Hagai 1
1
1Ann an dara bliadhna Dhariuis an rìgh, anns an t‑siathamh mìos, air a’ chiad là den mhìos, thàinig facal an Tighearna le Hagai am fàidh gu Serubabel mac Shealtieil, uachdaran Iùdah, agus gu Iosuah mac Iosedeich, an t‑àrd-shagart, ag ràdh.
2Mar seo labhair Tighearna nan sluagh, ag ràdh, Thubhairt an sluagh seo, Cha tàinig an t‑àm gu taigh an Tighearna a thogail.
3An sin thàinig facal an Tighearna le Hagai am fàidh, ag ràdh,
4An àm dhuibhse, O sibhse, còmhnaidh a ghabhail nur taighean maiseach, agus an taigh seo na fhàsach?
5A‑nis, matà, mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thugaibh fa‑near ur slighean.
6Chuir sibh mòran, agus is beag a thug sibh a‑steach; tha sibh ag ithe, ach chan eil gu leòr agaibh: tha sibh ag òl, ach chan eil sibh sàthach: tha sibh gur n‑èideadh, ach chan eil aon neach blàth: agus esan a tha a’ cosnadh tuarasdail, tha e ga chosnadh gu a chur ann an sporan tolltach.
7Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Thugaibh fa‑near ur slighean.
8Rachaibh suas a‑chum an t‑slèibh, agus thugaibh leibh fiodh, agus togaibh an taigh; agus gabhaidh mise tlachd ann, agus bidh mi air mo ghlòrachadh, deir an Tighearna.
9Bha sùil agaibh ri mòran, agus, feuch, thàinig e gu beagan; agus nuair a thug sibh dhachaigh e, shèid mise air. Carson? tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Airson mo thaighe a tha fàs, agus sibhse a’ ruith gach duine gu a thaigh fhèin.
10Air an adhbhar sin chùm na nèamhan os ur cionn air ais an drùchd, agus ghlèidh an talamh a thoradh.
11Agus ghairm mise tart air an fhearann, agus air na slèibhtean, agus air an arbhar, agus air an fhìon nuadh, agus air an ola; agus air gach nì a bheir an talamh a‑mach: agus air duine, agus air ainmhidh; agus air uile shaothair nan làmh.
12An sin thug Serubabel mac Shealtieil, agus Iosuah mac Iosedeich, an t‑àrd-shagart, leis a’ chuid eile den t‑sluagh uile, gèill do ghuth an Tighearna an Dia, agus do bhriathran Hagai am fàidh (mar a chuir an Tighearna an Dia fios leis), agus bha eagal air an t‑sluagh ron Tighearna.
13An sin labhair Hagai, teachdaire an Tighearna, ann an teachdaireachd an Tighearna, ris an t‑sluagh, ag ràdh, Tha mise leibh, deir an Tighearna.
14Agus dhùisg an Tighearna spiorad Sherubabeil mhic Shealtieil, uachdaran Iùdah, agus spiorad Iosuah mhic Iosedeich, an t‑àrd-shagart, agus spiorad na cuid eile den t‑sluagh uile; agus thàinig iad, agus rinn iad obair ann an taigh Tighearna nan sluagh, an Dia.
15Air a’ cheathramh-là‑fichead den t‑siathamh mìos, ann an dara bliadhna Dhariuis an rìgh.
Currently Selected:
Hagai 1: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017