Gnìomhan 19
19
Pòl ann an Ephesus
1Agus thachair, fhad 's a bha Apollos aig Corint, gun deach Pòl tro sgìrean àrd na tìre agus thàinig e gu Ephesus. An sin fhuair e cuid de dheisciobail. 2Agus thuirt e riutha, “An d' fhuair sibh an Spiorad Naomh nuair a chreid sibh?”
Agus thuirt iadsan ris, “Cha d' fhuair, cha chuala sinne fiù 's gu bheil Spiorad Naomh ann.”
3Agus thuirt e, “Dè ma‑thà am baisteadh dhan deach ur baisteadh?”
Thuirt iad, “Do bhaisteadh Eòin.”
4Agus thuirt Pòl, “Bhaist Eòin le baisteadh an aithreachais, a' cantainn ris an t‑sluagh creidsinn san fhear a bha a' tighinn às a dhèidh, is e sin Ìosa.” 5Nuair a chuala iad seo, chaidh am baisteadh ann an ainm an Tighearna Ìosa. 6Agus nuair a bha Pòl air a làmhan a shìneadh orra, thàinig an Spiorad Naomh orra, agus thòisich iad air bruidhinn ann an teangannan agus air fàidheadaireachd. 7Bha mu dhà fhear dheug ann gu lèir.
8Agus chaidh esan a‑steach dhan t‑sionagog agus bhruidhinn e gu dàn fad thrì mìosan, a' reusanachadh agus a' cur ìmpidh orra mu rìoghachd Dhè. 9Ach nuair a dh'fhàs cuid rag agus nach do chreid iad, a' bruidhinn gu h‑olc mun t‑Slighe mu choinneamh an t‑sluaigh, tharraing e air ais uapa agus thug e na deisciobail leis, a' reusanachadh gach latha ann an talla‑òraid Thirannuis. 10Lean seo airson dà bhliadhna, air chor is gun cuala luchd‑còmhnaidh na h‑Àisia gu lèir facal an Tighearna, an dà chuid Iùdhaich agus Greugaich.
11Bha Dia a' dèanamh mhìorbhailean iongantach le làmhan Phòil, 12air chor is gun robh fiù 's nèapraigean no aparain a bh' air beantainn dha chraiceann air an giùlain air falbh thucasan a bha tinn, is dh'fhàg an tinneasan iad agus thàinig na spioradan neòghlan a‑mach asta.
13Ach ghabh cuid dhen mhuinntir Iùdhach, luchd tilgeil a‑mach dheamhan, a bha a' dol o àite gu àite, os làimh ainm an Tighearna Ìosa ainmeachadh thairis orrasan san robh na spioradan olca, ag ràdh, “Tha mi gar cur fo mhionnan tro Ìosa, a tha Pòl a' searmonachadh.” 14Bha seachdnar mhac Scebha, àrd‑shagart Iùdhach, a' dèanamh seo. 15Ach fhreagair an spiorad olc iad, “Ìosa is aithne dhomh, agus tha eòlas agam air Pòl, ach cò a th' annaibhse?” 16Agus leum an duine anns an robh an spiorad olc orra, fhuair e làmh‑an‑uachdair orra agus thug e buaidh orra, air chor is gun do theich iad a‑mach às an taigh sin rùisgte agus air an leòn.
17Fhuair uile luchd‑còmhnaidh Ephesuis eòlas air a seo, an dà chuid Iùdhaich is Greugaich. Agus thuit eagal orra uile, agus bha ainm an Tighearna Ìosa air àrd‑mholadh. 18Thàinig mòran cuideachd dhiubhsan a chreid, ag aideachadh 's ag innse an gnìomhan. 19Agus thug grunn dhiubhsan a bh' air draoidheachd a chur an gnìomh an leabhraichean cruinn còmhla agus loisg iad ann am fianais nan uile iad. Agus chunntais iad an luach aca is fhuair iad a‑mach gun tàinig e gu caogad mìle bonn airgid#19:19 Bha am bonn airgid seo, an “drachma”, na thuarstal làitheil. 20Mar sin chùm facal an Tighearna air a' fàs agus a' buadhachadh gu cumhachdach.
21A‑nis às dèidh dha na rudan seo a bhith air an crìochnachadh, chuir Pòl roimhe san Spiorad gabhail seachad tro Mhacedònia is Achaiah agus a dhol gu Ierusalem, ag ràdh, “Às dèidh dhomh a bhith an sin, feumaidh mi cuideachd an Ròimh fhaicinn.” 22Agus às dèidh dha dithis dhen luchd‑cuideachaidh aige a chur do Mhacedònia – Timòteus is Erastus – dh'fhan esan e fhèin ann an Àisia airson greis.
An Aimhreit ann an Ephesus
23Mun àm sin dh'èirich buaireadh nach bu bheag mun t‑Slighe. 24Oir thug duine dham b' ainm Demetrius, ceàrd‑airgid, a rinn ionadan‑coisrigte airgid do dh'Artemis, malairt nach bu bheag dhan luchd‑ciùird. 25Chruinnich e còmhla iad sin, leis an luchd‑obrach a bh' ann an ciùird ionann riutha, agus thuirt e, “Fheara, tha fios agaibh gur ann on chiùrd seo a tha ar beairteas againne. 26Agus tha sibh a' faicinn is a' cluinntinn gu bheil – chan ann a‑mhàin ann an Ephesus ach cha mhòr ann an Àisia gu lèir – am Pòl seo air ìmpidh a chur air sluagh mòr dhaoine 's air an tionndadh air falbh, ag ràdh nach diathan iad idir a tha dèante le làmhan. 27Agus tha cunnart ann, chan e a‑mhàin gun tuiteadh a chiùird seo againne ann am mì‑chliù, ach cuideachd gum biodh teampall na ban‑dè mòire air a mheas mar neoni, agus fiù 's gun tèid a cur o chathair a mòrachd‑se, ise dha bheil Àisia uile agus an saoghal a' dèanamh adhraidh.”
28Nuair a chuala iadsan seo chaidh an lìonadh le feirg is thòisich iad ag èigheach, “Is mòr Artemis nan Ephèsianach!” 29Bha am baile air a lìonadh leis an aimhreit, agus ruith iad le aon toil dhan taigh‑chluiche, a' tarraing Ghaiuis is Aristarchuis leotha, companaich‑siubhail Phòil o Mhacedònia. 30Ach nuair a mhiannaich Pòl a dhol a‑steach am measg a' cho‑chruinneachaidh, cha leigeadh na deisciobail leis. 31Agus chuir fiù 's cuid de riaghladairean na h‑Àisia, a bha nan caraidean dha, fios thuige agus bha iad ga earalachadh gun a dhol a‑steach dhan taigh‑chluiche.
32A‑nis dh'èigh cuid aon rud, agus cuid rud eile, oir bha an co‑chruinneachadh troimh‑a‑chèile agus cha b' aithne dhan mhòr‑chuid dhiubh carson a bha iad air tighinn còmhla. 33Phiobraich cuid dhen t‑sluagh Alecsander, a bha na h‑Iùdhaich air a chur air adhart. Agus a' smèideadh le a làimh, bha Alecsander ag iarraidh dìon a dhèanamh air fhèin dhan t‑sluagh. 34Ach nuair a dh'aithnich iad gum b' e Iùdhach a bh' ann, dh'èigh iad a‑mach le aon ghuth, airson mu dhà uair a thìde, “Is mòr Artemis nan Ephèsianach!”
35Às dèidh do chlèireach a' bhaile an sluagh a shocrachadh, thuirt e, “Fheara Ephesuis, cò a th' ann dha nach aithne gur e Ephesus a tha na gleidheadair‑teampaill do dh'Artemis mhòr, agus dhen ìomhaigh naoimh a thuit a‑nuas o nèamh? 36Mar sin seach nach urrainn na rudan seo a bhith air an àicheadh, bu chòir dhuibh a bhith sàmhach agus gun rud sam bith bras a dhèanamh. 37Oir tha sibh air na daoine seo a thoirt an seo nach eil nam mèirlich teampaill no nach eil a' toirt toibheim dhar ban‑dia. 38Mar sin, ma tha gearan aig Demetrius agus aig an luchd‑ciùird an aghaidh neach sam bith, tha na cùirtean fosgailte agus tha uachdaran ann. Thoireadh iad casaidean an aghaidh càch‑a‑chèile. 39Ach ma tha sibh a' sireadh dad a bharrachd, bidh e air a rèiteachadh sa cho‑chruinneachadh laghail. 40Oir tha sinn ann an cunnart a bhith air ar cur fo chasaid aimhreit an‑diugh, oir chan urrainn dhuinn adhbhar a thoirt seachad airson a' chruinneachaidh mhì‑rianail seo.” 41Agus nuair a thuirt e na rudan seo, chuir e air falbh an co‑chruinneachadh.
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024