhsa airson an crìochnachadh, tha na h‑obraichean seo fhèin a tha mi a' dèanamh a' toirt fianais mum dheidhinn, gur e an t‑Athair a chuir a‑mach mi. 37Tha an t‑Athair fhèin a chuir a‑mach mi a' toirt fianais mum dheidhinn. Cha chuala sibh a ghuth riamh agus chan fhaca sibh an cumadh aige nas motha. 38Agus chan eil fhacal‑san a' fantainn annaibh, oir chan eil sibh a' creidsinn annsan a chuir e a‑mach. 39Tha sibh a' rannsachadh nan Sgriobtar, oir tha sibh a' smaoineachadh gu bheil a' bheatha shìorraidh agaibh annta sin, agus is iad sin a tha a' toirt fianais mum dheidhinn, 40ach chan e ur toil tighinn thugam, airson 's gum bi beatha agaibh.
41“Chan eil mise a' gabhail urraim o dhaoine, 42ach 's aithne dhomh sibh, nach eil gràdh Dhè agaibh annaibh fhèin. 43Thàinig mise ann an ainm m' Athar ach chan eil sibhse a' gabhail rium. Ma thig neach eile na ainm fhèin, gabhaidh sibh ris. 44Ciamar as urrainn dhuibhse creidsinn, a tha a' gabhail urraim o chèile, ach nach eil ag iarraidh an urraim a thig on aon Dia?
45“Na bithibh a' smaoineachadh gur mise a nì ur casaid ris an Athair: tha aon ann a tha gur casaid, Maois – anns an do chuir sibh ur dòchas. 46Nan robh sibh air Maois a chreidsinn, chreideadh sibh mise; oir sgrìobh esan mum dheidhinn. 47Ach mura creid sibh na sgrìobhaidhean aigesan, ciamar a chreideas sibh m' fhaclan‑sa?”

Currently Selected:

Eòin 5: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy