YouVersion Logo
Search Icon

Sailm Dhaibhidh 68

68
Salm 68
1Eireadh ar Dia, is sgaoilear leis
an dream as naimhdean dha:
'S an aitim sin thug dhàsan fuath,
teicheadh o ghnùis gu bràth.
2Mar sgapar deatach, fuadaich iad:
mar leaghas teine cèir,
Mar sin gun sgriosar droch dhaoin' as
à fianais Dhè gu lèir.
3Ach gàirdeachas air daoine còir,
is aoibhneas gu robh ac'
Am fianais Dhè, le luathghair mhòir,
's iad suilbhir agus ait.
4Seinnibh do Dhia, sìor mholaibh 'ainm:
àrdaichibh 'n Tì a tha
Marcachd air nèamh, tre 'ainm-san IAH,
bibh ait na làth'r a‑ghnàth.
5Do dhìlleachdain is athair Dia;
do bhantraichean gun neart,
An taigh a naomhachd tha e ghnàth
na bhritheamh dìreach ceart.
6Suidhichidh Dia an teaghlaichean
an dream tha uaigneach truagh:
Is saoraidh e gu tròcaireach
na bheil fo chuibhrich chruaidh;
Ach meud 's a bhios gu h‑eucorach
ri ceannairc is ri lochd,
Nì iadsan còmhnaidh bhunaiteach
am fearann tioram bochd.
7Air ceann do shluaigh tràth dh'imich thu,
a Dhè, san fhàsach chruaidh,
8Chriothnaich an talamh, shil an speur,
an làthair Dhè nan sluagh:
Sliabh Shinài fhèin tha daingeann àrd,
chriothnaich is luaisg gu mòr,
An làthair Dhè, Dia Israeil,
tha urramach an glòir.
9Shil thusa, Thighearna, gu pailt
frasan a‑nuas gun dìth;
Is shuidhich agus dh'fhurtaich thu
air d'oighreachd, is i sgìth.
10Bha fòs do choitheanal 's do shluagh
nan còmhnaidh innt', a Dhè,
Ded mhaitheas rinn thu deasachadh
dod dhaoine bochda fhèin.
11An Tighearna tha làidir treun,
leig e a ghuth a‑mach,
'S a' chuideachd sin a dh'fhoillsich e
bu lìonmhor iomarcach.
12Rìghrean nan armailtean 's nam feachd,
an sin le deifir theich:
'S ise a dh'fhuirich aig an taigh,
bha i a' roinn na creich'.
13Measg phota laigh sibh, ach bidh sibh
mar sgiath nan calman luath,
Falaicht' le airgead, is an cleit'
le òr as deirge snuadh.
14Tràth sgaoil Dia uile-chumhachdach
na rìghrean innt' a‑steach:
'N sin bha i geal mar Shalmon àrd,
's i uile làn de shneachd.
15An sliabh ud, Dhè, is cosmhail e,
ri Basan measg nam beann,
Mar Bhasan mòr is amhlaidh e,
gu h‑àrd a thog a cheann.
16Carson a leum sibh, bheanntan àrd?
's e seo àrd-thulach Dhè,
Am miann leis tàmh, is bithidh e
na chòmhnaidh ann gach rè.
17Tha carbaid Dhè nam fichead mìl';
mìltean de ainglean treun':
Na theampall naomh tha Dia nam measg
ionann 's na Shinài fhèin.
18Is chaidh thu suas air ionad àrd,
thug bruid am braighdeanas,
Do dhaoine fhuair thu tìodhlacan,
len dèan thu toirbheartas:
'S ann cheana fòs don mhuinntir ud
ro‑cheannairceach a tha,
A‑chum gum biodh Iehòbhah Dia
na chòmhnaidh ac' a‑ghnàth.
19Dia guma beannaicht' gu robh e,
tha dòrtadh oirnn gach lò
A thìodhlacan; 's e Dia ar slàint',
an Dia a chùm sinn beò.
20Is leinn an Dia tha làidir treun,
nì cobhair anns gach càs:
Do Dhia Iehòbhah buinidh fòs
làn-teasairginn on bhàs.
21Ach ceann a naimhdean brisidh Dia,
is claigeann greannach cruaidh
An fhir a dh'imicheas gu dàn
na chionta fhèin gach uair.
22Deir Dia, Bheir mise air an ais
mo shluagh o Bhasan àrd;
'S o dhoimhneachd fairge bheir mi rìs,
a‑nìos iad le mòr-bhàigh.
23Chum ann am fuil do naimhdean dian,
do chos gun dèanar dearg,
'S gun tumar fòs nam fuil-san fhèin
teanga do mhadradh garg'.
24Do thriall-sa chunnaic iad, a Dhè,
a Thighearna ro‑chaoimh,
'S e triall mo Thighearn is mo Rìgh,
's ann anns an àros naomh.
25Luchd-òrain dh'imich iad air tùs,
luchd inneil-ciùil a ris:
Nam measg a' bualadh thiompan fòs
na maighdeannan gu mìn.
26Dèanaibh-sa Dia a bheannachadh,
nur coitheanal le chèil',
Eadhon Iehòbhah Dia nam feart,
o thobar Israèil.
27Beniàmin beag len triath an siud,
bha prionnsan Iùdah ann,
Len comhairl', prionnsan Naphtali,
is prionnsan Shebuluin.
28Do Dhia 's e dh'àithn is dh'òrdaich dhut
do neart is fòs do threòir:
An gnìomh a rinn thu air ar son
neartaich, a Dhè na glòir'.
29Airson do theampaill naoimh, a Dhè,
tha aig Ierusalem,
Do bheir na rìghrean tha mun cuairt
deagh thìodhlacan dhut fhèin.
30Thoir achmhasan do luchd nan sleagh,
's do chuideachd mhòir nan tarbh,
Do laoghan fòs a' phobaill ud,
thoir achmhasan gu garbh.
Le mìrean airgid gus an gèill
iad siud gu lèir dod smachd:
Sgaoil thus' am poball ud, a Dhè,
a ghabh don chogadh tlachd.
31Thig prionnsan mòr' on Eiphit mach,
's nì Etiopia fòs
A làmhan shìneadh mach gu luath
suas ri Ard-Rìgh na glòir'.
32O rìoghachdan an domhain mhòir,
seinnibh do Dhia gu grinn;
Don Dia as Rìgh 's as Tighearn ann,
seinnibh-sa moladh binn;
33Don mharcach àrd air nèamh nan nèamh,
tha ann on aimsir chèin:
Feuch, tha e cur a‑mach a ghuth',
a ghuth tha làidir treun.
34Sìor thugaibh neart do Dhia: oir tha
a ghlòir thar Israèl,
'S a threis a ta 's na nèamhan àrd
's an neulan tiugh' nan speur.
35Od naomh-thaigh 's uamhasach thu, Dhè:
Dia Israeil gu beachd,
Da phoball bheir sàr-neart is treòir:
's beannaichte Dia nam feart.

Currently Selected:

Sailm Dhaibhidh 68: SD1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy