Ròmanaich 4
4
1Ciod, matà, a their sinn a fhuair ar n‑athair Abrahàm a rèir na feòla?
2Oir ma dh’fhìreanaicheadh Abrahàm le obraichean, tha adhbhar uaill aige, ach chan ann a‑thaobh Dhè.
3Oir ciod a tha an sgriobtar ag ràdh? Chreid Abrahàm Dia, agus mheasadh sin dha mar fhìreantachd.
4A‑nis don tì a nì obair chan ann mar ghean-math a mheasar an tuarasdal, ach mar fhiachan.
5Ach don tì nach dèan obair, ach a tha a’ creidsinn anns an tì a dh’fhìreanaicheas an duine mì‑dhiadhaidh, measar a chreideamh mar fhìreantachd.
6Amhail mar a tha Daibhidh a’ cur an cèill beannachadh an duine sin dom meas Dia fìreantachd as eugmhais obrach, ag ràdh,
7Is beannaichte iadsan a fhuair maitheanas nan euceartan, agus aig a bheil am peacaidhean air am falach.
8Is beannaichte an tì nach cuir an Tighearna peacadh as a leth.
9A bheil, matà, am beannachadh seo a’ teachd air an timcheall-ghearradh a‑mhàin, no mar an ceudna air an neo-thimcheall-ghearradh? Oir tha sinn ag ràdh gun do mheasadh creideamh do Abrahàm mar fhìreantachd.
10Cionnas, matà, a mheasadh dha e? An ann an uair a bha e anns an timcheall-ghearradh, no anns an neo-thimcheall-ghearradh? Chan ann anns an timcheall-ghearradh, ach anns an neo-thimcheall-ghearradh.
11Agus fhuair e comharradh an timcheall-ghearraidh, seula fìreantachd a’ chreidimh a bha aige anns an neo-thimcheall-ghearradh, a‑chum gum biodh e na athair acasan uile anns an neo-thimcheall-ghearradh a tha a’ creidsinn, a‑chum gum biodh fìreantachd air a meas dhaibhsan mar an ceudna:
12Agus na athair an timcheall-ghearraidh dhaibhsan nach eil a‑mhàin den timcheall-ghearradh, ach mar an ceudna a tha ag imeachd ann an ceuman creideamh ar n‑athar Abrahàm, a bha aige anns an neo-thimcheall-ghearradh.
13Oir cha b’ann tre an lagh a thugadh an gealladh do Abrahàm no da shìol, gum biodh e na oighre air an t‑saoghal, ach tre fhìreantachd a’ chreidimh.
14Oir ma tha iadsan a bhuineas don lagh nan oighreachan, tha creideamh air a dhèanamh dìomhain, agus an gealladh gun bhrìgh:
15A chionn gu bheil an lagh ag obrachadh feirge: oir far nach eil lagh, chan eil an sin briseadh lagha.
16Uime sin is ann o chreideamh a tha an oighreachd, ionnas gum biodh i tre ghràs: a‑chum gum biodh an gealladh daingeann don t‑sìol uile, chan ann a‑mhàin dhaibhsan a bhuineas don lagh, ach mar an ceudna dhaibhsan a bhuineas do chreideamh Abrahàim, neach as e ar n‑athair-ne uile,
17(A rèir mar a tha e sgrìobhte, Dh’òrdaich mi thu ad athair mòran chinneach), na làthair-san anns an do chreid e, eadhon Dia, a tha a’ beothachadh nam marbh, agus a tha a’ gairm nan nithean sin nach eil idir ann mar gum biodh iad ann:
18Neach an aghaidh dòchais a chreid ann an dòchas, a‑chum gum biodh e na athair mòran chinneach; a rèir mar a thubhairteadh, Mar seo bidh do shliochd.
19Agus air dha gun a bhith anfhann ann an creideamh, cha do chuir e an suim gu robh a chorp fhèin a‑nis marbh, air dha a bhith timcheall ceud bliadhna a dh’aois, no mairbhe brù Shàra:
20Agus cha do chuir e an amharas gealladh Dhè le mì‑chreideamh; ach bha e làidir ann an creideamh, a’ toirt glòire do Dhia:
21Agus bha làn-chinnt aige, an tì a thug an gealladh, gur comasach e air a choileanadh.
22Agus uime sin mheasadh seo dha mar fhìreantachd.
23A‑nis cha b’ann air a shon-san a‑mhàin a sgrìobhadh, gun do mheasadh seo dha;
24Ach air ar son-ne mar an ceudna dom measar e, ma chreideas sinn annsan a thog suas Iosa ar Tighearna o na mairbh,
25A thugadh thairis airson ar cionta, agus a thogadh suas a‑rìs airson ar fìreanachaidh.
Currently Selected:
Ròmanaich 4: ABG1992
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017