Ròmanaich 13
13
1Biodh gach anam umhail do na h‑àrd-chumhachdan. Oir chan eil cumhachd ann ach o Dhia: agus na cumhachdan a tha ann, is ann le Dia a dh’òrdaicheadh iad.
2Air an adhbhar sin, ge bè air bith a chuireas an aghaidh a’ chumhachd, tha e cur an aghaidh òrdagh Dhè: agus iadsan a chuireas na aghaidh, gheibh iad breitheanas dhaibh fhèin.
3Oir chan eil uachdarain nan adhbhar eagail do dheagh obraichean, ach do dhroch obraichean. Uime sin, am miann leat a bhith gun eagal an uachdarain ort? Dèan am math, agus gheibh thu cliù uaithe.
4Oir is esan seirbhiseach Dhè a‑chum maith dhut. Ach ma nì thu an t‑olc, biodh eagal ort; oir chan ann gu dìomhain a tha e a’ giùlan a’ chlaidheimh: oir is e seirbhiseach Dhè e, na dhìoghaltair feirge air an tì a nì olc.
5Uime sin is èiginn a bhith umhail, chan ann a‑mhàin airson feirge, ach mar an ceudna airson cogais.
6Oir, air an adhbhar seo, tha sibh mar an ceudna a’ toirt cìse dhaibh: oir is iad seirbhisich Dhè iad, a’ sìor-fheitheamh air an nì seo fhèin.
7Air an adhbhar sin thugaibh do na h‑uile an dlighe fhèin: càin dhàsan don dlighear càin, cìs dhàsan don dlighear cìs, eagal dhàsan don dlighear eagal, agus urram dhàsan don dlighear urram.
8Na biodh fiachan sam bith aig aon neach oirbh, ach a‑mhàin a chèile a ghràdhachadh: oir an tì aig a bheil gràdh do neach eile, choilean e an lagh.
9Oir an nì seo, Na dèan adhaltranas, Na dèan mort, Na goid, Na dèan fianais bhrèige, Na sanntaich; agus ma tha àithne sam bith eile ann, tha i air a cur sìos gu h‑aithghearr fon fhacal seo, Gràdhaich do choimhearsnach mar thu fhèin.
10Cha dèan gràdh lochd do choimhearsnach: air an adhbhar sin is e an gràdh coileanadh an lagha.
11Agus seo, air dhuibh fios na h‑aimsir a bhith agaibh, gur mithich dhuinn a‑nis mosgladh o chadal, oir tha ar slàinte a‑nis nas fhaisge na nuair a chreid sinn.
12Tha cuid mhòr den oidhche air dol seachad, tha an là am fagas: uime sin cuireamaid dhinn obraichean an dorchadais, agus cuireamaid umainn armachd an t‑solais.
13Gluaiseamaid gu cubhaidh, mar anns an là; chan ann an raoidhteireachd agus am misg, no an seòmradaireachd agus am macnas, no an aisith agus am farmad:
14Ach cuiribh umaibh an Tighearna Iosa Crìosd, agus na dèanaibh ullachadh airson na feòla, a‑chum a h‑ana-miannan a riarachadh.
Currently Selected:
Ròmanaich 13: ABG1992
Highlight
Share
Compare
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017