YouVersion Logo
Search Icon

Ròmanaich 11

11
1Tha mi ag ràdh mas eadh, An do thilg Dia a phoball uaithe? Nar leigeadh Dia. Oir is Israeleach mise fhèin mar an ceudna, de shliochd Abrahàim, de threubh Bheniàmin.
2Cha do thilg Dia uaithe a phoball a ro‑aithnich e. Nach eil fhios agaibh ciod a tha an sgriobtar ag ràdh mu Elias, cionnas a tha e a’ casaid ri Dia an aghaidh Israeil, ag ràdh,
3A Thighearna, mharbh iad d’fhàidhean, agus leag iad sìos d’altairean; agus dh’fhàgadh mise am aonar, agus tha iad ag iarraidh m’anama?
4Ach ciod a tha freagradh Dhè ag ràdh ris? Dh’fhàg mi dhomh fhèin seachd mìle fear, nach do lùb an glùn do dhealbh Bhàail.
5Agus mar sin mar an ceudna tha anns an àm seo an làthair fuidheall a rèir taghadh a’ ghràis.
6Agus mas ann tre ghràs, chan ann o obraichean nas mò; no cha ghràs gràs nas mò. Ach mas ann o obraichean, chan ann o ghràs à sin suas: no chan obair à sin suas obair.
7Ciod mas eadh? An nì sin a tha Israel ag iarraidh, cha do ràinig e air; ach ràinig an taghadh air, agus chaidh a’ chuid eile a dhalladh:
8Mar a tha e sgrìobhte, Thug Dia dhaibh spiorad suaine, sùilean a‑chum nach faiceadh iad, agus cluasan a‑chum nach cluinneadh iad, gus an là‑an‑diugh.
9Agus tha Daibhidh, ag ràdh, Biodh am bòrd mar ribe, agus mar inneal-glacaidh, agus mar cheap-tuislidh, agus mar dhìol-thuarasdail dhaibh:
10Biodh an sùilean air an dorchachadh, a‑chum nach faic iad; agus crom-sa an druim an còmhnaidh.
11Tha mi ag ràdh uime sin, An do thuislich iad ionnas gun tuiteadh iad? Nar leigeadh Dia: ach tre an tuiteam-san tha slàinte air teachd a‑chum nan Cinneach, a‑chum iadsan a bhrosnachadh gu eud.
12Mas e an tuiteam-san saoibhreas an domhain, agus an lùghdachadh saoibhreas nan Cinneach, cia as mò na sin a bhios an lànachd?
13Oir is ann ribhse a tha mi a’ labhairt, a Chinneacha; do bhrìgh gur mi abstol nan Cinneach, tha mi a’ toirt urraim dom dhreuchd:
14Ma dh’fhaodas mi air chor sam bith mo cho-fheòil a bhrosnachadh gu eud, agus gun tèarainn mi dream àraidh dhiubh.
15Oir mas e an tilgeadh-san air falbh rèiteachadh an domhain, ciod e an ath-ghabhail ach beatha o na mairbh?
16Oir ma tha an ciad-thoradh naomh, tha am meall naomh mar an ceudna: agus ma tha an fhreumh naomh, tha na geugan mar sin mar an ceudna.
17Agus ma tha cuid de na geugan air am briseadh dheth, agus gu bheil thusa, a bha ad chrann-ola fiadhaich, air do shuidheachadh nam measg, agus maille riu a’ faotainn compàirt de fhreumh agus de reamhrachd a’ chroinn-ola;
18Na dèan uaill an aghaidh nan geug: ach ma nì thu uaill nan aghaidh, cha tusa a dh’iomchaireas an fhreumh, ach an fhreumh thusa.
19Their thu uime sin, Bhriseadh dheth na geugan, a‑chum gun suidhichte mise nan àite.
20Ro‑mhath; airson am mì‑chreidimh bhriseadh iadsan dheth, agus tha thusa a’ seasamh tre chreideamh. Na bi àrd-inntinneach, ach fo eagal.
21Oir mura do chaomhain Dia na geugan nàdarra, biodh eagal ort nach caomhain e thusa nas mò.
22Feuch uime sin maitheas agus geur-cheartas Dhè: geur-cheartas dan taobh-san a thuit; ach dod thaobh-sa, maitheas, ma bhuanaicheas tu na mhaitheas; agus mura buanaich, gearrar dheth thusa mar an ceudna.
23Agus suidhichear iadsan mar an ceudna, mura buanaich iad nam mì‑chreideamh: oir tha Dia comasach air an suidheachadh a‑rìs.
24Oir ma ghearradh thusa as a’ chrann-ola a bha fiadhaich a‑thaobh nàdair, agus gun do shuidhicheadh ann an deagh chrann-ola thu an aghaidh nàdair, cia mòr as mò na sin a shuidhichear na geugan nàdarra nan crann-ola fhèin?
25Oir cha b’àill leam, a bhràithrean, sibhse a bhith aineolach air an rùn-diamhair seo (a‑chum nach biodh sibh glic nur barail fhèin), gun do thàrladh doille ann an cuid do Israel, gus an tig iomlanachd nan Cinneach a‑steach.
26Agus mar sin bidh Israel uile air an tèarnadh: mar a tha e sgrìobhte, Thig am Fear-saoraidh o Shion, agus tionndaidhidh e mì‑dhiadhachd o Iàcob:
27Oir is e seo mo choicheangal riu, nuair a bheir mi air falbh am peacaidhean.
28A‑thaobh an t‑soisgeil, is naimhdean iad air ur son-se: ach a‑thaobh an taghaidh, tha iad gràdhaichte air sgàth nan athraichean.
29Oir tha tìodhlacan agus gairm Dhè gun aithreachas.
30Oir mar a bha sibhse roimhe seo eas-umhail do Dhia, ach a‑nis a fhuair sibh tròcair tre am mì‑chreideamh-san:
31Amhail sin tha iadsan anns an àm seo eas-umhail, a‑chum tre ur tròcair-se gum faigh iadsan tròcair mar an ceudna.
32Oir dhruid Dia iad uile ann am mì‑chreideamh, a‑chum tròcair a dhèanamh air na h‑uile.
33O, doimhne saoibhreas araon gliocas agus eòlas Dhè! Cia do‑rannsachaidh a bhreitheanais, agus do‑lorgachaidh a shlighean!
34Oir cò aig an robh fios inntinn an Tighearna, no cò a bu chomhairleach dha?
35No cò a thug dha air tùs, agus a làn-dìolar a‑rìs dha e?
36Oir is ann uaithesan, agus trìd-san, agus air a shon-san a tha na h‑uile nithean: dhàsan gu robh glòir gu sìorraidh. Amen.

Currently Selected:

Ròmanaich 11: ABG1992

Highlight

Share

Compare

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in