Skip to content

2 Tesalònianaich 2

2
Fear an Lagh‑Dhiùltaidh
1A‑nis tha sinn ag iarraidh oirbh a bhràithrean, a thaobh tighinn ar Tighearna Ìosa Crìosd, agus ar cruinneachadh thuige, 2nach bi sibh ro luath air ur crathadh o ur n‑inntinn, no air ur clisgeadh, biodh e le spiorad no le facal no le litir, mar gum biodh i uainne, mar gun robh latha an Tighearna air tighinn. 3Na biodh neach agaibh air a mhealladh ann an dòigh sam bith, oir cha tig e mura tig an t‑àicheadh‑creideamh an toiseach, agus mura tèid an duine lagh‑dhiùltach – mac an sgrios – a nochdadh; 4esan a shuidhicheas e fhèin an aghaidh agus a dh'àrdaicheas e fhèin os cionn a h‑uile nì a thèid ainmeachadh mar dhia no mar chuspair adhraidh, air chor 's gun suidh e e fhèin ann an teampall Dhè, a' cumail a‑mach gur esan Dia.
5Nach eil cuimhne agaibh, fhad 's a bha mi còmhla ribh, gun robh mi ag innse nan rudan seo dhuibh? 6Agus a‑nis 's aithne dhuibh dè a tha ga chumail air ais, gus am bi e air a nochdadh na àm fhèin. 7Oir tha dìomhaireachd an lagh‑dhiùltaidh mu thràth ag obair, ach am fear a tha ga chumail a‑nis, nì e sin gus an tèid a thoirt às an rathad. 8Agus an uair sin thèid fear an lagh‑dhiùltaidh fhoillseachadh, agus marbhaidh an Tighearna Ìosa e le anail a bheòil, agus sgriosaidh e le sealladh a thighinn fhèin e, 9esan a tha a' tighinn a rèir obrachadh Shàtain, leis a h‑uile seòrsa cumhachd is comharra is mìorbhail bhreugach, 10agus leis a h‑uile mealladh mì‑fhìreanta dhan fheadhainn a tha gan sgrios, a chionn 's nach do ghabh iad ri gràdh na fìrinne, airson an sàbhaladh. 11Agus air sgàth sin cuiridh Dia thuca mealladh èifeachdach gus an creid iad a' bhreug. 12Airson 's gun deigheadh breith a thoirt orrasan uile nach do chreid an fhìrinn, ach a ghabh tlachd ann an eucoir.
Seasaibh gu Daingeann
13Ach bu chòir dhuinne taing a thoirt do Dhia an‑còmhnaidh dhar taobh‑se, a bhràithrean ghràdhaichte leis an Tighearna, oir thagh Dia sibh mar chiad‑thoradh, airson sàbhalaidh ann an naomhachadh an Spioraid agus creideimh san fhìrinn, 14dhan do ghairm e sibh cuideachd, tron t‑soisgeul againne, airson glòir ar Tighearna Ìosa Crìosd a shealbhachadh. 15Mar sin a‑nis a bhràithrean, seasaibh daingeann agus gleidhibh na rudan sin a chaidh a theagasg dhuibh, ged a bhiodh sin le aithris no le litir uainne.
16A‑nis, ar Tighearna fhèin, Ìosa Crìosd, agus Dia ar n‑Athair, a ghràdhaich sinn agus a thug cofhurtachd shìorraidh is dòchas math dhuinn tro ghràs, 17misnicheadh e ur cridheachan agus stèidhicheadh e sinn sa h‑uile h‑obair is facal math.