YouVersion Logo
Search Icon

Mata 22

22
1Agus fhreagair Iosa, agus labhair e riu a‑rìs ann an cosamhlachdan, ag ràdh,
2Is cosmhail rìoghachd nèimh ri rìgh àraidh, a rinn cuirm phòsaidh da mhac fhèin;
3Agus chuir e a sheirbhisich a ghairm na muinntir a fhuair cuireadh a‑chum na bainnse: ach cha b’àill leòsan teachd.
4A‑rìs, chuir e dan ionnsaigh seirbhisich eile, ag ràdh, Abraibh-se ris a’ mhuinntir don tugadh cuireadh, Feuch, dheasaich mi mo dhìnnear: tha mo dhaimh agus mo sprèidh bhiadhte air am marbhadh, agus tha na h‑uile nithean ullamh; thigibh a‑chum na bainnse.
5Ach chuir iadsan an suarachas e, agus dh’imich iad romhpa, fear dhiubh gu a fhearann, agus fear eile a‑chum a cheannachd:
6Agus rug a’ chuid eile dhiubh air a sheirbhisich, agus thug iad masladh dhaibh, agus mharbh iad iad.
7Ach nuair a chuala an rìgh seo ghabh e fearg; agus chuir e a armailtean uaithe, agus sgrios e an luchd-mortaidh sin, agus loisg e am baile-san.
8An sin thubhairt e ra sheirbhisich, Gu fìrinneach tha a’ bhanais ullamh; gidheadh an dream a fhuair cuireadh, cha b’airidh iad air.
9Air an adhbhar sin imichibh-se gus na rathaidean mòra, agus a mheud is a gheibh sibh, cuiribh iad a‑chum na bainnse.
10Agus chaidh na seirbhisich sin a‑mach air na rathaidean, agus chruinnich iad gach uile neach a fhuair iad eadar olc agus mhath: agus lìonadh taigh na bainnse le muinntir a shuidh a‑chum bìdh.
11Agus air dol a‑steach don rìgh a dh’fhaicinn nan aoidhean, chunnaic e an sin duine aig nach robh trusgan na bainnse uime:
12Agus thubhairt e ris, A charaid, cionnas a thàinig thusa a‑steach an seo, gun trusgan na bainnse umad? Ach dh’fhan esan na thosd.
13An sin thubhairt an rìgh ris na seirbhisich, Air a cheangal dhuibh eadar chasan agus làmhan, togaibh leibh e, agus tilgibh e anns an dorchadas iomallach: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal.
14Oir tha mòran air an gairm, ach beagan air an taghadh.
15An sin dh’imich na Pharasaich, agus ghabh iad comhairle cionnas a dh’fhaodadh iad esan a ribeadh na chainnt.
16Agus chuir iad da ionnsaigh an deisciobail fhèin maille ri luchd-leanmhainn Heroid, ag ràdh, A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thusa fìor, agus gu bheil thu a’ teagasg slighe Dhè ann am fìrinn, agus nach eil suim agad de dhuine sam bith: oir chan eil thu ag amharc air pearsa dhaoine.
17Uime sin innis dhuinne do bharail, A bheil e ceadaichte cìs a thabhairt do Chèasar, no nach eil?
18Ach air tuigsinn am mìoruin do Iosa, thubhairt e, Carson a tha sibh gam bhuaireadh, a chealgairean?
19Nochdaibh dhòmhsa airgead na cìse. Agus thug iad da ionnsaigh pèighinn.
20Agus thubhairt e riu, Cò dha a bhuineas an dealbh seo, agus an sgrìobhadh a tha ma thimcheall?
21Thubhairt iadsan ris, Do Chèasar. An sin thubhairt esan riu, Thugaibh uime sin do Chèasar na nithean as le Cèasar; agus do Dhia na nithean as le Dia.
22Agus nuair a chuala iad seo, ghabh iad iongantas, agus dh’fhàg iad e, agus dh’imich iad romhpa.
23Air an là sin fhèin thàinig da ionnsaigh na Sadusaich, a their nach eil aiseirigh ann, agus chuir iad ceist air.
24Ag ràdh, A Mhaighistir, thubhairt Maois, Ma gheibh duine bàs gun chlann aige, gur còir da bhràthair a bhean-san a phòsadh de dhlighe dàimhe, agus sliochd a thogail da bhràthair.
25A‑nis bha seachdnar bhràithrean nar measg-ne; agus air don chiad fhear dhiubh bean a phòsadh, fhuair e bàs, agus do bhrìgh nach robh sliochd aige, dh’fhàg e a bhean da bhràthair.
26Agus thachair mar an ceudna don dara, agus don treas bràthair, gu ruig an seachdamh.
27Agus nan dèidh uile fhuair a’ bhean bàs mar an ceudna.
28Air an adhbhar sin, anns an aiseirigh cò den t‑seachdnar dom bean i? Oir bha i aca uile.
29Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Tha sibh air seachran, gun eòlas agaibh air na sgriobtairean, no air cumhachd Dhè:
30Oir anns an aiseirigh cha dèan iad pòsadh, cha mhò a bheirear ann am pòsadh iad; ach tha iad mar aingil Dhè air nèamh.
31Ach mu thimcheall aiseirigh nam marbh, nach do leugh sibh an nì sin a labhradh ribh le Dia, ag ràdh,
32Is mise Dia Abrahàim, agus Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib? Chan e Dia Dia nam marbh, ach nam beò.
33Agus nuair a chuala am poball seo, ghabh iad iongantas ra theagasg-san.
34Ach nuair a chuala na Pharasaich gun do chuir e na Sadusaich nan tosd, chruinnicheadh iad an ceann a chèile.
35An sin chuir neach àraidh dhiubh, a bha na fhear-teagaisg an lagha, ceist air, ga dhearbhadh, agus ag ràdh,
36A Mhaighistir, cia i an àithne as mò anns an lagh?
37Thubhairt Iosa ris, Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, agus led uile inntinn.
38Is i seo a’ chiad àithne agus an àithne mhòr.
39Agus is cosmhail an dara rithe seo, Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin.
40Air an dà àithne seo tha an lagh uile agus na fàidhean an crochadh.
41Ach air do na Pharasaich a bhith cruinn an ceann a chèile, dh’fheòraich Iosa dhiubh,
42Ag ràdh, Ciod i ur barail-se mu thimcheall Chrìosd? Cò dom mac e? Thubhairt iadsan ris, Do Dhaibhidh.
43Thubhairt esan riu, Cionnas mas eadh a ghoireas Daibhidh anns an spiorad a Thighearna dheth, ag ràdh,
44Thubhairt an Tighearna rim Thighearna, Suidh air mo làimh dheis, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan?
45Air an adhbhar sin, ma ghoireas Daibhidh a Thighearna dheth, cionnas as mac dha e?
46Agus cha b’urrainn aon neach freagradh sam bith a thabhairt air; cha mhò a bha chridhe aig aon neach, on là sin suas, nì air bith fheòrach dheth.

Currently Selected:

Mata 22: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy