Mata 27
ABG1992
27
1Air teachd don mhadainn, ghabh uachdarain nan sagart uile, agus seanairean a’ phobaill, comhairle le chèile an aghaidh Iosa, a‑chum a chur gu bàs.
2Agus air dhaibh esan a cheangal, thug iad leo e, agus thug iad thairis e do Phontius Pilat, an t‑uachdaran.
3An sin, nuair a chunnaic Iùdas, a bhrath e, gun do dhìteadh e, ghabh e aithreachas, agus thug e air an ais na deich-buinn-fhichead airgid do na h‑àrd-shagartan, agus do na seanairean,
4Ag ràdh, Pheacaich mi ann am brath na fala neochiontaich. Ach thubhairt iadsan, Ciod e sin dhuinne? Amhairc thusa air a sin.
5Agus air tilgeadh uaithe nam bonn airgid anns an teampall, dh’imich e roimhe, agus chaidh e agus chroch e e fhèin.
6Agus ghlac na h‑àrd-shagartan na buinn airgid, agus thubhairt iad, Cha chòir an cur anns an ionmhas, oir is luach fala iad.
7Agus air gabhail comhairle dhaibh, cheannaich iad leo fearann a’ chreadhadair, a‑chum a bhith na àit-adhlaic do choigrich.
8Air an adhbhar sin goirear den fhearann sin, Fearann na fala, gus an là‑an‑diugh.
9(An sin choileanadh an nì a labhradh le Ieremias am fàidh, ag ràdh, Agus ghabh iad na deich-buinn-fhichead airgid, luach an tì a mheasadh, neach a mheas iadsan a bha de chloinn Israeil.
10Agus thug iad iad airson fearann a’ chreadhadair, mar a dh’òrdaich an Tighearna dhòmhsa.)
11Agus sheas Iosa an làthair an uachdarain: agus dh’fhiosraich an t‑uachdaran dheth, ag ràdh, An tusa Rìgh nan Iùdhach? Agus thubhairt Iosa ris, Thubhairt thu.
12Agus nuair a chuir na h‑àrd-shagartan agus na seanairean cionta as a leth, cha do fhreagair e nì sam bith.
13An sin thubhairt Pilat ris, Nach cluinn thu cia lìon nithean air a bheil iad a’ toirt fianais ad aghaidh?
14Agus cha tug e freagradh dha air aon fhacal; ionnas gun do ghabh an t‑uachdaran iongantas ro‑mhòr.
15A‑nis ri àm na fèille, chleachd an t‑uachdaran aon phrìosanach a b’àill leo a chur fa sgaoil don phoball.
16Agus bha aca, anns an àm sin, prìosanach ro‑chomharraichte, dom b’ainm Barabas.
17Air an adhbhar sin, nuair a bha iad cruinn an ceann a chèile, thubhairt Pilat riu, Cò as àill leibh mise a chur fa sgaoil dhuibh? Barabas, no Iosa, den goirear Crìosd?
18Oir bha fhios aige gum b’ann o fharmad a thug iad thairis e.
19Agus nuair a bha e na shuidhe air cathair a’ bhreitheanais, chuir a bhean teachdaireachd da ionnsaigh, ag ràdh, Na biodh agadsa gnothach sam bith ris an fhìrean sin: oir is mòr a dh’fhuiling mise an‑diugh ann am bruadar air a shon-san.
20Ach chuir na h‑àrd-shagartan agus na seanairean impidh air a’ phoball gun iarradh iad Barabas, agus gum milleadh iad Iosa.
21Agus fhreagair an t‑uachdaran agus thubhairt e riu, Cò den dithis as àill leibh mise a chur fa sgaoil dhuibh? Thubhairt iadsan, Barabas.
22Thubhairt Pilat riu, Ciod mas eadh a nì mi ri Iosa, den goirear Crìosd? Thubhairt iad ris uile, Ceusar e.
23Agus thubhairt an t‑uachdaran, Carson? Ciod an t‑olc a rinn e? Ach is mò gu mòr a ghlaodh iadsan, ag ràdh, Ceusar e.
24Agus nuair a chunnaic Pilat nach do bhuadhaich e a’ bheag sam bith, ach gun d’èirich an tuilleadh buaireis, ghabh e uisge, agus dh’ionnlaid e a làmhan am fianais an t‑sluaigh, ag ràdh, Tha mise neochiontach de fhuil an fhìrein seo; faicibh-se sin.
25Agus fhreagair am poball uile, agus thubhairt iad, Biodh a fhuil oirnne, agus air ar cloinn.
26An sin leig e fa sgaoil Barabas dhaibh: ach air dha Iosa a sgiùrsadh, thug e thairis e a‑chum a cheusadh.
27An sin thug saighdearan an uachdarain leo Iosa do thalla a’ bhreitheanais, agus chruinnich iad a’ bhuidheann uile ma thimcheall.
28Agus air dhaibh a rùsgadh, chuir iad uime fallaing sgàrlaid.
29Agus air dhaibh crùn droighinn fhighe, chuir iad ma cheann e, agus slat chuilce na làimh dheis: agus lùb iad an glùn na làthair, agus rinn iad fanaid air, ag ràdh, Gum beannaichear thu, a Rìgh nan Iùdhach!
30Agus thilg iad smugaid air, agus ghlac iad an t‑slat chuilce, agus bhuail iad anns a’ cheann e.
31Agus an dèidh dhaibh fanaid a dhèanamh air, thug iad an fhallaing dheth, agus chuir iad a aodach fhèin uime, agus thug iad leo e a‑chum a cheusadh.
32Agus nuair a chaidh iad a‑mach, fhuair iad duine o Chirène, dom b’ainm Sìmon: esan cho-èignich iad a‑chum a chrann-ceusaidh-san a ghiùlan.
33Agus nuair a thàinig iad gu ionad don ainm Golgòta, sin ri ràdh, àite claiginn,
34Thug iad dha ri òl fìon-geur, measgte le domblas: agus air dha a bhlasad, chan òladh e e.
35Agus nuair a cheus iad e, roinn iad a thrusgan eatorra, a’ tilgeadh crannchuir: a‑chum gun coileante an nì a labhradh leis an fhàidh, Roinn iad m’aodach eatorra, agus chuir iad crannchur air mo bhrat.
36Agus shuidh iad, agus rinn iad faire air an sin:
37Agus chuir iad a chùis-dhìtidh sgrìobhte os a chionn, IS E SEO IOSA, RIGH NAN IUDHACH.
38An sin cheusadh maille ris dà ghadaiche; fear air a làimh dheis, agus fear eile air a làimh chlì.
39Agus thug iadsan a bha a’ dol seachad toibheum dha, a’ crathadh an ceann,
40Agus ag ràdh, Thusa a leagas an teampall, agus a chuireas suas an trì làithean e, fòir ort fhèin: mas tu Mac Dhè, thig a‑nuas on chrann-cheusaidh.
41Mar an ceudna, thubhairt na h‑àrd-shagartan, maille ris na sgrìobhaichean, agus na seanairean, a’ fanaid air,
42Shaor e daoine eile; e fhèin a shaoradh cha chomasach e: mas e Rìgh Israeil, thigeadh e a‑nis a‑nuas on chrann-cheusaidh, agus creididh sinn e.
43Chuir e a dhòigh ann an Dia; saoradh e a‑nis e, ma tha toil aige dha; oir thubhairt e, Is mise Mac Dhè.
44Agus thug na gadaichean a cheusadh maille ris am beum ceudna dha.
45A‑nis, on t‑siathamh uair bha dorchadas air an tìr uile, gus an naoidheamh uair.
46Agus mu thimcheall na naoidheamh uaire, dh’èigh Iosa le guth àrd, ag ràdh, Eli, Eli, lama sabachtani? Is e sin ri ràdh, Mo Dhia, mo Dhia, carson a thrèig thu mi?
47Agus air cluinntinn sin do chuid dhiubhsan a bha nan seasamh an sin, thubhairt iad, Tha am fear seo a’ ghlaodhaich air Elias.
48Agus air ball ruith aon dhiubh, agus ghabh e spong, agus lìon e de fhìon-geur i, agus air dha a cur air slait chuilce, thug e dha ra òl.
49Ach thubhairt càch, Leig dha, faiceamaid an tig Elias ga thèarnadh.
50Agus nuair a dh’èigh Iosa a‑rìs le glaodh mòr, thug e suas a spiorad.
51Agus, feuch, reubadh brat-roinn an teampaill na dhà chuid o mhullach gu ìochdar; agus chriothnaich an talamh, agus sgoilteadh na creagan:
52Agus dh’fhosgladh na h‑uaighean, agus dh’èirich mòran de chuirp nan naomh, a bha nan cadal,
53Agus chaidh iad a‑mach as na h‑uaighean an dèidh a aiseirigh-san, agus chaidh iad a‑steach don bhaile naomh, agus nochdadh iad do mhòran.
54A‑nis, nuair a chunnaic an ceannard-ceud, agus iadsan a bha maille ris a’ coimhead Iosa, a’ chrith-thalmhainn, agus na nithean eile a rinneadh, ghabh iad eagal mòr, ag ràdh, Gu fìrinneach b’e seo Mac Dhè.
55Agus bha an sin mòran bhan (ag amharc am fad) a lean Iosa o Ghalile, a’ frithealadh dha:
56Am measg an robh Muire Magdalen, agus Muire, màthair Sheumais agus Iòseis, agus màthair clann Shebede.
57Agus air teachd don fheasgar, thàinig duine saoibhir o Arimatèa, dom b’ainm Iòseph, a bha e fhèin na dheisciobal aig Iosa mar an ceudna.
58Chaidh esan gu Pilat, agus dh’iarr e corp Iosa: an sin dh’àithn Pilat an corp a thabhairt dha.
59Agus ghlac Iòseph an corp, agus phàisg e ann an lìon-aodach fìorghlan e,
60Agus chuir e e na uaigh nuaidh fhèin, a chladhaich e ann an carraig. Agus charaich e clach mhòr gu doras na h‑uaighe, agus dh’imich e roimhe.
61Agus bha Muire Magdalen agus a’ Mhuire eile nan suidhe fa chomhair na h‑uaighe.
62A‑nis air an là màireach, an là an dèidh an ullachaidh, chruinnicheadh na h‑àrd-shagartan agus na Pharasaich gu Pilat,
63Ag ràdh, A thighearna, is cuimhne leinn nuair a bha am mealltair ud fhathast beò, gun dubhairt e, Eiridh mi an dèidh trì làithean.
64Òrdaich, uime sin, an uaigh a bhith air a coimhead gu cinnteach gus an treas là, air eagal gun tig a dheisciobail anns an oidhche, agus gun goid iad leo e, agus gun abair iad ris an t‑sluagh, Dh’èirich e o na mairbh: agus mar sin bidh am mearachd dheireannach nas miosa na an ciad mhearachd.
65Thubhairt Pilat riu, Tha faire agaibh; imichibh, dèanaibh an uaigh cho tèarainte is as aithne dhuibh.
66Agus dh’imich iad, agus rinn iad an uaigh cinnteach, a’ cur seula air a’ chloich, maille ri faire.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Learn More About Am Bìoball Gàidhlig 1992