YouVersion Logo
Search Icon

Mata 8

8
1Agus air teachd a‑nuas on bheinn dha, lean cuideachd mhòr e.
2Agus, feuch, thàinig lobhar, agus rinn e adhradh dha, ag ràdh, A Thighearna, mas àill leat, is comasach thu air mise a ghlanadh.
3Agus shìn Iosa a‑mach a làmh, agus bhean e ris, ag ràdh, Is àill leam; bi thusa glan. Agus air ball bha a luibhre air a glanadh.
4Agus thubhairt Iosa ris, Feuch nach innis thu do dhuine sam bith, ach imich, taisbein thu fhèin don t‑sagart, agus thoir da ionnsaigh an tìodhlac a dh’àithn Maois, mar fhianais dhaibh.
5Agus air dol do Iosa a‑steach do Chapernàum, thàinig da ionnsaigh ceannard-ceud, a’ guidhe air,
6Agus ag ràdh, A Thighearna, tha m’òglach na laighe a‑staigh ann am pairilis, agus air a phianadh gu h‑anabarrach.
7Agus thubhairt Iosa ris, Thèid mise, agus slànaichidh mi e.
8Agus air freagairt don cheannard-ceud, thubhairt e, A Thighearna, chan airidh mise air thusa a theachd a‑steach fom chlèith: ach a‑mhàin abair am facal, agus slànaichear m’òglach.
9Oir is duine mise fhèin a tha fo ùghdarras, aig a bheil saighdearan fodham: agus their mi ris an fhear seo, Imich, agus imichidh e: agus ris an fhear seo eile, Thig, agus thig e: agus rim sheirbhiseach, Dèan seo, agus nì e e.
10Nuair a chuala Iosa seo, ghabh e iongantas, agus thubhairt e ris a’ mhuinntir a lean e, Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh, ann an Israel fhèin nach d’fhuair mi creideamh cho mòr seo.
11Agus tha mi ag ràdh ribh gun tig mòran on àird an ear agus on àird an iar, agus gun suidh iad maille ri Abrahàm, agus Isaac, agus Iàcob, ann an rìoghachd nèimh:
12Ach gun tilgear clann na rìoghachd ann an dorchadas a tha an leth a‑muigh; bidh an sin gul agus gìosgan fhiacal.
13Agus thubhairt Iosa ris a’ cheannard-ceud, Imich romhad, agus biodh e dhut a rèir mar a chreid thu. Agus shlànaicheadh a òglach an uair sin fhèin.
14Agus nuair a thàinig Iosa gu taigh Pheadair, chunnaic e màthair a mhnà na laighe, agus i ann am fiabhras.
15Agus bhean e ra làimh, agus dh’fhàg am fiabhras i: agus dh’èirich i, agus rinn i frithealadh dha.
16Agus nuair a bha am feasgar air teachd, thug iad da ionnsaigh mòran anns an robh deamhain; agus thilg e na spioradan a‑mach le a fhacal, agus shlànaich e iadsan uile a bha easlan:
17A‑chum gun coileante an nì a labhradh le Esaias am fàidh, ag ràdh, Ghabh esan ar n‑anfhainneachdan air fhèin, agus ghiùlain e ar n‑easlaintean.
18Agus nuair a chunnaic Iosa sluagh mòr ma thimcheall, dh’àithn e dol as a sin don taobh eile.
19Agus thàinig sgrìobhaiche àraidh, agus thubhairt e ris, A Mhaighistir, leanaidh mise thu, ge bè taobh a thèid thu.
20Agus thubhairt Iosa ris, Tha tuill aig na sionnaich, agus neadan aig eunlaith an adhair; ach chan eil aig Mac an Duine ionad anns an cuir e a cheann fodha.
21Agus thubhairt fear eile de a dheisciobail ris, A Thighearna, leig dhòmhsa imeachd air tùs agus m’athair adhlacadh.
22Ach thubhairt Iosa ris, Lean mise, agus leig leis na mairbh am mairbh fhèin adhlacadh.
23Agus air dol dhàsan a‑steach do luing, lean a dheisciobail e.
24Agus, feuch, dh’èirich doineann mhòr air an fhairge, ionnas gun d’fhalaich na tuinn an long: ach bha esan na chadal.
25Agus thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, agus dhùisg iad e, ag ràdh, A Thighearna, teasairg sinn: tha sinn caillte.
26Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh fo eagal, sibhse air bheag creidimh? An sin dh’èirich e, agus chronaich e na gaothan agus an fhairge; agus bha ciùine mhòr ann.
27Ach ghabh na daoine iongantas, ag ràdh, Ciod e a’ ghnè dhuine seo, gu bheil na gaothan fhèin agus an fhairge umhail dha?
28Agus air teachd dha don taobh eile, gu tìr na Gergesèneach, thachair dithis dhaoine air anns an robh deamhain, a’ teachd a‑mach as na h‑àitean-adhlaic, agus iad ro‑gharg, ionnas nach faodadh duine sam bith an t‑slighe sin a ghabhail.
29Agus, feuch, ghlaodh iad, ag ràdh, Ciod e ar gnothach-ne riut, Iosa, a Mhic Dhè? An tàinig thu an seo gar pianadh ron àm?
30Agus bha treud mhòr mhuc am fad uapa, ag ionaltradh.
31Agus dh’iarr na deamhain a dh’athchuinge airsan, ag ràdh, Ma thilgeas tu a‑mach sinn, leig dhuinn dol anns an treud mhuc ud.
32Agus thubhairt e riu, Imichibh. Agus air dol a‑mach dhaibh, chaidh iad anns an treud mhuc: agus, feuch, ruith an treud mhuc uile gu dian sìos air ionad corrach don fhairge; agus chailleadh anns na h‑uisgeachan iad.
33Agus theich na buachaillean, agus chaidh iad don bhaile, agus dh’innis iad na nithean seo uile, agus na thachair dhaibhsan anns an robh na deamhain.
34Agus, feuch, chaidh am baile uile a‑mach a choinneachadh Iosa; agus nuair a chunnaic iad e, ghuidh iad air imeachd as an crìochan-san.

Currently Selected:

Mata 8: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy