YouVersion Logo
Search Icon

Ròmanaich 15

15
1Uime sin is còir dhuinne a tha làidir giùlan le anfhainneachd na muinntir sin a tha lag, agus gun sinn fhèin a thoileachadh.
2Toilicheadh gach aon againn a choimhearsnach gu a mhath a‑chum a thogail suas.
3Oir cha do thoilich eadhon Crìosd e fhèin; ach a rèir mar a tha e sgrìobhte, Thuit toibheum na muinntir sin a thug toibheum dhut ormsa.
4Oir ge bè nithean air bith a sgrìobhadh roimhe seo, is ann a‑chum ar teagaisg-ne a sgrìobhadh iad; a‑chum tre fhoighidinn agus chomhfhurtachd nan sgriobtar gum biodh dòchas againne.
5A‑nis gun tugadh Dia na foighidinn agus na comhfhurtachd dhuibhse a bhith a dh’aon inntinn a‑thaobh a chèile, a rèir Iosa Crìosd:
6A‑chum gun tugadh sibh a dh’aon inntinn, agus le aon bheul, glòir do Dhia, eadhon Athair an Tighearna Iosa Crìosd.
7Uime sin gabhaibh-se ri chèile, eadhon mar a ghabh Crìosd rinne, a‑chum glòir Dhè.
8A‑nis tha mi ag ràdh, gu robh Iosa Crìosd na mhinistear an timcheall-ghearraidh airson fìrinn Dhè, a‑chum na geallaidhean a rinneadh do na h‑athraichean a dhaingneachadh:
9Agus a‑chum gun tugadh na Cinnich glòir do Dhia airson a thròcair: a rèir mar a tha e sgrìobhte, Air an adhbhar seo aidichidh mi thu am measg nan Cinneach, agus seinnidh mi ceòl dod ainm.
10Agus a‑rìs tha e ag ràdh, Dèanaibh gàirdeachas, a Chinneacha, maille ri a phoball-san.
11Agus a‑rìs, Molaibh an Tighearna, a Chinneacha uile, agus thugaibh cliù dha, a shlòigh uile.
12Agus a‑rìs tha Esaias ag ràdh, Bidh freumh Iese ann, agus an tì a dh’èireas suas a‑chum uachdaranachd a bhith aige air na Cinnich, annsan cuiridh na Cinnich an dòchas.
13A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.
14Agus tha cinnt agamsa fhèin dur taobh-se, mo bhràithrean, gu bheil sibh làn de mhaitheas, air ur lìonadh leis an uile eòlas, agus comasach mar an ceudna air a chèile a chomhairleachadh.
15Gidheadh, a bhràithrean, sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh leis an tuilleadh dànadais, an càil-eigin, mar gun cuirinn an cuimhne sibh, airson a’ ghràis a thugadh dhòmhsa le Dia,
16Ionnas gum bithinn am mhinistear aig Iosa Crìosd do na Cinnich, a’ frithealadh soisgeul Dhè, a‑chum gum biodh tabhartas nan Cinneach taitneach, air a naomhachadh leis an Spiorad Naomh.
17Uime sin tha adhbhar uaill agam tre Iosa Crìosd, anns na nithean sin a bhuineas do Dhia.
18Oir cha bhi dànachd agam labhairt air a’ bheag de na nithean sin, nach d’obraich Crìosd leam, a‑chum na Cinnich a dhèanamh umhail ann am facal agus ann an gnìomh,
19Le cumhachd chomharraidhean agus mhìorbhailean, le cumhachd Spiorad Dhè; ionnas o Ierusalem agus mun cuairt gu Iliricum, gun do làn-shearmonaich mi soisgeul Chrìosd.
20Seadh, mar sin bha ro‑dhèidh agam air an soisgeul a shearmonachadh, chan ann anns an ionad anns an robh Crìosd air ainmeachadh, a‑chum nach togainn air bunait neach eile:
21Ach a rèir mar a tha e sgrìobhte, Chì iadsan ris nach do labhradh uime; agus tuigidh iadsan nach cuala.
22Uime sin mar an ceudna chuireadh gu minig bacadh orm o theachd dur n‑ionnsaigh-se.
23Ach a‑nis do bhrìgh nach eil agam ionad nas mò anns na crìochan seo, agus gu bheil mòr-thogradh agam o chionn mòran bhliadhnachan teachd dur n‑ionnsaigh-se;
24Ge bè uair a thriallas mi don Spàin, thig mi dur n‑ionnsaigh; oir tha dùil agam sibhse fhaicinn anns an dol seachad, agus a bhith air mo thoirt air m’aghaidh leibh a‑chum an ionaid sin, ma bhios mi air tùs an càil-eigin air mo lìonadh le ur co‑luadar-se.
25Ach a‑nis tha mi a’ dol gu Ierusalem, a fhrithealadh do na naoimh.
26Oir bu toil leòsan ann am Macedònia, agus ann an Achaia, co‑roinn àraidh a dhèanamh ris na naoimh bhochda a tha ann an Ierusalem.
27Bu toil leo gu deimhinn, agus tha iad fo fhiachan dhaibh. Oir ma rinneadh na Cinnich nan luchd-compàirt den nithean spioradail-san, is còir dhaibh ministrealachd a dhèanamh dhaibhsan anns na nithean a bhuineas don cholainn.
28Uime sin air dhomh seo a chrìochnachadh, agus nuair a sheulaicheas mi an toradh seo dhaibh, gabhaidh mi an rathad agaibhse don Spàin.
29Agus tha fhios agam, air dhomh teachd dur n‑ionnsaigh, gun tig mi ann an lànachd beannachadh soisgeul Chrìosd.
30A‑nis guidheam oirbh, a bhràithrean, air sgàth an Tighearna Iosa Crìosd, agus air sgàth gràdh an Spioraid, gun dèan sibh gleac maille riumsa ann an ùrnaighean air mo shon ri Dia;
31A‑chum gun saorar mi uapasan nach eil a’ creidsinn ann an Iudèa; agus a‑chum gum bi mo sheirbhis airson Ierusaleim taitneach do na naoimh:
32A‑chum gun tig mi dur n‑ionnsaigh-se le aoibhneas tre thoil Dhè, agus gum faigh mi suaimhneas maille ribh.
33A‑nis gu robh Dia na sìthe maille ribh uile. Amen.

Currently Selected:

Ròmanaich 15: ABG1992

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in