YouVersion Logo
Search Icon

1 Peadar 4

4
1Uime sin, o dh’fhuiling Crìosd air ar son-ne anns an fheòil, armaichibh-se mar an ceudna sibh fhèin leis an inntinn cheudna: oir an tì a dh’fhuiling anns an fheòil, sguir e de pheacadh;
2A‑chum nach caitheadh e fuidheall aimsir anns an fheòil, a rèir ana-miannan dhaoine, ach a rèir toil Dhè.
3Oir is leòr dhuinn a’ chuid a chaidh seachad de aimsir ar beatha gu toil nan Cinneach a dhèanamh, nuair a shiubhail sinn ann am macnas, ann an ana-miannan, ann an anabarr fìona, ann an geòcaireachd, ann am pòiteireachd, agus ann an iodhal-adhradh ain-dligheach:
4Nì anns a bheil iad a’ gabhail iongantais, do bhrìgh nach eil sibhse a’ ruith maille riu anns an neò-mheasarrachd cheudna gun tomhas, a’ labhairt uilc umaibh:
5Muinntir a bheir cunntas dhàsan, a tha ullamh gu breith a thoirt air na beòthan agus air na mairbh.
6Oir is ann a‑chum na crìche seo a shearmonaicheadh an soisgeul dhaibhsan a tha marbh mar an ceudna, a‑chum gun tugte breith orra a rèir dhaoine anns an fheòil, ach gum biodh iad beò a rèir Dhè anns an Spiorad.
7Ach tha crìoch nan uile nithean am fagas: uime sin bithibh measarra, agus dèanaibh faire a‑chum ùrnaigh.
8Agus ro na h‑uile nithean biodh agaibh teas-ghràdh da chèile; oir cuiridh gràdh falach air mòran pheacaidhean.
9Thugaibh aoidheachd da chèile gun ghearan.
10A rèir mar a fhuair gach aon an tìodhlac, mar sin dèanaibh frithealadh da chèile, mar dheagh stiùbhardan air gràs eugsamhail Dhè.
11Ma labhras neach sam bith, labhradh e mar bhriathran Dhè; ma tha neach sam bith ri frithealadh, dèanadh e e mar on chomas a bheir Dia dha; a‑chum gum bi Dia air a ghlòrachadh anns na h‑uile nithean tre Iosa Crìosd: dhàsan gu robh glòir agus cumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen.
12A mhuinntir mo ghràidh, na biodh iongantas oirbh a‑thaobh na deuchainn theinntich, a thig oirbh a‑chum ur dearbhadh, mar gun tàrladh nì‑eigin neo-ghnàthach dhuibh:
13Ach do bhrìgh gu bheil sibh nur luchd-compàirt de fhulangasan Chrìosd, dèanaibh gàirdeachas; a‑chum mar an ceudna, ann an àm foillseachadh a ghlòire, gun dèan sibh gàirdeachas le aoibhneas ro‑mhòr.
14Ma mhaslaichear sibh airson ainm Chrìosd, is sona sibh; oir tha Spiorad na glòire agus Dhè a’ gabhail còmhnaidh oirbh; dan taobh-san gu deimhinn tha e a’ faotainn toibheim, ach dur taobh-se tha e air a ghlòrachadh.
15Ach na fuilingeadh aon agaibh mar mhortair, no mar ghadaiche, mo mar fhear droch-bheairt, no mar neach a ghabhas gnothach ri nithean nach buin dha.
16Gidheadh ma dh’fhuilingeas duine mar Chrìosdaidh, na biodh nàire air; ach thugadh e glòir do Dhia as a leth seo.
17Oir thàinig an t‑àm anns an tòisich breitheanas aig taigh Dhè: agus ma thòisicheas e againne, ciod as crìoch dhaibhsan a tha eas-umhail do shoisgeul Dhè?
18Agus mas ann air èiginn a thèarnar am fìrean, càit an taisbein an duine mì‑dhiadhaidh agus am peacach e fhèin?
19Uime sin, an dream a dh’fhuilingeas a rèir toil Dhè, earbadh iad an anaman ris-san ann an dèanamh maith, mar ri Cruithear dìleas.

Currently Selected:

1 Peadar 4: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy