Ròmanaich 6
6
1Ciod, matà, a their sinn? Am buanaich sinn anns a’ pheacadh, a‑chum gum meudaichear gràs?
2Nar leigeadh Dia: cionnas a dh’fhaodas sinne, a tha marbh don pheacadh, ar beatha a chaitheamh nas fhaide ann?
3Nach eil fhios agaibh, a mheud againn is a bhaisteadh ann an Iosa Crìosd, gun do bhaisteadh a‑chum a bhàis sinn?
4Air an adhbhar sin dh’adhlaiceadh sinn maille ris tre an bhaisteadh a‑chum bàis: ionnas mar a thogadh Crìosd suas o na mairbh le glòir an Athar, mar sin gun gluaiseamaid-ne mar an ceudna ann an nuadhachd beatha.
5Oir ma chaidh ar suidheachadh maraon ann an coslas a bhàis, bidh sinn mar an ceudna air ar suidheachadh ann an coslas a aiseirigh.
6Air fhios seo a bhith againn, gu bheil ar seann duine air a cheusadh maille ris, ionnas gum biodh corp a’ pheacaidh air a sgrios, a‑chum à seo suas nach dèanamaid seirbhis don pheacadh.
7Oir an tì a fhuair bàs, rinneadh saor e on pheacadh.
8A‑nis ma fhuair sinn bàs maille ri Crìosd, tha sinn a’ creidsinn gum bi sinn beò maille ris mar an ceudna:
9Air dhuinn fios a bhith againn air do Chrìosd èirigh o na mairbh, nach bàsaich e nas mò; chan eil tighearnas aig a’ bhàs nas mò air.
10Oir a mheud is gun d’fhuair e bàs, is ann don pheacadh a fhuair e bàs aon uair a‑mhàin: ach a mheud is gu bheil e beò, is ann do Dhia a tha e beò.
11Mar sin mar an ceudna measaibh-se gu bheil sibh fhèin gu deimhinn marbh don pheacadh, ach beò do Dhia tre Iosa Crìosd ar Tighearna.
12Air an adhbhar sin na rìoghaicheadh am peacadh nur corp bàsmhor, air chor is gun tugadh sibh ùmhlachd dha na ana-miannan.
13Agus na tugaibh ur buill nan airm euceirt don pheacadh: ach thugaibh sibh fhèin do Dhia, mar dhream a tha beò o na mairbh, agus ur buill nan airm fìreantachd do Dhia.
14Oir cha bhi aig a’ pheacadh tighearnas oirbh: oir chan eil sibh fon lagh, ach fo ghràs.
15Ciod uime sin? Am peacaich sinn, do bhrìgh nach eil sinn fon lagh, ach fo ghràs? Nar leigeadh Dia.
16Nach eil fhios agaibh, an tì don toir sibh sibh fhèin mar sheirbhisich a‑chum ùmhlachd, gur seirbhisich sibh don tì don dèan sibh ùmhlachd; mas ann don pheacadh a‑chum bàis, no do ùmhlachd a‑chum fìreantachd?
17Ach buidheachas do Dhia, an dèidh dhuibh a bhith nur seirbhisich don pheacadh, gun tug sibh o ur cridhe ùmhlachd don chumadh teagaisg sin don tugadh sibh thairis.
18Air dhuibh, matà, a bhith air ur dèanamh saor on pheacadh, rinn sibh seirbhis don fhìreantachd.
19Tha mi a’ labhairt mar dhuine, airson anfhainneachd ur feòla-se: oir mar a thug sibh ur buill mar sheirbhisich do neòghlaine, agus do euceart a‑chum euceirt, amhail sin a‑nis thugaibh ur buill mar sheirbhisich don fhìreantachd, a‑chum naomhachd.
20Oir nuair a bha sibh nur seirbhisich don pheacadh, bha sibh saor on fhìreantachd.
21Air an adhbhar sin ciod an toradh a bha agaibh an sin anns na nithean sin a tha a‑nis a’ cur nàire oirbh? Oir is e crìoch nan nithean sin am bàs.
22Ach a‑nis air dhuibh a bhith saor on pheacadh, agus nur seirbhisich do Dhia, tha ur toradh agaibh a‑chum naomhachd, agus a’ chrìoch a’ bheatha mhaireannach.
23Oir is e tuarasdal a’ pheacaidh am bàs: ach is e saor-thìodhlac Dhè a’ bheatha mhaireannach, tre Iosa Crìosd ar Tighearna.
Currently Selected:
Ròmanaich 6: ABG1992
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017