Sailm Dhaibhidh 80
80
Salm 80
1Eisd, aodhair Israeil, a stiùir
Iòseph mar threud led làimh.
Thusa tha 'd thàmh measg cheruban,
dealraich a‑mach mu thràth.
2An làthair Ephraim 's Bheniàmin,
agus Mhanaseh fòs,
Dùisg-sa do chumhachd: agus thig
gar saoradh mar as nòs.
3Till sinn a‑rìs, a Dhè nam feart:
tog oirnne suas gu h‑àrd
Deagh dhealradh glan do ghnùise nis,
is saorar sinn led ghràs.
4Cia fhad, a Thighearna nan sluagh,
a leanas corraich riut,
Ri guidhe ghèir na muinntir sin
as poball dìleas dhut?
5Oir bheathaich thu do shluagh gu lèir
le aran deur is bròin:
Is tomhas saoibhir thug thu dhaibh
de dheuran goirt rin òl.
6Is rinn thu sinn mar adhbhar strì
dar coimhearsnachan fhèin:
Nar n‑adhbhar spòrs' is àbhachdais
dar n‑eascairdean gu lèir.
7Till sinn a‑rìs, O Dhè nan slògh;
tog oirnne suas gu h‑àrd
Deagh dhealradh glan do ghnùis a‑nis,
is saorar sinn led ghràs.
8Thug thu fìonain as an Èiphit:
na cinnich thilg thu mach,
Is shuidhich thus' an fhìonain ud
nan ionad siud fa seach.
9Rèitich thu àite dhi; is ghabh
i freumh gu daingeann teann,
Led bheannachadh; is lìonadh leath'
an tìr o cheann gu ceann.
10Na cnuic ro‑àrda dh'fhalaich i
le sgàil 's le dubhar fhèin:
A geugan bha a' cinneachdainn
mar sheudair àlainn rèidh.
11An dara taobh gu ruig an cuan
chuir i a‑mach a meòir;
An taobh ud eil' a geugan shìn
gu ruig an abhainn mhòir.
12A callaid cuim' a bhriseadh leat!
ionnas gu bheil gach neach
Thèid seachad air an rathad mhòr,
ga spìonadh leo fa seach.
13Tha 'n torc a thig on choille mach
ga fàsachadh gu lèir,
Tha beathaich allt' na machrach fòs
ga slugadh suas le chèil'.
14Till, guidhmid ort, a Dhè nan sluagh,
is seall o nèamh a‑nuas,
Feuch, agus fiosraich fhèin a‑nis
an fhìonain seo le truas:
15Am fìonlios sin a shuidhich thu,
le neart do làimhe deis':
'S am meangan ud a neartaich thu,
dhut fhèin le lùth is treis.
16Le lasair theine loisgeadh i,
is ghearradh i a‑nuas:
Làn-mhilleadh agus sgriosadh iad,
le achmhasan do ghnùis.
17Air fear do dheaslàimh fhèin, a Dhè,
gu robh do làmh gu treun:
Air mac an duin' a rinneadh leat
a neartachadh dhut fhèin.
18Mar sin cha till sinn uat a‑rìs;
ath-bheothaich sinn gach lò,
Is gairmidh sinn air d'ainm an sin,
an cian a bhios sinn beò.
19Till sinn a‑rìs, a Dhè nam feart,
is foillsich fhèin gu h‑àrd
Deagh dhealradh glan do ghnùis a‑nis,
is saorar sinn led ghràs.
Currently Selected:
Sailm Dhaibhidh 80: SD1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 1992.