YouVersion Logo
Search Icon

Marcus 2

2
1Agus an dèidh làithean àraidh, chaidh e a‑rìs a‑steach do Chapernàum; agus chualas esan a bhith anns an taigh.
2Agus air ball chruinnicheadh mòran an ceann a chèile, air chor is nach robh àit a chumadh iad, eadhon timcheall an dorais: agus labhair e am facal riu.
3Agus thàinig iad, a’ toirt da ionnsaigh neach air an robh a’ phairilis, air a ghiùlan le ceathrar.
4Agus a chionn nach b’urrainn iad teachd am fagas dha leis an t‑sluagh, rùisg iad mullach an taighe anns an robh e: agus air dhaibh a tholladh, leig iad sìos an leabaidh air an robh an neach a bha tinn leis a’ phairilis na laighe.
5Nuair a chunnaic Iosa an creideamh-san, thubhairt e ris an neach air an robh a’ phairilis, A mhic, tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut.
6Ach bha dream àraidh de na sgrìobhaichean nan suidhe an sin, agus iad a’ reusonachadh nan cridheachan fhèin,
7Carson a tha am fear seo a’ labhairt toibheim mar seo? Cò a dh’fhaodas peacaidhean a mhaitheadh ach Dia a‑mhàin?
8Agus air ball, air aithneachadh do Iosa na spiorad fhèin gu robh iadsan a’ reusonachadh mar sin annta fhèin, thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ reusonachadh nan nithean sin nur cridheachan?
9Cia aca as fhasa a ràdh ris an neach air a bheil a’ phairilis, Tha do pheacaidhean air am maitheadh dhut, no a ràdh, Eirich, agus tog do leabaidh, agus imich?
10Ach a‑chum gum bi fhios agaibh gu bheil ùghdarras aig Mac an Duine peacaidhean a mhaitheadh air thalamh (thubhairt e ris an fhear air an robh a’ phairilis),
11Tha mi ag ràdh riut, Eirich, agus tog do leabaidh, agus imich dod thaigh.
12Agus dh’èirich esan air ball, agus thog e an leabaidh agus chaidh e a‑mach nam fianais uile, ionnas gu robh mòr-iongantas orra uile, agus gun do ghlòraich iad Dia, ag ràdh, Chan fhaca sinne riamh a leithid seo.
13Agus chaidh e a‑mach a‑rìs ri taobh na mara; agus thàinig an sluagh uile da ionnsaigh, agus theagaisg e iad.
14Agus a’ dol seachad dha, chunnaic e Lèbhi mac Alphèuis na shuidhe aig àite-togail na cìse, agus thubhairt e ris, Lean mise. Agus dh’èirich e, agus lean e e.
15Agus thàrladh, nuair a shuidh Iosa a‑chum bìdh na thaigh-san, gun do shuidh mòran chìs-mhaor agus pheacach maille ri Iosa agus ra dheisciobail; oir bha mòran ann, agus lean iad e.
16Agus nuair a chunnaic na sgrìobhaichean agus na Pharasaich esan ag ithe maille ri cìs-mhaoir agus ri peacaich, thubhairt iad ra dheisciobail, Carson a tha e ag ithe agus ag òl maille ri cìs-mhaoir agus ri peacaich?
17Agus nuair a chuala Iosa seo, thubhairt e riu, Chan eil feum acasan a tha slàn air an lèigh, ach acasan a tha tinn: cha tàinig mise a ghairm nam fìrean, ach nam peacach a‑chum aithreachais.
18Agus bu ghnàth le deisciobail Eòin agus nam Pharasach a bhith a’ trasgadh: agus thàinig iad, agus thubhairt iad ris, Carson a tha deisciobail Eòin agus nam Pharasach ri trasgadh, agus nach eil do dheisciobail-sa a’ trasgadh?
19Agus thubhairt Iosa riu, A bheil clann seòmar an fhir nuadh-phòsda comasach air trasgadh a dhèanamh, am feadh a bhios am fear nuadh-pòsda maille riu? Am feadh tha am fear nuadh-pòsda aca maille riu, chan fhaod iad trasg a dhèanamh.
20Ach thig na làithean anns an toirear am fear nuadh-pòsda uapa; agus an sin nì iad trasgadh anns na làithean sin.
21Agus chan eil duine sam bith a dh’fhuaigheas mìr de aodach nuadh air seann aodach; no, ma dh’fhuaigheas, buinidh am mìr nuadh, a chuireadh ga lìonadh suas, as an t‑seann aodach, agus nìthear an reubadh nas miosa.
22Agus cha chuir duine air bith fìon nuadh ann an seann searragan; no brisidh am fìon nuadh na searragan, agus dòirtear am fìon, agus caillear na searragan: ach is còir fìon nuadh a chur ann an searragan nuadha.
23Agus thàrladh gun deachaidh e tro na h‑achaidhean arbhair air là na sàbaid; agus thòisich a dheisciobail, ag imeachd dhaibh, ris na diasan arbhair a spìonadh.
24Agus thubhairt na Pharasaich ris, Feuch, carson a tha iad a’ dèanamh an nì nach eil ceadaichte air là na sàbaid?
25Agus thubhairt esan riu, Nach do leugh sibhse riamh ciod a rinn Daibhidh nuair a bha uireasbhaidh air, agus acras air fhèin agus orrasan a bha maille ris?
26Cionnas a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè ann an làithean Abiatair an t‑àrd-shagart, agus a dh’ith e aran na fianais, nach eil ceadaichte do neach air bith ithe, ach do na sagartan, agus a thug e, mar an ceudna, don dream a bha maille ris?
27Agus thubhairt e riu, Dh’òrdaicheadh an t‑sàbaid airson an duine, chan e an duine airson na sàbaid:
28Air an adhbhar sin, is Tighearna Mac an Duine air an t‑sàbaid fhèin.

Currently Selected:

Marcus 2: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy