Salm 136
ABG1992

Salm 136

136
1O thugaibh buidheachas don Tighearna, oir tha e math, oir gu bràth mairidh a thròcair.
2Thugaibh buidheachas do Dhia nan diathan, oir gu bràth mairidh a thròcair.
3Thugaibh buidheachas do Thighearna nan tighearnan, oir gu bràth mairidh a thròcair;
4Dhàsan na aonar a nì iongantasan mòra, oir gu bràth mairidh a thròcair;
5Dhàsan a rinn na nèamhan le gliocas, oir gu bràth mairidh a thròcair;
6Dhàsan a shìn an talamh os cionn nan uisgeachan, oir gu bràth mairidh a thròcair;
7Dhàsan a rinn solais mhòra, oir gu bràth mairidh a thròcair;
8A’ ghrian a riaghladh an là, oir gu bràth mairidh a thròcair;
9A’ ghealach agus na reultan a riaghladh na h‑oidhche, oir gu bràth mairidh a thròcair;
10Dhàsan a bhuail na h‑Eiphitich nan ciad-ghinean, oir gu bràth mairidh a thròcair;
11Agus a thug a‑mach Israel as am meadhon, oir gu bràth mairidh a thròcair;
12Le làimh thrèin, agus le gàirdean sìnte a‑mach, oir gu bràth mairidh a thròcair;
13Dhàsan a roinn a’ mhuir ruadh na roinnean, oir gu bràth mairidh a thròcair;
14Agus a thug air Israel dol tro a meadhon, oir gu bràth mairidh a thròcair;
15Ach a thilg Phàraoh agus a armailt bun-os‑cionn anns a’ mhuir ruaidh, oir gu bràth mairidh a thròcair.
16Dhàsan a threòraich a shluagh tron fhàsach, oir gu bràth mairidh a thròcair;
17Dhàsan a bhuail rìghrean mòra, oir gu bràth mairidh a thròcair;
18Agus a mharbh rìghrean treuna, oir gu bràth mairidh a thròcair;
19Sihon rìgh nan Amorach, oir gu bràth mairidh a thròcair;
20Agus Og rìgh Bhasain, oir gu bràth mairidh a thròcair;
21Agus a thug am fearann mar oighreachd, oir gu bràth mairidh a thròcair;
22Mar oighreachd do Israel, a òglach fhèin, oir gu bràth mairidh a thròcair;
23A chuimhnich oirnn nar staid ìosail, oir gu bràth mairidh a thròcair;
24Agus a shaor sinn o ar naimhdean, oir gu bràth mairidh a thròcair;
25A tha a’ tabhairt bìdh do gach feòil, oir gu bràth mairidh a thròcair.
26O thugaibh buidheachas do Dhia nan nèamh, oir gu bràth mairidh a thròcair.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Learn More About Am Bìoball Gàidhlig 1992