YouVersion Logo
Search Icon

Eòin 15

15
Am Fìonan agus na Geugan
1“Is mise am fìonan fìor, agus is e m' Athair an gàirnealair. 2Bheir e air falbh a h‑uile geug annamsa nach eil a' giùlain toraidh, agus gach uile gheug a tha a' giùlain toraidh, gearraidh e air ais i, airson 's gun giùlain i barrachd toraidh. 3Tha sibhse glan mu thràth tron fhacal a tha mi air a ràdh ribh. 4Fanaibh annamsa, agus mise annaibhse. Mar nach urrainn dhan ghèig toradh a ghiùlain uaipe fhèin mura fan i anns an fhìonan, cha mhotha as urrainn dhuibhse mura fan sibh annamsa.
5“Is mise am fìonan; is sibhse na geugan. An neach a dh'fhanas annamsa agus mise annsan, is esan a ghiùlaineas mòran toraidh; oir às m' aonais‑sa chan urrainn dhuibh aon rud a dhèanamh. 6Mura fan neach annamsa, tha e air a thilgeil a‑mach mar ghèig agus a' crìonadh; agus tha iad gan cruinneachadh, gan tilgeil dhan teine agus gan losgadh. 7Ma dh'fhanas sibhse annamsa, agus ma dh'fhanas m' fhaclan‑sa annaibhse, iarraibh ge b' e dè a thogras sibh, agus bidh e air a dhèanamh dhuibh. 8Le seo a tha m' Athair air a ghlòrachadh, gun giùlain sibhse mòr‑thoradh, agus mar sin gun dearbh sibh gur sibh mo dheisciobail‑sa.
9“Mar a tha an t‑Athair air mise a ghràdhachadh, mar sin ghràdhaich mise sibhse. Fanaibh nam ghràdh‑sa. 10Ma chumas sibh m' àithntean, fanaidh sibh nam ghràdh; dìreach mar a chùm mise àithntean m' Athar, agus a tha mi a' fantainn na ghràdh‑san. 11Na rudan seo tha mi air a ràdh ribh airson 's gum faodadh m' aoibhneas a bhith annaibhse, agus airson 's gum faodadh ur n‑aoibhneas‑se a bhith làn. 12Is i seo m' àithne‑sa, gun gràdhaich sibhse a chèile, mar a ghràdhaich mise sibhse. 13Gràdh nas motha na seo chan eil aig neach sam bith, gun leig duine a bheatha sìos airson a charaidean. 14Is sibhse mo charaidean‑sa, ma nì sibh na dh'àithneas mi dhuibh. 15Chan eil mi a' gabhail seirbheisich oirbh tuilleadh; oir chan aithne dhan t‑seirbheiseach dè a tha a thighearna a' dèanamh. Ach tha mi air caraidean a ghabhail oirbh; oir a h‑uile rud a chuala mi om Athair, rinn mi aithnichte dhuibhse. 16Chan e sibhse a thagh mise, ach is mise a thagh sibhse agus dh'òrdaich mi sibh airson 's gun deigheadh sibh agus gun toireadh sibh a‑mach toradh, agus gum maireadh ur toradh, airson 's ge b' e rud a dh'iarras sibh on Athair nam ainm‑sa, gun toir e dhuibh e. 17Na rudan seo tha mi ag àithne dhuibh, airson 's gun gràdhaich sibh a chèile.”
Tha Fuath aig an t‑Saoghal dha na Deisciobail
18“Ma tha fuath aig an t‑saoghal dhuibhse, biodh fios agaibh gun robh fuath aige dhòmhsa an toiseach mus robh fuath aige dhuibhse. 19Nam b' ann dhen t‑saoghal a bha sibh, ghràdhaicheadh an saoghal sibh mar a chuid fhèin. Ach a chionn 's nach eil sibh dhen t‑saoghal, ach gun do thagh mise sibh a‑mach às an t‑saoghal, air sgàth sin tha fuath aig an t‑saoghal dhuibh. 20Cuimhnichibh am facal a thuirt mi ribh: ‘Chan eil seirbheiseach nas motha na a mhaighstir.’#Eòin 13:16 Ma rinn iad geur‑leanmhainn ormsa, nì iad geur‑leanmhainn oirbhse cuideachd. Ma chùm iad m' fhacal‑sa, cumaidh iad ur facal‑se cuideachd. 21Ach na rudan seo gu lèir nì iad ribh air sgàth m' ainm‑sa, oir chan aithne dhaibh esan a chuir a‑mach mi. 22Mura bithinn‑sa air tighinn agus air bruidhinn riutha, cha bhiodh iad ciontach de pheacadh. A‑nis, ge‑tà, chan eil leisgeul aca airson an cuid peacaidh. 23An neach aig a bheil fuath dhòmhsa, tha fuath aige dham Athair cuideachd. 24Mura bithinn‑sa air na h‑obraichean a dhèanamh nam measg nach do rinn aon neach eile, cha bhiodh iad ciontach de pheacadh; ach a‑nis chunnaic iad, agus dh'fhuathaich iad an dà chuid mise agus m' Athair. 25Ach rinn iad seo airson 's gun deigheadh am facal a choileanadh a tha sgrìobhte nan lagh fhèin, ‘Dh'fhuathaich iad mi gun adhbhar.’#Salm 35:19; 69:4
Obair an Spioraid Naoimh
26“Ach nuair a thig an Neach‑Cuideachaidh a chuireas mise thugaibh on Athair, Spiorad na Fìrinn, a tha a' tighinn a‑mach on Athair, bheir esan fianais mum dheidhinn‑sa. 27Agus bheir sibhse fianais cuideachd, a chionn 's gu bheil sibh air a bhith còmhla rium on toiseach.

Currently Selected:

Eòin 15: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy