YouVersion Logo
Search Icon

Ròmanaich 9

9
1Tha mi a’ labhairt na fìrinn ann an Crìosd, chan eil mi a’ dèanamh brèige (air a bhith dom chogais a’ dèanamh fianais dhomh anns an Spiorad Naomh),
2Gu bheil doilgheas mòr orm, agus cràdh air mo chridhe an còmhnaidh.
3Oir ghuidhinn mi fhèin a bhith dealaichte o Chrìosd, airson mo bhràithrean, mo luchd-dàimh a‑thaobh na feòla:
4A tha nan Israelich; dom buin an uchd-mhacachd, agus a’ ghlòir, agus na coicheangail, agus tabhairt an lagha, agus seirbhis Dhè, agus na geallaidhean;
5Dom buin na h‑athraichean, agus o a bheil Crìosd a‑thaobh na feòla, neach as e Dia os cionn nan uile, beannaichte gu sìorraidh. Amen.
6Chan e gu bheil facal Dhè gun èifeachd. Oir chan Israelich iadsan uile a tha o Israel:
7Agus cha mhò do bhrìgh gur sliochd do Abrahàm iad, a tha iad uile nan cloinn: ach, Ann an Isaac ainmichear do shìol.
8Is e sin ri ràdh, Chan iad clann na feòla clann Dhè: ach is iad clann a’ gheallaidh a mheasar mar shìol.
9Oir is e seo facal a’ gheallaidh, A rèir an àma seo thig mi, agus bidh mac aig Sàra.
10Agus chan e a‑mhàin seo, ach Rebeca mar an ceudna nuair a rinneadh torrach i o aon, eadhon Isaac ar n‑athair-ne;
11(Oir mun do rugadh na naoidheanan, agus mun do rinn iad math no olc, a‑chum gum biodh rùn Dhè a rèir an taghaidh seasmhach, chan ann o obraichean, ach on tì a ghairmeas;)
12Thubhairteadh rithe, Nì an neach as sine seirbhis don neach as òige.
13A rèir mar a tha e sgrìobhte, Ghràdhaich mi Iàcob, ach dh’fhuathaich mi Esau.
14Ciod a their sinn, matà? A bheil eucoir maille ri Dia? Nar leigeadh Dia.
15Oir tha e ag ràdh ri Maois, Nì mi tròcair air an neach air an dèan mi tròcair, agus gabhaidh mi truas den neach den gabh mi truas.
16Uime sin chan ann on tì leis an àill, no on tì a ruitheas, ach o Dhia a nì tròcair.
17Oir tha an sgriobtar ag ràdh ri Phàraoh, Is ann a‑chum na crìche seo fhèin a thog mi suas thu, a‑chum gum foillsichinn mo chumhachd annad, agus a‑chum gum biodh m’ainm iomraiteach air feadh na talmhainn uile.
18Uime sin nì e tròcair air an tì as àill leis, agus an tì as àill leis cruadhaichidh e.
19Their thu, matà, rium, Carson a tha e mas eadh a’ faghail croin? Oir cò a chuir an aghaidh a thoile?
20Chan eadh ach, O dhuine, cò thusa a tha a’ tagradh an aghaidh Dhè? An abair an nì a chumadh ris an tì a chùm e, Carson a rinn thu mi mar seo?
21Nach eil cumhachd aig a’ chreadhadair air a’ chriadh, ionnas gun dèanadh e den aon mheall aon soitheach a‑chum urraim, agus soitheach eile a‑chum eas-urraim?
22Ciod mas e, air a bhith do Dhia toileach a fhearg a nochdadh, agus a chumhachd a dhèanamh aithnichte, gun d’fhuiling e le mòr fhad-fhulangas soithichean na feirge air an ullachadh a‑chum sgrios:
23Agus a‑chum gun dèanadh e aithnichte saoibhreas a ghlòire air soithichean na tròcair, a dh’ullaich e ro‑làimh a‑chum glòire,
24Eadhon sinne a ghairm e, chan e a‑mhàin de na h‑Iùdhaich, ach mar an ceudna de na Cinnich?
25Mar a tha e ag ràdh mar an ceudna ann an Hosèa, Goiridh mi mo phoball dhiubhsan nach robh nam poball dhomh; agus bean ghràdhach dhithse nach robh gràdhach.
26Agus tàrlaidh, anns an ionad anns an dubhairteadh riu, Cha sibh mo phoball-sa; an sin gun goirear clann an Dè bheò dhiubh.
27Tha Esaias mar an ceudna ag èigheach mu thimcheall Israeil, Ged tha àireamh chloinn Israeil mar ghaineamh na fairge, is fuidheall a thèarnar.
28Oir crìochnaichidh e an obair, agus gearraidh e goirid i ann an ceartas: do bhrìgh gun dèan an Tighearna obair ghoirid air an talamh.
29Agus mar a thubhairt Esaias roimhe, Mura fàgadh Tighearna nan sluagh sìol againn, dhèante sinn mar Shòdom, agus bhitheamaid cosmhail ri Gomorrah.
30Ciod a their sinn mas eadh? Gun do ràinig na Cinnich, nach robh a’ leantainn fìreantachd, air fìreantachd, eadhon an fhìreantachd a tha o chreideamh:
31Ach cha do ràinig Israel, a bha a’ leantainn lagh na fìreantachd, air lagh na fìreantachd.
32Carson? A chionn nach ann o chreideamh, ach mar gum b’ann o obraichean an lagha a dh’iarr iad i: oir thuislich iad air a’ chloich-thuislidh sin;
33Mar a tha e sgrìobhte, Feuch, cuiream ann an Sion clach-thuislidh, agus carraig oilbheim: agus gach neach a chreideas annsan, cha chuirear gu nàire e.

Currently Selected:

Ròmanaich 9: ABG1992

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in